Air fhoillseachadh:
Tàbhachdach: 1ad dhen Chèitean 2018
Aonta seirbheisean Microsoft
Ur prìobhaideachdUr prìobhaideachd1_YourPrivacy
Gearr-chunntas

1. Ur prìobhaideachd. Tha do phrìobhaideachd cudromach dhuinn. Leugh aithris prìobhaideachd Microsoft (an “aithris prìobhaideachd”) on a tha i a’ mìneachadh na seòrsaichean de dhàta a chruinnicheas sinn uat agus o na h-uidheaman agad (“dàta“), mar a chleachdas sinn an dàta agad agus dè a’ bhun-stèidh laghail againn airson an dàta agad a phròiseasadh. Mìnichidh an aithris prìobhaideachd cuideachd mar a chleachdas Microsoft an t-susbaint agad agus ’s e seo do chonaltradh le càch; postaichean a chuir thu a-null gu Microsoft slighe nan seirbheisean; agus na faidhlichean, dealbhan, sgrìobhainnean, fuaimean, obraichean digiteach, sruthan beòtha agus videothan a luchdaicheas tu suas, a ghlèidheas, a chraolas no a cho-roinneas tu slighe nan seirbheisean (“an t-susbaint agad“). Far a bheil pròiseasadh stèidhichte air aonta agus gun ìre a cheadaicheas an lagh, ma ghabhas tu ris na teirmichean seo, bidh thu ag aontachadh gun urrainn dha Microsoft an t-susbaint agus an dàta agad a chruinneachadh, a chleachdadh is a nochdadh mar a mhìnicheas an aithris prìobhaideachd. Ann an cuid a shuidheachaidhean, bheir sinn brath fa leth dhut gus d’ aonta iarraidh mar a tha ga mhìneachadh san aithris prìobhaideachd.

An teacsa slàn
An t-susbaint agaibhAn t-susbaint agaibh2_yourContent
Gearr-chunntas

2. An t-susbaint agaibh. Leigidh mòran de na seirbheisean againn leibh an t-susbaint agaibh a ghlèidheadh no a cho-roinneadh no stuth fhaighinn o chàch. Cha tagair sinn gur ann leinne a bhiodh an t-susbaint agaibh. Is ann leibhse a bhios an t-susbaint agaibh agus is ann leibhse a tha uallach air a son.

  • a. Nuair a cho-roinneas tu an t-susbaint agad le càch, aontaichidh tu gu follaiseach gum faod duine sam bith leis an do cho-roinn thu an t-susbaint agad a cleachdadh, a sàbhaladh, a clàradh, a h-ath-dhèanamh, a craoladh, a tar-chur, a co-roinneadh, a taisbeanadh agus a conaltradh (agus air HealthVault, a sguabadh às) an-asgaidh is air feadh an t-saoghail. Mur eil sibh airson ’s gur urrainn do chàch sin a dhèanamh, na cleachdaibh na seirbheisean gus an t-susbaint agaibh a cho-roinneadh. Tha sibh a’ cur an cèill ’s a’ barantachadh rè ùine nan teirmichean seo gu bheil (agus gum bi) na còraichean iomchaidh agaibh a thaobh na susbainte agaibh a tha ga luchdadh suas, ga glèidheadh no ga co-roinneadh air no slighe nan seirbheisean agus nach bi cruinneachadh, cleachdadh no cumail na susbainte agaibh slighe nan seirbheisean a’ briseadh lagh no còir càich. Mholamaid dhuibh gu mòr lethbhreacan-glèidhidh a dhèanamh den t-susbaint agaibh gu cunbhalach. Chan ann air Microsoft a bhios an t-uallach a thaobh na susbainte agad no an stutha a luchdaicheas càch suas, a ghleidheas iad no a cho-roinneas iad slighe nan seirbheisean againn.
  • b. Air an ìre a bhios e riatanach a chum solar nan seirbheisean dhuibh is do chàch (a dh’fhaodas gabhail a-steach atharrachadh air meud, cruth no fòrmat na susbainte agaibh gus a glèidheadh is a taisbeanadh dhuibh ann an dòigh as fhearr), a chum sibh fhèin is na seirbheisean a dhìon agus a chum piseach a chur air bathar is seirbheisean Microsoft, tha sibh a’ buileachadh ceadachas seilbh inntleachdail air feadh an t-saoghail agus saor o thàillean do Microsoft gus an t-susbaint agaibh a chleachdadh, can gus lethbhreacan dhi a dhèanamh, a cumail, a tar-chur, fòrmat ùr a chur oirre, a sgaoileadh slighe innealan conaltraidh agus a taisbeanadh air na seirbheisean. Ma dh’fhoillsicheas sibh an t-susbaint agaibh air raointean na seirbheise far am bi i ri faighinn air loidhne gu poblach no gun chuingeachadh, dh’fhaoidte gun nochd an t-susbaint agaibh ann am fianaisean no stuthan a bhrosnaicheas an t-seirbheis. Gheibh cuid de na seirbheisean teachd a-steach o shanasachd. ’S urrainn dhuibh smachd a chumail air an t-sanasachd phearsanaichte le Microsoft air an duilleig Tèarainteachd ⁊ prìobhaideachd air làraich-lìn stiùireadh nan cunntasan Microsoft. Cha chleachd sinn na chanas sibh ann am post-d, cabadaich, gairm video no post-gutha no na sgrìobhainnean, dealbhan no faidhlichean pearsanta eile agaibh gus sanasachd a phearsanachadh dhuibh. Gheibh sibh mion-fhiosrachadh air na poileasaidhean sanasachd againn san aithris prìobhaideachd.
An teacsa slàn
An còd giùlainAn còd giùlain3_codeOfConduct
Gearr-chunntas

3. An còd giùlain.

  • a. Chan eil susbaint, stuth no gnìomh a bhriseas na teirmichean seo ceadaichte. Nuair a ghabhas sibh ris na teirmichean seo, bidh sibh fo dhleastanas gus leantainn air na riaghailtean seo:
    • i. Na dèanaibh rud sam bith mì-laghail.
    • ii. Na rachaibh an sàs gnìomhachd sam bith a dhubh-shaothraicheas clann, a chuireas cron orra no a bhagras cron orra.
    • iii. Na cuiribh spama. Tha spama a’ ciallachadh àireamh mhòr de phuist-d, puist no grad-theachdaireachd gun iarraidh no nach deach an iarraidh.
    • iv. Na taisbean gu poblach agus na cleachd na seirbheisean gus susbaint no stuth eile mì-iomchaidh (a ghabhas a-steach lomnochd, ainmh-fheise, pòrnografachd, dorch-chainnt, ainneart grafaigeach no gnìomh eucorach, mar eisimpleir) a cho-roinneadh.
    • v. Na rach an sàs gnìomhachd sam bith a tha foilleil, cealgach no mealltach (can airgead iarraidh air daoine air dòigh chealgach, a’ leigeil oirbh gur e cuideigin eile a tha annaibh, làimhseachadh nan seirbheisean gus cunntadh cluiche a mheudachadh no buaidh a thoirt air rangachaidhean no beachdan).
    • vi. Na seachnaichibh a dh’aona-ghnothach cuingeachadh sam bith air inntrigeadh no cothrom air na seirbheisean.
    • vii. Na rachaibh an sàs gnìomhachd sam bith a nì cron air oirbh fhèin, air an t-seirbheis no air daoine eile (can tar-chur bhìorasan, dlùth-leantainn, postadh susbaint ceannaircich, gràin-chainnt no a’ moladh ainneart an aghaidh dhaoine eile).
    • viii. Na brisibh a-steach air còraichean càich (can co-roinneadh ciùil no stuith eile fo chòir-lethbhreac no ath-reic no sgaoileadh eile de mhapaichean Bing no dealbhan gun ùghdarrachadh).
    • ix. Na rachaibh an sàs gnìomhachd a bhriseas a-steach air prìobhaideachd dhaoine eile.
    • x. Na cuidichibh càch le briseadh nan riaghailtean seo.
  • b. Èigneachadh. Tha sinn a’ glèidheadh na còrach susbaint sam bith agad a dhiùltadh ma thèid i thar na crìochan stòrais no meud ceadaichte nam faidhle a tha ceadaichte airson na seirbheise. A bharrachd air sin, ma bhriseas tu gin de na dleastanasan agad a tha gam mìneachadh san earran 3(a) gu h-àrd no ma nì thu briseadh cudromach air na teirmichean seo ann an dòigh sam bith eile, faodaidh sinn tionndadh gu gnìomh nad aghaidh, a’ gabhail a-steach (gun chuingeachadh) nach solar sinn seirbheis dhut tuilleadh no gun dùin sinn an cunntas Microsoft agad sa bhad ri linn adhbhair mhaith no gum bac sinn lìbhrigeadh conaltraidh (a leithid post-d, co-roinneadh fhaidhlichean no grad-theachdaireachd) gu no o na seirbheisean. Tha sinn a’ glèidheadh na còrach cuideachd gun toir sinn air falbh no gum bac sinn an t-susbaint agad o na seirbheisean uair sam bith ma chaidh ar n-aire a thoirt air gum b’ urrainn dhi lagh iomchaidh no na teirmichean seo a bhriseadh. Fad ’s a nì Microsoft sgrùdadh air casaid briseadh nan teirmichean seo, tha sinn a’ glèidheadh na còrach gun toireamaid sùil air an t-susbaint agaibh gus a’ chùis fhuasgladh. Co-dhiù no co-dheth, cha chum sinn sùil air na seirbheisean agus chan fheuch sinn ri seo a dhèanamh.
  • c. Iomchaidheachd dha sheirbheisean Xbox. Briogaibh an-seo airson barrachd fiosrachaidh air mar a bhios an còd giùlain seo an sàs air Xbox Live, Games for Windows Live agus geamannan Microsoft Studios, aplacaidean, seirbheisean is susbaint ga sholar le seirbheisean Microsoft. Ma bhriseas tu an còd giùlain slighe seirbheisean XBox (mar a mhìnich sinn ann an earrann 13(a)(i)), dh’fhaoidte gun tèid do chur à rèim no a thoirmeasg o chleachdadh seirbheisean Xbox, a’ gabhail a-steach for-ghèilleadh cheadachasan susbainte, ùine ballrachd Xbox Gold agus balansan cunntas Microsoft a tha co-cheangailte ris a’ chunntas.
An teacsa slàn
Cleachdadh nan seirbheisean ⁊ na taiceCleachdadh nan seirbheisean ⁊ na taice4_usingTheServicesSupport
Gearr-chunntas

4. Cleachdadh nan seirbheisean ⁊ na taice.

  • a. Cunntas Microsoft. Le mòran de na seirbheisean, bidh feum agad air cunntas Microsoft gus an inntrigeadh. Leigidh an cunntas Microsoft agad leat clàradh a-steach air bathar, làraichean-lìn agus seirbhisean a tha gan solar le Microsoft agus cuid a chom-pàirtichean aig Microsoft.
    • i. Cruthachadh cunntais. ’S urrainn dhut cunntas Microsoft a chruthachadh le clàradh air loidhne. Aontaichidh tu nach cleachd thu fiosrachadh fallsa, cearr no mealltach nuair a chlàraicheas tu airson cunntas Microsoft. Ann an cuid a shuidheachaidhean, dh’fhaoidte gun do shònraich treas-phàrtaidh, can solaraiche seirbheis eadar-lìn, cunntas Microsoft dhut. Ma fhuair sibh an cunntas Microsoft agaibh o threas-phàrtaidh, faodaidh gum bi còraichean a bharrachd aig an treas-phàrtaidh air a’ chunntas agaibh, mar eisimpleir an comas gus an cunntas Microsoft agaibh inntrigeadh no a sguabadh às. Thoiribh sùil air teirmichean a bharrachd sam bith a thug an treas-phàrtaidh dhuibh o nach ann air Microsoft a tha an t-uallach a thaobh nan teirmichean a bharrachd sin. Ma chruthaicheas tu cunntas Microsoft às leth eintiteis, can a’ ghnìomhachais no fhastaiche agad, bidh thu a’ cur an cèill gu bheil ùghdarras laghail agad gus toirt air an eintiteas seo gèilleadh ris na teirmichean seo. Chan urrainn dhut fiosrachadh a’ chunntais Microsoft Microsoft agad a ghluasad gu cleachdaiche no eintiteas eile. A chum dìon a’ chunntais agad, cum fiosrachadh a’ chunntais agus am facal-faire agad dìomhair. ’S ann ortsa a bhios an t-uallach airson gach gnìomhachd a thachras fon chunntas Microsoft agad.
    • ii. Cleachdadh a’ chunntais. Feumaidh tu an cunntas Microsoft agad a chleachdadh gus a chumail gnìomhach. Is ciall dha seo gum bidh agaibh ri clàradh a-steach aon turas gach còig bliadhnaichean air a’ char as lugha gus an cunntas Microsoft agaibh agus na seirbheisean co-cheangailte ris a chumail gnìomhach ach ma tha thathar ga sholar ann an dòigh eile am broinn tairgse airson pàirt air airgead nan seirbheisean no mar a dh’iarras an lagh. Mura clàraich sibh a-steach rè na h-ùine seo, saoilidh sinn gu bheil an cunntas Microsoft agaibh neo-ghnìomhach agus dùinidh sinn e às ur leth. Thoiribh sùil air Earrann 4(a)(iv)(2) airson builean cunntais Microsoft dhùinte. Feumaidh sibh clàradh a-steach dhan bhogsa a-steach Outlook.com agaibh agus dhan OneDrive agaibh (gach fear fa leth) aon turas gach bliadhna air a char as lugha air neo dùinidh sinn am bogsa a-steach Outlook.com agus an OneDrive agaibh às ur leth. Feumaidh tu clàradh a-steach air seirbheisean Xbox co-dhiù aon turas gach còig bliadhna gus an taga-geamair agad a chumail co-cheangailte ris a’ chunntas Microsoft agad. Ma ghabh sinn amharas ciallach gu bheil an cunntas Microsoft agad ga chleachdadh le treas-phàrtaidh gu cealgach (can mar thoradh air briseadh a-steach air a’ chunntas), faodaidh Microsoft an cunntas agad a chur à rèim gus am faigh thu do shealbh air ais air. A-rèir dòigh a cho-rèiteachaidh, dh’fhaoidte gum bi againn ris an inntrigeadh air cuid dhen t-susbaint agaibh no air a h-uile gin dheth a chur à comas. Ma tha duilgheadas agad le inntrigeadh a’ chunntais Microsoft agad, tadhail air an làrach-lìn ud (https://go.microsoft.com/fwlink/?LinkId=238656).
    • iii. A’ chlann agus cunntasan. Leis a’ chlàradh, tha thu a’ cur an cèill gu bheil thu “nad inbheach” far a bheil thu a’ fuireach no gun do dh’aontaich pàrant no neach-glèidhidh laghail agad gu dligheach gun gèill e ri teirmichean an aonta seo. Mur eil fhios agad a bheil thu nad inbheach far a bheil thu no mur eil thu a’ tuigsinn na h-earrainn seo, na cruthaich cunntas Microsoft mus d’fhuair thu cuideachadh is aonta o do phàrant no on neach-ghlèidhidh laghail agad. Mas e pàrant no neach-glèidhidh laghail aig mion-aoiseach a tha a’ cruthachadh cunntas Microsoft a tha annad, gabhaidh tu fhèin agus am mion-aoiseach gu bheil sibh fo bhuaidh nan teirmichean seo agus is ann ortsa a bhios uallach a thaobh sùil a chumail air cleachdadh a’ chunntais Microsoft no nan seirbheisean, a’ gabhail a-steach rudan a cheannaichear, co-dhiù a bheil cunntas a’ mhion-aoisich air fhosgladh mu thràth no ma thèid a chruthachadh às a dhèidh seo.
    • iv. Dùnadh a’ chunntais agaibh.
      • 1. A bharrachd air còir sam bith a bhios agad gus sgur dheth mar a tha ga mhìneachadh san earrann “Poileasaidh ath-dhìolaidh” gu h-ìosal (earrann 9(g)), ’s urrainn dhut crìoch a chur air seirbheis shònraichte no an cunntas Microsoft agad a dhùnadh uair sam bith agus air adhbhar sam bith. Gus an cunntas Microsoft agaibh a dhùnadh, tadhailibh air https://go.microsoft.com/fwlink/p/?linkid=618278. Nuair a dh’iarras sibh oirnn an Microsoft agaibh a dhùnadh, cumaidh sinn ann an staid “à rèim” e fad 60 latha air eagal gun cuir sibh a chaochladh romhaibh an uairsin. Às dèidh an 60 latha seo, thèid an cunntas Microsoft agad a dhùnadh. Faic an earrann 4(a)(iv)(2) gu h-ìosal airson mìneachadh air mar a thachras nuair thèid an cunntas Microsoft agad a dhùnadh. Ma chlàraicheas tu a-steach a-rithist rè an 60 latha sin, thèid an cunntas Microsoft agad ath-ghnìomhachadh.
      • 2. Ma thèid an cunntas Microsoft agad a dhùnadh (ge b’ e thusa no sinne a nì seo), tachraidh rud no dhà. Sa chiad dol a-mach, cha bhi còir agad na seirbheisean inntrigeadh leis a’ chunntas Microsoft agad tuilleadh. A bharrachd air sin, sguabaidh sinn às an dàta no susbaint agad a tha co-cheangailte ris a’ chunntas Microsoft agad no brisidh sinn an ceangal eadar an t-susbaint no dàta seo agus thu fhèin agus an cunntas Microsoft agad air dòigh eile (mur eil an lagh a’ toirt oirnn a chumail, a thilleadh no a thar-chur dhut-sa no do threas-phàrtaidh a dh’ainmicheas tusa). Mar thoradh air seo, dh’fhaoidte nach fhaigh thu cothrom air gin dhe na seirbheisean (no an t-susbaint agad a ghlèidh thu air na seirbheisean sin) a dh’iarras cunntas Microsoft tuilleadh. Bu chòir do phlana lethbhreacan-glèidhidh cunbhalach a bhith agaibh. Agus mu dheireadh thall, dh’fhaoidte gun caill thu inntrigeadh do bhathar a shealbhaich thu.
  • b. Cunntasan obrach no sgoile. ’S urrainn dhut clàradh a-steach gu cuid a sheirbheisean Microsoft le post-d sgoile no obrach. Ma nì thu seo, aontaichidh tu gum bi smachd is comas stiùiridh aig sealbhadair na h-àrainn a tha co-cheangailte ris an t-seòladh phuist-d agad agus faodaidh gum bi cead aca air an dàta agad, a’ gabhail a-staigh susbaint a’ chonaltraidh agad is na faidhlichean agad agus gum faod Microsoft fios a chur gu sealbhadair na h-àrainn ma bhris cuideigin a-steach air a’ chunntas no air an dàta. Aontaichidh tu cuideachd gum bi do chleachdadh air seirbheisean Microsoft fo bhuaidh nan aontachaidhean a tha eadar Microsoft agus thu fhèin no am buidheann agad agus dh’fhaoidte nach bi na teirmichean seo an sàs. Ma tha cunntas Microsoft agad mu thràth agus ma chleachdas tu post-d sgoile no obrach fa leth gus seirbheisean inntrigeadh a tha fo chòmhdadh nan teirmichean seo, dh’fhaoidte gun tèid iarraidh ort gun ùraich thu an seòladh puist-d a tha co-cheangailte ris a’ chunntas Microsoft agad ach an cum thu ag inntrigeadh nan seirbheisean sin.
  • c. Uidheamachd a bharrachd/Planaichean dàta. Le cuid mhòr de na seirbheisean, bidh feum agad air ceangal dhan eadar-lìon agus/no plana dàta fòn-làimhe gus an cleachdadh. Dh’fhaoidte gum bi sibh feumach air uidheamachd a bharrachd cuideachd, can headset, camara no micreofon. ’S ann oirbhse a bhios an t-uallach gus a h-uile ceangal, plana agus/no uidheamachd a sholar air a bhios feum airson na seirbheisean a chleachdadh agus ’s ann oirbhse a bhios an t-uallach na tàillean a phàigheadh a tha gan iarraidh le solaraichean nan ceanglaichean is planaichean is na h-uidheamachd agaibh. Is e tàillean a bharrachd air na phàigheas sibh dhuinne airson nan seirbheisean a bhios annta agus chan fhaigh sibh ath-dhìoladh airson tàille sam bith den leithid. Faighnich dhen t-solaraiche/de na solaraichean agad gus faighinn a-mach a bheil tàillean mar sin ann a bhios agad ri pàigheadh.
  • d. Brathan seirbheise. Nuair a bhios rud cudromach ann a dh’fheumas sinn dhut a thaobh seirbheise a chleachdas tu, cuiridh sinn brathan seirbheise agus am fiosrachadh a th’ againn ri sholar dhut a-rèir an lagha. Ma thug thu an seòladh puist-d no an àireamh fòn agad dhuinn airson a’ chunntais Microsoft agad, dh’fhaoidte gun cuir sinn brathan seirbheise thugad slighe puist-d no SMS (teachdaireachd teacsa), a’ gabhail a-steach dearbhadh cò thusa mus clàraich thu an àireamh fòn-làimhe agad leinn. Dh’fhaoidte gun cuir sinn brathan seirbheise dhut air dòighean eile cuideachd (can le teachdaireachdan am broinn bathair). Dh’fhaoidte gum bi agad ri tàillean dàta no theachdaireachdan a pàigheadh nuair a gheibh thu brathan slighe SMS. Mholamaid dhuibh gun cum sibh sùil air a’ phost-d a shònraich sibh. Mur aontaich thu ris na brathan dealain seo, feumaidh tu sgur de chleachdadh nan seirbheisean.
  • e. Taic. Tha taic chustamairean airson cuid dhe na seirbheisean ri faighinn air https://support.microsoft.com. Faodaidh tu brath a chur gu Microsoft slighe nam modhan-obrach a tha gam mìneachadh ann an earrann nam Brathan aig na teirmichean seo. Dh’fhaoidte gum bi cuid a sheirbheisean a’ toirt seachad taic fa leth no a bharrachd, fo bhuaidh nan teirmichean aig https://www.microsoft.com/support-service-agreement, mur eil an caochladh ga innse. Dh’fhaoidte nach bi taic ann mu choinneamh tionndaidhean ro-sheallaidh no beta de sheirbheisean no gleusan. Ma tha thu a’ fuireach san Roinn-Eòrpa, faodaidh tu a’ chùis a thoirt dha dh’ùrlar Online Dispute Resolution an Aonaidh Eòrpaich; cleachd MSODR@microsoft.com air an fhoirm gearain a-mhàin is na cleachd e air adhbhar sam bith eile.
  • f. A’ cur crìoch air na seirbheisean agad. Ma thèid crìoch a chur air na seirbheisean agad (ge be leinne no leat-sa), cha bhi còir inntrigidh agad tuilleadh air na seirbheisean agus thig crìoch sa bhad air a’ cheadachas airson a’ bhathair-bhog co-cheangailte ris na seirbheisean. A bharrachd air sin, sguabaidh sinn às an dàta no susbaint agad a tha co-cheangailte ris an t-seirbheis agad no brisidh sinn an ceangal eadar an t-susbaint no dàta seo agus thu fhèin agus an cunntas Microsoft agad air dòigh eile (mur eil an lagh a’ toirt oirnn a chumail, a thilleadh no a thar-chur dhut-sa no do threas-phàrtaidh a dh’ainmicheas tusa). Mar thoradh air seo, dh’fhaoidte nach fhaigh thu cothrom air gin dhe na seirbheisean (no an t-susbaint agad a ghlèidh thu air na seirbheisean sin) tuilleadh. Bu chòir do phlana lethbhreacan-glèidhidh cunbhalach a bhith agaibh. Agus mu dheireadh thall, dh’fhaoidte gun caill thu inntrigeadh do bhathar a shealbhaich thu. Ma chuir thu crìoch air a’ chunntas Microsoft agad is mur eil cunntas eile agad leis am faigh thu cothrom air na seirbheisean, dh’fhaoidte gun cuirear crìoch air na seirbheisean sa bhad.
An teacsa slàn
Cleachdadh aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidheanCleachdadh aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean5_usingThird-PartyAppsAndServices
Gearr-chunntas

5. Cleachdadh aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean. Dh’fhaoidte gun leig na seirbheisean leat gun inntrig no gum faigh thu bathar, seirbheisean, làraichean-lìn, ceanglaichean, susbaint, stuth, geamannan, sgilean, amalaidhean, botaichean no aplacaidean o threas-phàrtaidhean neo-eisimeileach (seo companaidhean no daoine seach Microsoft) (“aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean“). Cuidichidh mòran dhe na seirbheisean againn thu a’ lorg aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean no iarrtasan a dhèanamh air an son no eadar-ghabhail a dhèanamh leotha agus no a’ toirt cothrom dhut an t-susbaint no dàta agad a cho-roinneadh agus tha thu a’ tuigsinn gu bheil thu ag iarraidh o na seirbheisean agad gun toir iad aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean dhut. Dh’fhaoidte gun leig aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean leat cuideachd gun glèidh thu an t-susbaint no dàta agad le foillsichear, solaraiche no gnìomharaiche na h-aplacaid no seirbheise aig an treas-phàrtaidh. Dh’fhaoidte gun toir aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean poileasaidh prìobhaideachd dhut no gun iarr iad gun gabh thu ri barrachd teirmichean mus urrainn dhut an aplacaid no seirbheis treas-phàrtaidh a stàladh no a chleachdadh. Faicibh earrann 13(b) airson barrachd theirmichean airson aplacaidean air am faighinn slighe Bùtha Office, Bùtha Xbox no Bùtha Windows. Bu chòir dhut sùil a thoirt air teirmichean agus poileasaidhean prìobhaideachd a bharrachd sam bith mus faigh, mus cleachd no mus iarr thu no aplacaid is seirbheis treas-phàrtaidh sam bith no mus ceangal thu an cunntas Microsoft agad riutha. Chan atharraich teirmichean a bharrachd sam bith na teirmichean seo. Cha toir Microsoft ceadachas airson sealbh inntleachdail sam bith dhuibh mar phàirt de dh’aplacaid no seirbheis treas-phàrtaidh sam bith. Aontaichidh tu gur ann ort-sa a bhios gach cunnart is fiachanais a dh’èiricheas o chleachdadh nan aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean sin agus nach ann air Microsoft a tha an t-uallach dhut-sa no do dhaoine eile a thaobh fiosrachaidh no seirbheisean a tha treas-phàrtaidh a’ solar.

An teacsa slàn
Faotainneachd nan seirbheiseanFaotainneachd nan seirbheisean6_serviceAvailability
Gearr-chunntas

6. Faotainneachd nan seirbheisean.

  • a. Dh’fhaoidte nach bi na seirbheisean, seirbheisean is aplacaidean threas-phàrtaidhean no stuthan is batharan ri an tairgsinn slighe nan seirbheisean ri am faighinn o àm gu àm, dh’fhaoidte gu bheil iad gan tairgsinn le cuingeachadh no dh’fhaoidte gu bheil diofar eatorra a-rèir an uidheim no roinn-dùthcha agaibh. Ma dh’atharraicheas tu an t-ionad a tha co-cheangailte ris a’ chunntas Microsoft agad, dh’fhaoidte gum bi agad ri bathar fhaighinn a-rithist a bha ri làimh dhut roimhe agus a phàigh thu air an son san roinn-dùthcha a bha agad roimhe.
  • b. Nì sinn ar dìcheall gus na seirbheisean a’ cumail a’ dol; ge-tà faodaidh gun tuislich seirbheis-lìn sam bith o àm gu àm. Ma thachras gum bi na seirbheisean sìos no gu bheil iad briste, dh’fhaoidte nach tèid leat an t-susbaint agad fhaighinn fad greis. Mholamaid gun dèan thu lethbhreac-glèidhidh gu cunbhalach dhen t-susbaint is dàta agad a ghlèidheas tu air na seirbheisean no a ghlèidheas tu slighe aplacaidean no seirbheisean threas-phàrtaidhean.
An teacsa slàn
Ùrachaidhean air na seirbheisean no a’ bhathar-bhog agus atharraichean air na teirmichean seoÙrachaidhean air na seirbheisean no a’ bhathar-bhog agus atharraichean air na teirmichean seo7_updatesToTheServicesOrSoftwareAndChangesToTheseTerms
Gearr-chunntas

7. Ùrachaidhean air na seirbheisean no a’ bhathar-bhog agus atharraichean air na teirmichean seo.

  • a. Cuiridh sinn fios thugaibh ma chuir sinn romhainn na teirmichean seo atharrachadh. Faodaidh sinn na teirmichean seo atharrachadh ma bhios sin riatanach (i) fo lagh buailteach, a’ gabhail a-steach ach chan ann a-mhàin, atharrachadh lagha mar sin; (ii) a-rèir comhairle agus/no òrdugh a-rèir lagha buailtich; (iii) ri linn leasachadh nan seirbheisean; (iv) air sgàth adhbhair theicnigich; (v) air sgàth riatanasan an obrachaidh; no (vi) ri linn atharrachadh nan teirmichean a chum buannachd a’ chleachdaiche. Bheir sinn fiosrachadh dhuibh mun atharrachadh a tha fa-near dhuinn mus tachair e, slighe eadar-aghaidh a’ chleachdaiche, air a’ phost-d no meadhan freagarrach eile. Bidh cothrom agaibh sgur de na seirbheisean 30 latha mus tachair an t-atharrachadh air a’ char as lugha. Ma chleachdas sibh na seirbheisean às dèidh nan atharraichean a bhith an sàs, is ciall dha seo gun aontaich sibh ris na teirmichean ùra. Mur aontaich thu ris na teirmichean ùra, feumaidh tu sgur de chleachdadh nan seirbheisean agus an cunntas Microsoft agad a dhùnadh a-rèir earrainn 4(a)(iv). Tàirngidh sinn d’ aire dhan phuing seo cuideachd nuair a leigeas sinn fiosrachadh dhut mu atharrachadh nan teirmichean seo.
  • b. Faodaidh sinn sùil a thoirt gu fèin-obrachail air tionndadh a’ bhathair-bhog agad air a bheil feum a chum solar nan seirbheisean agus ùrachaidhean a’ bhathair-bhog a luchdadh a-nuas no an rèiteachadh atharrachadh gun a bhith ag iarraidh airgead ort a chum ùrachadh, piseachadh agus leasachadh nan seirbheisean. Dh’fhaoidte cuideachd gun tèid toirt oirbh am bathar-bog ùrachadh mus urrainn dhuibh leantainn air adhart le cleachdadh nan seirbheisean. Bidh ùrachaidhean mar sin fo na teirmichean seo ach ma bhios teirmichean eile no feadhainn a bharrachd an cois nan ùrachaidhean agus ma tha, bidh na teirmichean eile sin an sàs. Ma dhiùltas sibh gabhail ris na teirmichean eile no a bharrachd a bhios an sàs air na h-ùrachaidhean sin, chan fhaod sibh na h-ùrachaidhean fhaighinn no a chleachdadh. Chan eil uallach aig Microsoft ùrachadh a chur ri làimh agus chan eil sinn a’ toirt barantas gun cuir sinn taic ris an tionndadh dhen t-siostam dhan a cheannaich thu bathar-bog, aplacaid, susbaint no bathar sam bith eile no a fhuair thu ceadachas air a shon.
  • c. Tha sinn a’ sìor-obrachadh a chum piseach nan seirbheisean agus faodaidh gun atharraich sinn na seirbheisean no gun toir sinn air falbh feartan no nach solair sinn cothrom air aplacaidean no seirbheisean threas-phàrtaidhean tuilleadh air sgàth seo aig àm sam bith, a’ gabhail a-steach, ach gun chuingeachadh, mur urrainn dhuinn susbaint a chur ri làimh an cois aonta le treas-phàrtaidh, mur urrainn dhuinn a sholar tuilleadh, ma thèid an teicneolas a leasachadh no ma tha feum air atharrachadh ri linn beachdan nan custamairean. Bheir sinn fios ro làimh dhuibh ma tha fios nach faigh sibh cothrom air an t-susbaint agaibh tuilleadh ri linn atharrachadh air na seirbheisean. Mas e seirbheis air airgead a tha ann, cumaidh sinn fiosrachadh ribh ro làimh cuideachd ma tha atharrachadh seirbheise mòr eile fa-near dhuinn. Seach air an ìre a bhios seo riatanach fo lagha iomchaidh, chan eil sinn fo dhleastanas gun solair sinn luchdadh a-nuas a-rithist no gun ath-sholair sinn stuth sam bith, bathar digiteach (mar a tha ga mhìneachadh san earrann 13(k)) no aplacaidean a chaidh a cheannachd roimhe. Ma chuireas sinn crìoch air seirbheis phàighte, ath-dhìolaidh sinn suim an airgid pro-rata a-rèir na phàigh thu agus a-rèir an corr den t-seirbheis sin a bha air fhàgail dìreach mus do chuir sinn crìoch air.
  • d. A chum gur urrainn dhut stuth a tha fo dhìon digital rights management (DRM) mar cuid a cheòl, geamannan, filmichean, leabhraichean is a bharrachd a chleachdadh, faodaidh bathar-bog DRM conaltradh ri frithealaiche chòraichean air loidhne gu fèin-obrachail agus ùrachaidhean air DRM a luchdadh a-nuas is a stàladh.
An teacsa slàn
Ceadachas bathair-bhogCeadachas bathair-bhog8_softwareLicense
Gearr-chunntas

8. Ceadachas a’ bhathair-bhog. Ach ma thig aonta ceadachais Microsoft fa leth na chois (can ma tha sibh a’ cleachdadh aplacaid Microsoft a chaidh gabhail a-steach le Windows agus a tha na pàirt dheth, bidh bathar-bog mar sin fo bhuaidh teirmichean a’ chleachdaidh aig bathar-bog Microsoft airson an t-siostaim-obrachaidh Windows, bidh bathar-bog sam bith a chaidh a sholar dhuibh leinn mar phàirt de na seirbheisean fo bhuaidh nan teirmichean seo. Tha aplacaidean a fhuaras on Office Store, Windows Store agus Xbox Store fo bhuaidh earrann 13(b)(i) gu h-ìosal.

  • a. Ma ghèilleas sibh ris na teirmichean seo, bheir sinn cead dhuibh aon lethbhreac den bhathar-bhog a stàladh is a chleachdadh air gach uidheam (air feadh an t-saoghail) a chum cleachdaidh le aon duine aig an aon àm mar phàirt den chleachdadh a nì sibh de na seirbheisean. Air cuid a dh’uidheaman, dh’fhaoidte gun deach bathar-bog dhen leithid a stàladh ro làimh a chum do chleachdaidh phearsanta, neo-choimeirsealta dhe na seirbheisean. Faodaidh còd o threas-phàrtaidhean a bhith am broinn a’ bhathair-bhog no làraich-lìn a tha na phàirt de na seirbheisean. Bidh sgriobt no còd treas-phàrtaidh sam bith air a bheil iomradh no ceangal on bhathar-bhog no làrach-lìn fo cheadachas on treas-phàrtaidh leis a bheil còd mar sin ’s chan ann o Microsoft. Tha brathan, ma tha gin ann, a thaobh a’ chòd seo le treas-phàrtaidhean ga ghabhail a-steach mar fhiosrachadh dhut a-mhàin.
  • b. Tha am bathar-bog fo cheadachas agus chan ann air a reic agus tha Microsoft a’ glèidheadh gach còrach air a’ bhathar-bhog nach eil gan toirt seachad gu follaiseach le Microsoft fo na teirmichean seo. Cha toir an ceadachas seo còir sam bith dhut gus gin dhe rudan a leanas a dhèanamh is chan fhaod thu na leanas a dhèanamh gu mì-laghail:
    • i. gleus dìona teicneolach sam bith am broinn no co-cheangailte ris a’ bhathar-bhog no na seirbheisean a sheachnadh.
    • ii. bathar-bog no pàirt sam bith eile de na seirbheisean a tha am broinn no ri làimh tro na seirbheisean a dhì-thional, a dhì-thrusadh, a dhì-chrioptachadh, a hackaigeadh, aithris, brath a ghabhail air no ais-innleachadh ach a-mhàin ma bhios agus air an ìre a cheadaicheas an lagh còrach-lethbhreac iomchaidh sin gu follaiseach;
    • iii. diofar co-phàirtean a’ bhathair-bhog no nan seirbheisean a dhealachadh o chèile gus an cleachdadh air diofar innealan;
    • iv. am bathar-bog no na seirbheisean fhoillseachadh, lethbhreac a dhèanamh dheth, a thoirt seachad air mhàl no lìos, às-phortadh, ion-phortadh; a sgaoileadh no a thoir air iasad ach ma thug Microsoft cead follaiseach dhuibh gus seo a dhèanamh;
    • v. am bathar-bog, gin de cheadachasan bathair-bhog no còraichean inntrigidh no cleachdaidh air na seirbheisean a thar-aiseag;
    • vi. na seirbheisean a chleachdadh air dòigh sam bith a tha gun ùghdarras a dh’fhaodadh briseadh a-steach air a chleachdadh le duine eile no cothrom fhaighinn air seirbheis, dàta, cunntas no lìonra sam bith.
    • vii. inntrigeadh do na seirbheisean a dhèanamh comasach no uidheam sam bith a chaidh ùghdarrachadh le Microsoft atharrachadh (can Xbox One, Xbox 360, Microsot Surface is msaa.) le aplacaidean threas-phàrtaidhean.
An teacsa slàn
Teirmichean pàighidhTeirmichean pàighidh9_paymentTerms
Gearr-chunntas

9. Teirmichean pàighidh. Ma cheannaicheas sibh seirbheis, bidh na teirmichean pàighidh seo an sàs air a’ cheannachd agaibh agus aontaichidh sibh riutha.

  • a. Tàilleans. Ma tha tàille ri linn cuid de na seirbheisean, tha sibh ag aontachadh gum pàigh sibh an tàille ud. Mur innsear an caochladh, gabhaidh a’ phrìs a chithear airson seirbheis a-steach gach cìs airgid a bhios iomchaidh. ’S ann oirbhse a-mhàin a bhios gach uallach gun tèid cìsean no tàillean eile den leithid a phàigheadh Thèid cìsean àireamhachadh stèidhichte air an t-ionad far an do clàraich sibh an cunntas Microsoft agaibh ach mur innsear an caochladh. Nuair a bhios sinn air fios a leigeil dhut nach d’fhuair sinn pàigheadh slàn ’s ri ùine uat, faodaidh sinn na seirbheisean a chur à rèim no gu crìoch mura pàigh thu gu slàn am broinn na h-ùine iomchaidh. Ma thèid na seirbheisean agad a chur à rèim no a chrìochnachadh air sgàth ’s nach do phàigh thu, faodaidh gun caill thu cothrom is cleachdadh air a’ chunntas Microsoft agad agus a shusbaint. Ma nì thu ceangal dhan eadar-lìon slighe lìonraidh chorporra no phrìobhaidich eile a dh’fhalaicheas far a bheil thu, dh’fhaoidte gum bi na tàillean airson an dearbh ionaid agad diofraichte on fheadhainn a thèid a shealltainn dhut. A-rèir càit a bheil sibh, dh’fhaoidte gum feumar airgead cèin a mhalairt ri linn cuid a thar-chuir no an làimhseachadh ann an dùthaich eile. Dh’fhaoidte gun iarr am banca agaibh barrachd thàillean oirbh airson nan seirbheisean ud ma chleachdas sibh cairt-chreideis no -fhiachan. Bruidhnibh ris a’ bhanca agaibh airson barrachd fiosrachaidh.
  • b. An cunntas bileachaidh agaibh. Gus na tàillean airson seirbheis a phàigheadh, iarraidh sinn oirbh dòigh pàighidh a thoirt dhuinn nuair a chlàraicheas sibh airson na seirbheise ud. ’S urrainn dhut am fiosrachadh bileachaidh agus an dòigh pàighidh agad inntrigeadh agus atharrachadh air làrach-lìn stiùireadh nan cunntasan Microsoft agus airson Skype nuair a nì thu clàradh a-steach air portal a’ chunntais agad air https://skype.com/go/myaccountm. A bharrachd air sin, tha thu a’ toirt cead dha Microsoft fiosrachadh cunntais ùraichte a chleachdadh a thaobh nan dòighean pàighidh a thagh thu ’s a tha gan solar leis a’ bhanca no an lìonra pàighidh iomchaidh. Tha sibh ag aontachadh gun ùraich sibh an cunntas agus am fiosrachadh eile agaibh sa bhad, a’ gabhail a-steach an t-seòlaidh puist-d is na dòighean pàighidh agaibh ach an urrainn dhuinn na tar-chuir agaibh a choileanadh agus fios a chur thugaibh nuair a bhios feum air seo ri linn nan tar-chur agaibh. Ma dh’iarras sibh oirnn sgur den dòigh phàighidh agaibh is mura toir sibh dhuinn dòigh pàighidh eile ’s sinne air iarraidh oirbh sin a dhèanamh, faodaidh sinn crìoch a chur air an t-seirbheis phàighte agaibh no a chur à rèim air deagh adhbhar am broinn ùine iomchaidh. Cha bhi buaidh aig atharrachaidhean air a’ chunntas bileachaidh agaibh air na tàillean a chuireas sinn don chunntas ionmhais agaibh mus robh cothrom reusanta againn atharrachadh mar sin a chur an sàs sa chunntas ionmhais agaibh.
  • c. Bileachadh. Ma bheir thu dòigh pàighidh dha Microsoft, (i) cuiridh tu an cèill gu bheil cead agad gus an dòigh pàighidh sin a chleachdadh agus gu bheil dàta pàighidh sam bith a sholaireas tu fìor is ceart; (ii) bheir thu cead dha Microsoft pàigheadh iarraidh ort airson nan seirbheisean no na susbainte ri faighinn slighe na dòighe pàighidh agad; agus (iii) bheir thu cead dha Microsoft pàigheadh iarraidh ort airson gleus sam bith nan seirbheisean a tha ri phàigheadh ma chuireas tu romhad clàradh no a chleachdadh fhad ’s a tha na teirmichean seo an sàs. Mar a tha ga mhìneachadh, faodaidh sinn airgead iarraidh oirbh (a) ro làimh; (b) aig àm a cheannachd; (c) beagan as dèidh na ceannachd; no (d) air dòigh ath-chùrsach airson seirbheisean fo-sgrìobhaidh. Cuideachd, faodaidh sinn pàigheadh iarraidh oirbh suas don t-suim a dh’aontaich sibh rithe agus leigidh sinn fios dhuibh ro làimh ma dh’atharraicheas an t-suim airgid a thèid iarraidh oirbh airson sheirbheisean fo-sgrìobhaidh ath-chùrsach agus ma chaidh a’ phrìs atharrachadh, bheir sinn cothrom dhuibh gus crìocha chur air na seirbheisean mus atharraich a’ phrìs. Faodaidh gun iarr sinn pàigheadh ort airson barrachd air aonan dhe na h-ùineachan pàighidh roimhe is làithreach agad aig an aon àm.
  • d. Pàigheadh ath-chùrsach. Nuair a cheannaicheas tu na seirbheisean stèidhichte air fo-sgrìobhadh (can gach mìos, gach 3 mìosan no gach bliadhna), aontaichidh tu gun ùghdarraich thu pàigheadh ath-chùrsach agus gun tèid pàigheadh a dhèanamh gu Microsoft air an dòigh is air na h-eadaramhan ath-chùrsach a dh’aontaich thu riutha gus an tèid crìoch a chur air an t-seirbheis leat fhèin no le Microsoft. Le ùghdarrachadh pàighidhean ath-chùrsach, ùghdarraichidh tu gun cum Microsoft an t-inneal pàighidh agad, gun dèan e pròiseasadh air na pàighidhean sin nan debits leatronaigeach no tar-chur maoin no tarraingean-banca leatronaigeach on chunntas a shònraich thu (airson pàigheadh le Automated Clearing House no pàigheadh coltach ris) no nan tàillean air a’ chunntas a shònraich thu (airson chairtean-creideis no pàigheadh coltach ris) (“pàigheadh leatronaigeach” còmhla). Thèid tàillean fo-sgrìobhadh a iarraidh ort ro làimh airson an eadaramh fo-sgrìobhaidh iomchaidh. Ma thèid pàigheadh sam bith a thilleadh gun phàigheadh no ma thèid cairt-chreideis no tar-chur coltach ris a dhiùltadh, tha Microsoft agus na solaraichean seirbheise aige a’ glèidheadh na còrach gun cruinnich iad tàille iomchaidh sam bith airson an nì air a thilleadh no air a dhiùltadh no airson gainnead maoin agus gun dèan iad pròiseasadh air gach pàigheadh dhen leithid mar phàigheadh leatronaigeach.
  • e. Ath-nuadhachadh fèin-obrachail. Ma tha ath-nuadhachadh fèin-obrachail ceadaichte san dùthaich agad, faodaidh tu taghadh gun tèid na seirbheisean ath-nuadhachadh gu fèin-obrachail air crìoch ùine seirbheise stèidhichte. Cuiridh sinn nad chuimhne e air a’ phost-d no air dòigh reusanta eile mus tèid seirbheis ath-nuadhachadh airson teirm ùr agus leigidh sinn fios dhut mu atharrachadh sam bith air a’ phrìs a-rèir earrann 9(k). Nuair a bhios sinn air cur nur cuimhne gun do chuir sibh romhaibh gun tèid na seirbheisean ath-nuadhachadh gu fèin-obrachail, faodaidh sinn na seirbheisean agaibh ath-nuadhachadh ag crìoch ùine na seirbheise làithrich agus a’ phrìs làithreach iarraidh oirbh airson teirm an ath-nuadhachaidh ach ma thagh sibh gun cuir sibh crìoch air an t-seirbheis mar a tha sinn a’ mhìneachadh gu h-ìosal. Cuiridh sinn nur cuimhne cuideachd gun iarr sinn pàigheadh airson ath-nuadhachadh nan seirbheisean slighe na dòighe pàighidh a thagh sibh ge b’ e a bha iad air an clàradh air ceann-latha an ath-nuadhachaidh no a chaidh an toirt seachad an uairsin. Bheir sinn treòrachadh dhuibh cuideachd mar as urrainn dhuibh crìoch a chur air na seirbheisean. Feumaidh tu crìoch a chur air na seirbheisean ro cheann-latha an ath-nuadhachaidh airson seachnadh gun tèid do bhileachadh airson an ath-nuadhachaidh. Faodaidh tu crìoch a chur air seirbheisean fo-sgrìobhaidh air duilleag nan seirbheisean is fo-sgrìobhaidhean sa chunntas Microsoft agad no cuir fios gu seirbheis nan custamairean airson sin mar a tha ga mhìneachadh gu h-àrd san earrann 4(e).
  • f. Aithrisean-cunntais air loidhne is mearachdan. Cuiridh Microsoft cunntas bileachaidh air loidhne ri ur làimh air làrach-lìn stiùireadh nan cunntasan Microsoft far an urrainn dhuibh an aithris-chunntais agaibh a shealltainn is clò-bhualadh. Tha agaibh ri sùil a thoirt air an aithris-chunntais air loidhne gu cunbhalach, turas gach mìos air a’ char as lugha. Airson Skype, gheibh thu cothrom air an aithris-chunntais air loidhne agad le clàradh a-steach dhan chunntas agad air www.skype.com. Cha toir sinn seachad cunntasan bileachaidh ach den t-seòrsa seo. Dh’fhaoidte gum faigh sibh fàirdeal le VAT a-rèir na seirbheise ’s na dùthcha. Ma nì sinn mearachd air a’ chunntas agaibh, cuiridh sinn ceart seo cho luath ’s a leigeas sibh fios dhuinn (na a mhothaich sinn oirre) mu dheidhinn agus sgrùdaidh sinn a’ mhearachd. Mholamaid gun innis thu dhuinn am broinn 120 latha as dèidh do mhearachd fhollaiseach a nochdadh air a’ bhile agad a’ chiad turas on a bhios e nas fhasa dhuinn a’ chùis fhuasgladh rè an ama sin. ’S urrainn dhut na h-iarrtasan agad a thaobh nan adhbharan seo a chur gu seirbheis taic nan custamairean mar a tha ga mhìneachadh san earrann 4(e).
  • g. Poileasaidh ath-dhìolaidh. Tha còir agad air ùine sguir (“ùine cnuasachaidh“) de cheithir làithean deug (14) on latha a rinn thu a’ ceannachd, adhbhar ann no às. Ma chaidh cuid dhen t-seirbheis a lìbhrigeadh mar-thà aig an àm a sguireas tu dhi, gheibh thu ath-dhìoladh a-rèir sin. Tha thu ag aideachadh gun tig an ùine cnuasachaidh gu crìch nuair a bhios an t-seirbheis air a lìbhrigeadh dhut gu slàn agus nach ghabh a’ cheannachd agad ath-dhìoladh an uairsin. Nuair a cheannaicheas tu susbaint dhigiteach uainn, cha bhi còir sguir dheth agad tuilleadh turas a thòisicheas tu air an luchdadh a-nuas. Mura deach an caochladh innse le lagh no tairgse seirbheise shònraichte, bidh gach ceannachd deireannach gus cha ghabh a h-ath-dhìoladh. Airson gach seirbheis seach Skype, gheibh sibh fiosrachadh agus stiùireadh air mar a chuireas sibh crìoch air seirbheis agus, ma tha sibh airidh air ath-dhìoladh, mar a dh’iarras sibh ath-dhìoladh leis an fhoirm tarraing às againn air làrach-lìn stiùireadh nan cunntasan Microsoft. Airson Skype, lìonaibh an fhoirm tarraing às againn leis an fiosrachadh a tha ga thoirt seachad an-seo. Ma tha sibh den bheachd gun do dh’iarr Microsoft airgead oirbh le mearachd, feumaidh sibh fios a chur gu Microsoft agus nì sinn sgrùdadh air. Ma bheir sinn ath-dhìoladh no creideis seachad, chan eil sinn fo dhleastanas gun toir sinn seachad an t-aon ath-dhìoladh no ath-dhìoladh coltas ris san àm ri teachd. Chan eil buaidh aig a’ phoileasaidh ath-dhìolaidh againn air còir sam bith fo lagh iomchaidh. Airson barrachd fiosrachaidh air mar a gheibh thu ath-dhìoladh, thoir sùil air a’ chobhair.
  • h. Crìochnachadh nan seirbheisean. Faodaidh tu crìoch a chur air na seirbheisean air duilleag stiùireadh nan seirbheisean is fo-sgrìobhaidhean sa chunntas Microsoft agad no cuir fios gu seirbheis nan custamairean airson sin mar a tha ga mhìneachadh gu h-àrd san earrann 4(e). Bu chòir dhut sùil a thoirt air tuairisgeul na tairgse oir (i) faodaidh nach fhaigh thu ath-dhìoladh aig àm an sguir dheth; (ii) faodaidh gum feum thu tàille crìochnachaidh a phàigheadh; (iii) faodaidh gum feum thu gach tàille a phàigheadh a chaidh iarraidh air a’ chunntas bhileachaidh agad airson nan seirbheisean ro cheann-latha an sguir; agus (iv) faodaidh gun caill thu cothrom is cleachdadh air a’ chunntas agad nuair a sguireas tu dhe na seirbheisean. Làimhsichidh sinn an dàta agad mar a mhìnich sinn gu h-àrd ann an Earrann 4. Ma sguireas sibh, thig na seirbheisean agaibh gu crìch aig deireadh ùine làithreach na seirbheise no, ma tha sinn ag iarraidh oirbh pàigheadh cunbhalach, aig deireadh na h-ùine anns an do sguir sibh dhiubh.
  • i. Tairgsean le ùine deuchainn. Ma tha sibh a’ gabhail pàirt ann an tairgse le ùine deuchainn, feumaidh sibh crìoch a chur air an t-seirbheis/na seirbheisean le ùine deuchainn aig deireadh na h-ùine deuchainne gus tàillean ùra a sheachnadh ach a-mhàin ma dh’innseas sinn dhuibh an caochladh. Mura sguir sibh dhen t-seirbheis/de na seirbheisean le ùine deuchainn ro dheireadh na h-ùine deuchainne, faodaidh sinn airgead iarraidh oirbh airson na seirbheise/nan seirbheisean air a’ phrìs a dh’innis sinn dhuibh ro dheireadh na h-ùine deuchainne.
  • j. Tairgsean brosnachaidh. O àm gu àm, faodaidh Microsoft seirbheisean a thairgsinn dhuibh le ùine deuchainn agus chan iarr Microsoft airgead oirbh rè na h-ùine deuchainne sin. Tha Microsoft a’ glèidheadh na còrach gus airgead iarradh ort airson sheirbheisean dhen leithid (air a’ phrìs àbhaisteach) ma bhriseas tu teirmichean is cumhaichean na tairgse.
  • k. Atharrachadh phrìsean. Ma bhios ùine shocraichte is prìs shònraichte co-cheangailte ri tairgse na seirbheise agad, mairidh a’ phrìs sin rè ùine na tairgse. Bi agaibh ri aontachadh ri tairgse is prìs ùr ma bhios sibh airson na seirbheisean a chumail a’ dol. Mas e seirbheisean ath-chùrsach (mar eisimpleir mìosail) a tha agad ach gun fhaid shònraichte agus mur e triail a tha ann, dh’fhaoidte gun atharraich sinn prìsean nan seirbheisean atharrachadh ma chuireas sinn gleusan ùra no ùraichte ris, ma chaidh cosgaisean solarachadh na seirbheise an àirde no ma thàinig atharrachadh air a’ mhargaid (mar eisimpleir, cosgaisean luchd-obrach, èirigh no tuiteam airgid, atharraichean chìsean/conn-riaghlaidh, atmhorachd, tàillean cheadachasan, bun-structar is cosgaisean rianachd). Cuiridh sinn fios thugad co-dhiù 30 latha mus tèid a’ phrìs atharrachadh air a’ char as lugha. Bidh cothrom agad crìoch a chur air na seirbheisean mus atharraich a’ phrìs a-rèir earrann 9(h) gu h-àrd. Nuair a leigeas sinn fios dhuibh mu atharrachadh prìse, leigidh sinn fios dhuibh cuideachd gum bi a’ phrìs ùr an sàs ann mura sguir sibh de na seirbheisean.
  • l. Pàigheadh dhuibhse. Ma tha airgead agaibh oirnn, tha sibh ag aontachadh gun toir sibh dhuinn am fiosrachadh ceart ri tìde a dh’fheumas sinn gus ur pàigheadh. Is ann oirbhse a tha uallach a thaobh chìsean is thàillean a dh’fhaodadh èiridh ri linn na phàigheas sinn dhuibh. Feumaidh sibh gèilleadh ri cumhaichean sam bith eile a chuireas sinn oirbh a thaobh ur còir airson pàighidh sam bith. Ma gheibh sibh airgead uainn air mhearachd, faodaidh gun neo-dhèan sinn seo no gun iarr sinn oirbh an t-airgead a thilleadh. Tha sibh ag aontachadh gun cuidich sibh sinn gus seo a dhèanamh. Faodaidh sinn am pàigheadh duibhse a lùghdachadh cuideachd gun rabhadh gus pàigheadh anabarrach roimhpe a rèiteachadh.
  • m. Pàigheadh fadalach. Ma bhios sibh fadalach a’ pàigheadh, feumaidh sibh pàigheadh airson cosgaisean reusanta a dh’èireas dhuinn ma bhios againn ri suimean a bha ri phàigheadh ach nach deach am pàigheadh a chruinneachadh, a’ gabhail a-steach cosgaisean luchd-lagha agus cosgaisean laghail eile, a-rèir an lagha agus nan conn-riaghailtean. Faodaidh sinn na seirbheisean agad a chur à rèim no crìoch a chur orra mura pàigh thu an t-iomlan as dèidh dhuinn cur nad chuimhne – a’ bagradh gun cuir sinn na seirbheisean à rèim agus/no gun cuir sinn crìoch orra – gu bheil agad ri pàigheadh am broinn na h-ùine iomchaidh. Is urrainn dhuibh cur à rèim no crìochnachadh a sheachnadh is sibhse a’ pàigheadh am broinn na h-ùine iomchaidh a shònraich sinn nuair a chuir sinn nur cuimhne e. Bidh modh-obrach eile an sàs mas e suim fìor bheag a bhios a dhìth. Thathar a’ coimhead air suimean a bhios nas lugha na 2 sa cheudad de shuim iomlan an fhàirdeil mar shuimean fìor bheag an-còmhnaidh. Ma thèid na seirbheisean agad a chur à rèim no a chrìochnachadh air sgàth ’s nach do phàigh thu, faodaidh gun caill thu cothrom air a’ chunntas Microsoft agad.
  • n. Cairtean prèasant. Tha cur gu feum is cleachdadh chairtean prèasant (seach cairtean prèasant Skype) fo bhuaidh Teirmichean is cumhaichean cairtean preusaint Microsoft. Gheibh sibh fiosrachadh air cairtean prèasant Skype air duilleag na cobharach aig Skype.
  • o. Dòigh pàighidh le cunntas banca. Faodaidh tu cunntas banca iomchaidh a chlàradh leis a’ chunntas Microsoft agad gus a chleachdadh mar dhòigh pàighidh. Gabhaidh cunntasan banca iomchaidh a-steach feadhainn a tha gan glèidheadh le buidheann ionmhasail aig a bheil comas gus innteartan direct debit fhaighinn (can buidheann ionmhasail stèidhichte sna Stàitean aonaichte a chuireas taic ri innteartan automated clearing house (“ACH”), buidheann ionmhasail Eòrpach a chuireas taic ri Single Euro Payments Area (“SEPA”) no “iDEAL” sna Tìrean Ìsle). Bidh na teirmichean an sàs cuideachd ris an do dh’aontaich thu nuair a chuir thu an cunntas banca agad ris mar dhòigh pàighidh sa chunntas Microsoft agad (can a’ cheadachadh no “mandate” mas e SEPA a th’ ann) Tha thu a’ cur an cèill ’s a’ barantachadh gu bheil an cunntas banca clàraichte agad ga ghlèidheadh fo d’ ainm-sa no gu bheil ùghdarras agad gus an cunntas banca seo a chlàradh agus a chleachdadh mar dòigh pàighidh. Nuair a chlàraicheas no thaghas tu an cunntas banca agad mar an dòigh pàighidh agad, bheir thu ùghdarrasadh dha Microsoft (no dhan àidseant againn) gus debit no iomadh debit a thòiseachadh airson an t-suim iomlan aig tàille na ceannachd no an fho-sgrìobhaidh agad (a-rèir teirmichean na seirbheise fo-sgrìobhaidh agad) on chunntas banca agad (agus ma bhios feum air, tòiseachadh air creideas no iomadh creideas dhan chunntas banca agad gus mearachdan a chàradh, ath-dhìoladh a thoirt dhut no adhbhar coltas ris) agus bheir thu ùghdarrasadh dhan bhuidheann ionmhasail a tha a’ glèidheadh a’ chunntais banca agad gus debits dhen leithid a thoirt air falbh no gabhail ri creideasan dhen leithid. Tha thu a’ tuigsinn gum mair an t-ùghdarrasadh seo gus an toir thu air falbh fiosrachadh a’ chunntais banca agad on chunntas Microsoft agad. Cuir fios gu sgioba-taice nan custamairean cho luath ’s a ghabhas mar a tha ga mhìneachadh gu h-àrd san earrann 4(e) ma tha thu dhen bheachd gun deach airgead iarraidh ort le mearachd. Dh’fhaoidte gun cuingich laghan a bhios an sàs san dùthaich agad d’ fhiachanas air tar-cuir foilleil, le mearachd no gun ùghdarras on chunntas banca agad. Ma chlàraicheas tu no ma thaghas tu cunntas banca mar an dòigh pàighidh agad, bidh thu ag aideachadh gun do leugh, gun do thuig agus gun do dh’aontaich thu ris na teirmichean seo.
An teacsa slàn
Eintiteas a’ chùmhnaint, taghadh an lagha agus an t-ionad gus connsachaidhean fhuasgladhEintiteas a’ chùmhnaint, taghadh an lagha agus an t-ionad gus connsachaidhean fhuasgladh10_11_contractingEntityChoiceOfLaw
Gearr-chunntas

10. Eintiteas a’ chùmhnaint, taghadh an lagha agus an t-ionad gus connsachaidhean fhuasgladh.

  • a. Airson seirbheisean fo shuaicheantas Skype. A thaobh cleachdadh bathar-bog is seirbheisean air a bheil suaicheantas Skype, an-asgaidh no air airgead, ma tha iomchaidh air “Microsoft” sna teirmichean seo bidh sin a’ ciallachadh Skype Communications S.à.r.l, 23 – 29 Rives de Clausen, L-2165 Lugsamburg. Bidh na teirmichean seo fo bhuaidh agus gan tuigsinn a-rèir laghan Lugsamburg ach ma tha thu a’ fuireach san Roinn-Eòrpa, bidh thu fhathast fo dhìon an luchd-caitheimh a dh’èignicheas laghan na dùthcha a tha sinn a’ treòrachadh nan seirbheisean againn ann ’s far a bheil thu a’ fuireach gu h-àbhaisteach.
  • b. Airson a h-uile seirbheis eile. Ma tha thu a’ fuireach (no mas e gnìomhachas a tha annad, ma tha na prìomh-oifisean agad) san Roinn-Eòrpa agus ma tha thu a’ cleachdadh cuid dhe na seirbheisean a tha an-asgaidh (mar Bing agus MSN), ’s ann le Microsoft Corporation, One Microsoft Way, Redmond, WA 98052, U.S.A. (Unified Business Identifier: 600 413 485) a tha an cùmhnant agad. Tha gach tagradh a thaobh nan seirbheisean a tha saor an-asgaidh fo laghan Washington State anns na Stàitean Aonaichte ach bidh thu fhathast fo dhìon an luchd-caitheimh a dh’èignicheas laghan na dùthcha a tha sinn a’ treòrachadh nan seirbheisean againn ann ’s far a bheil thu a’ fuireach gu h-àbhaisteach. Ma phàigh thu airson cleachdadh cuid de na seirbheisean (a leithid Outlook.com gun sanasachd no cuid den t-seirbheis fo shuaicheantas Office) bidh cùmhnant agad le One Microsoft Place, Páirc Gnó Dheisceart an Chontae, Baile na Lobhar, Baile Àtha Cliath 18, Èirinn (clàraichte leis an Oifig um Chlárú Cuideachtaí ann an Èirinn fon àireamh 256796, àireamh clàrachaidh VAT: IE 8256796 U, le 70 Cé Sir John Rogerson, Baile Àtha Cliath 2, Èirinn an seòladh clàraichte) (no aon dhe na buill-chleamhnach aige ’s a chithear an-seo, a-rèir far a bheil thu a’ fuireach no ma tha thu nad ghnìomhachas a-rèir far a bheil na prìomh-oifisean agad). Tha gach tagradh a thaobh seirbheisean air airgead fo bhuaidh laghan na dùthcha a tha sinn a’ treòrachadh nan seirbheisean againn ann ’s far a bheil thu a’ fuireach gu h-àbhaisteach (no mas e gnìomhachas a tha annad, far a bheil na prìomh-oifisean agad). A thaobh uachdranais laghail, aontaichidh thu fhèin is Microsoft gun tèid cùirtean na dùthcha a thaghadh a tha sinn a’ treòrachadh nan seirbheisean againn ann ’s far a bheil thu a’ fuireach gu h-àbhaisteach (no mas e gnìomhachas a tha annad, far a bheil na prìomh-oifisean agad) airson gach connspaid a dh’èireas ri linn nan teirmichean seo air neo, faodaidh tu a’ chùirt iomchaidh ann an Èirinn a thaghadh.
An teacsa slàn
BarantasanBarantasan12_Warranties
Gearr-chunntas

11. Barantasan. Ma tha sibh nur neach-caitheimh, bidh còirichean sònraichte agaibh fon lagh. Gabhaidh na còirichean seo a-steach gu bheil Microsoft fo dhleastanas na seirbheisean a sholar le cùram is sgil reusanta. Chan eil nì sam bith sna teirmichean seo ag amas air an fhiachanas againn a thaobh briseadh sam bith le Microsoft a chuingeachadh no às-dùnadh. MUR EIL BATHAR SKYPE AIR AIRGEAD A TH’ ANN, THA SINN A’ TOIRT SEACHAD NAN SEIRBHEISEAN “MAR A THA IAD”, “LE GACH LOCHD ANN” AGUS “MAR A THA IAD RI LÀIMH” ACH A-MHÀIN MUR AM B’ URRAINN DO DHAOINE NA SEIRBHEISEAN A CHLEACHDADH RI RINN LOCHDAN FALAICHTE DROCH-RÙNACH. CHAN EIL SINN A’ TOIRT BARANTAS GU BHEIL NA SEIRBHEISEAN CEART NO RI TÌDE. THA SIBH AG AIDEACHADH AGUS AG AONTACHADH NACH BI COIMPIUTAIREAN IS SIOSTAMAN CIAN-CHONALTRAIDH GUN LOCHD AGUS GUN TUISLICH RUDAN O ÀM GU ÀM. CHAN URRAINN DHUINN BARANTAS A THOIRT NACH BRIS DAD A-STEACH AIR NA SEIRBHEISEAN, GUM BI IAD RI TÌDE, SÀBHAILTE NO GUN MHEARACHDAN. CHAN EIL SINNE NO NA BUILL CHLEAMHNAICH, ATH-REICEADAIREAN, SGAOILEADAIREAN NO REICEADAIREAN AGAINN A’ TOIRT BARANTASAN NO CUMHAICHEAN CÙMHNAINT. THA GACH BARANTAS RIATANACH AGAIBH MAR A DH’IARRAS AN LAGH ACH CHAN EIL SINNE A’ TOIRT BARANTASAN A BHARRACHD. THA SINN A’ DÙNADH A-MACH BARANTAS RIATANACH FILLTE SAM BITH, A’ GABHAIL A-STEACH FEADHAINN A THAOBH SO-MHARSANTACHD, ION-FHREAGARRACHD A CHUM AMAIS SHÒNRAICHTE, EUCHDAN EÒLAICHEAN AGUS NEO-BHRISEADH A-STEACH AIR AN ÌRE AS MOTHA A THA CEADAICHTE FO LAGH IOMCHAIDH.

An teacsa slàn
Crìochan fiachanaisCrìochan fiachanais13_limitationOfLiability
Gearr-chunntas

12. Crìochan fiachanais.

  • a. Cha bhi fiachanais air Microsoft airson na susbaint no stuthan agaibh no stuthan treas-phàrtaidhean sam bith eile, a’ gabhail a-steach ceanglaichean gu làraichean-lìn aig treas-phàrtaidhean agus gnìomhan a tha an luchd-cleachdaidh a’ solar. Chan urrainnear susbaint no gnìomhan mar sin a chur as leth Microsoft agus chan eil iad a’ riochdachadh beachdan Microsoft.
  • b. Cha bhi fiachanais air Microsoft ach ma chaidh uallaichean cudromach an aonta a bhriseadh no ma tha lagh iomchaidh a’ sparradh sin oirnn.
  • c. Cha bhi Microsoft, na h-àidseantan ionadaich aige agus/no an luchd-ionaid laghail aige buailteach do chron neo-dhìreach sam bith, a’ gabhail a-steach call ionmhais mar chall prothaid, ach ma bha Microsoft, na h-àidseantan ionadaich aige agus/no an luchd-ionaid laghail aige ri mòr-dhearmad no droch-ghiùlan a dh’aona-ghnothach.
  • d. Cha bhi buaidh aig crìochan an fhiachanais air fiachanas achdail gun-lochd aig Microsoft, a’ gabhail a-steach fiachanas fo achd fiachanas a thaobh briseadh barantais. Bidh an dearbh rud fìor mu fhiachanas Microsoft, nan àidseantan ionadaich aige agus/no an luchd-ionaid laghail aige ma bha iad ri foill no dearmad a dh’adhbharaich leòn pearsanta no bàs.
  • e. Chan eil uallach no fiachanais air Microsoft ma dh’fhàillig leis a dhleastanasan fo na teirmichean seo a choileanadh no mura deach an coileanadh ach le dàil ma chaidh am fàilligeadh no an dàil adhbharachadh le suidheachadh nach eil fo smachd reusanta Microsoft (a leithid chòmhstrithean obrach, ghnìomhan Dhè, cogaidh no ghnìomhan ceannairceach, dochainn dhroch-rùnaich, thubaistean no gèillidh ri lagh iomchaidh no òrdugh riaghaltais sam bith). Nì Microsoft a dhìcheall gus na buaidhean aig gin dhe na tachartasan sin a lùghdachadh agus na dleastanasan a choileanadh nach eil fo am buaidh.
An teacsa slàn
Teirmichean a-rèir seirbheiseTeirmichean a-rèir seirbheise14_service-SpecificTerms
Gearr-chunntas

13. Teirmichean a-rèir seirbheise. Bidh na teirmichean ro agus às dèidh earrann 13 an sàs air a h-uile seirbheis. Tha teirmichean fa leth airson sheirbheisean sònraichte am broinn na h-earrainn seo a tha gan cur ris na teirmichean coitcheann. Thèid prìomhachas a thoirt dha na teirmichean seirbheise seo ma bhios iad ann an còmhstri leis na teirmichean coitcheann.

An teacsa slàn
Geamannan is aplacaidean aig Xbox Live agus Microsoft StudiosGeamannan is aplacaidean aig Xbox Live agus Microsoft Studios14a_XboxLive
Gearr-chunntas
  • a. Geamannan is aplacaidean aig Xbox Live agus Microsoft Studios.
    • i. Cleachdadh pearsanta neo-mhalairteach. Chan fhaod sibh geamannan, aplacaidean, seirbheisean is susbaint aig Xbox Live, Games for Windows Live agus Microsoft Studios a tha gan solar le Microsoft (na “seirbheisean Xbox“ còmhla) a chleachdadh ach gu pearsanta is neo-mhalairteach.
    • ii. Seirbheisean Xbox. Nuair a chlàraicheas tu aig Xbox Live agus/no nuair a gheibh thu seirbheisean Xbox, gun tèid fiosrachadh mu gheamannan a chluicheas tu agus mu na nì thu a thracadh is a cho-roinneadh le luchd-leasachaidh geamannan threas-phàrtaidhean iomchaidh airson ’s gun urrainn dha Microsoft agus luchd-leasachaidh geamannan threas-phàrtaidhean na geamannan aca a ruith agus a libhrigeadh do sheirbheisean Xbox. Ma chuireas sibh romhaibh cunntas nan seirbheisean Xbox agaibh a cheangal ri cunntas seirbheise neo-Microsoft (mar eisimpleir, foillsichear gheamannan neo-Microsoft a dh’fhoillsicheas aplacaidean is seirbheisean treas-phàrtaidhean), aontaichidh sibh ris na leanas: (a) Faodaidh Microsoft fiosrachadh cuingichte a’ chunntais a cho-roinneadh (a’ gabhail a-steach taga-geamair, sgòr geamair, sgòr geama, eachdraidh geama agus liosta ur caraidean gun chuingeachadh) leis an treas-phàrtaidh neo-Microsoft mar a tha ga innse ann an aithris prìobhaideachd Microsoft agus (b) ma cheadaicheas roghainnean na prìobhaideachd Xbox agaibh e, faodaidh am pàrtaidh neo-Microsoft an t-susbaint agaibh inntrigeadh o chonaltradh am broinn a’ gheama nuair a bhios sibh air ur clàradh a-steach dhan chunntas agaibh leis a’ phàrtaidh neo-Microsoft sin. Cuideachd, ma cheadaicheas roghainnean na prìobhaideachd Xbox agad e, faodaidh Microsoft d’ ainm agus an taga-geamair, an dealbh-geamair, am facal-suaicheantais, an t-avatar is cliopaichean gheamannan agad agus na geamannan a chluich thu fhoillseachadh sa chonaltradh gu daoine a dh’aontaiche thu.
    • iii. An t-susbaint agad. Mar phàirt de thogail coimhearsnachd sheirbheisean Xbox, bheir thu còir saor ’s an-asgaidh ’s air feadh an t-saoghail do Microsoft, do na dhlùth-chompanaich is na eintiteasan gabhail fo-cheadachais aige gus an t-susbaint agad no d’ ainm no taga-geamair, dealbh geamair, suaicheantas no avatar a phostaich thu airson seirbheis Xbox sam bith a chleachdadh, atharrachadh, ath-dhèanamh, a sgaoileadh, a chraoladh, a cho-roinneadh is a shealltainn gu slàn no cuid dheth ann an dòigh no pròiseas sam bith air stuth no stuth-taice sam bith.
    • iv. Manaidsearan gheamannan. Dh’fhaoidte gun cleachd cuid a gheamannan manaidsear no cuirmear geama. Chan eil manaidsearan no cuirmearan gheamannan nan luchd-labhairt ùghdarraichte aig Microsoft. Dh’fhaoidte nach eil na beachdan aca a-rèir bheachdan Microsoft.
    • v. Clann air Xbox. Mas e mion-aoiseach a th’ annaibh a chleachdas Xbox Live, dh’fhaoidte gum bi smachd aig ur pàrant no neach-glèidhidh air iomadh feart a’ chunntais agaibh agus dh’fhaoidte gum faigh iad aithrisean air mar a chleachdas sibh Xbox Live.
    • vi. Airgeadra geama no bathar mas-fhìor. Dh’fhaoidte gun gabh na seirbheisean a-steach airgeadra geama mas-fhìor (can òr, buinn no puingean) as urrainn dhuibh ceannach o Microsoft le innealan airgid dearbha ma tha sibh nur n-inbheach laghail san dùthaich sa bheil sibh a’ fuireach. Dh’fhaoidte gun gabh na seirbheisean a-steach cuideachd rudan digiteach no bathar mas-fhìor (can òr, buinn no puingean) as urrainn dhuibh ceannach o Microsoft le innealan airgid dearbha no le airgeadra a’ gheama. Cha ghabh airgeadra geama no bathar mas-fhìor a chur gu feum idir gus innealan airgid dearbha, bathar no rudan eile air a bheil luach airgid fhaighinn o Microsoft no pàrtaidh sam bith eile. Seach ceadachas cuingichte pearsanta a ghabhas cùl-ghairm agus nach gabh tar-chur no fho-cheadachas dheth a thoirt seachad gus airgeadra a’ gheama is bathar mas-fhìor a chleachdadh am broinn nan seirbheisean a-mhàin, chan eil còir no tiotal agaibh a thaobh airgeadra geama no bathar mas-fhìor sam bith a nochdas ann no a thàinig às na seirbheisean no a thaobh feart sam bith eile co-cheangailte ri cleachdadh nan seirbheisean no a tha ga ghlèidheadh am broinn nan seirbheisean. Faodaidh Microsoft atharrachadh na thèid a thairgse a thaobh airgeadra geama no bathar mas-fhìor o àm gu àm.
    • vii. Ùrachaidhean bathair-bhog. Air uidheam sam bith le comas ceangail dha sheirbheisean Xbox, faodaidh sinn sùil a thoirt air an tionndadh dhe bhathar-bog a’ chonsail Xbox no na h-aplacaid Xbox agad agus ùrachaidhean air bathar-bog consoil Xbox no aplacaid Xbox no atharraichean air an rèiteachadh aca a luchdadh a-nuas gu fèin-obrachail, a’ gabhail a-steach feadhainn a bhacas tu o inntrigeadh nan seirbheisean Xbox, o chleachdadh gheamannan Xbox no aplacaidean Xbox gun ùghdarrachadh no o chleachdadh bathair-chruaidh aig uidheaman-taice gun ùghdarrachadh le consoil Xbox.
    • viii. Falbhadh an ùine air an taga-geamair. Feumaidh tu clàradh a-steach air seirbheisean Xbox co-dhiù aon turas gach còig bliadhna air neo dh’fhaoidte gun caill thu an cothrom air an taga-geamair a tha co-cheangailte ris a’ chunntas agad agus gum bi an taga-geamair sin ri fhaighinn dha dhaoine eile ach an cleachd iadsan e.
    • ix. Arena. ’S e seirbheis Xbox a th’ ann an Arena as urrainn dha Microsoft no treas-phàrtaidh a chleachdadh gus comas a thoirt dhut gun gabh thu pàirt ann an fo-fharpais geama, le duaisean na lùib air amannan (“fo-fharpais”). Tha do chleachdadh air Arena fo bhuaidh nan teirmichean seo agus airson co-fharpais, dh’fhaoidte gum bi agad ri aontachadh ri teirmichean, cumhaichean is riaghailtean a bharrachd a dh’iarras rianadair na co-fharpais ort nuair a chlàraicheas tu air a son (“teirmichean na co-fharpais”). ’S dòcha gum bi riaghailtean ion-roghnachd an sàs a dh’fhaodas a bhith eadar-dhealaichte a-rèir an uachdranas laghail. Bidh co-fharpaisean falamh ’s gun èifeachd far am bi iad toirmisgte no cuingichte a-rèir an lagha. Ma bhriseas tu na teirmichean seo (a’ gabhail a-staigh an còd giùlain) no teirmichean na co-fharpais, dh’fhaoidte gun èirich peanas dhut no gun tèid do dhì-cheadachadh on cho-fharpais. Ma chruthaicheas tu co-fharpais, chan fhaod thu riaghailtean co-fharpais iarraidh a tha Microsoft a’ measadh (na bheachd fhèin) mar fheadhainn nach eil co-chòrdail ris na teirmichean seo. Tha Microsoft a’ glèidheadh na còrach gun cuir sinn crìoch air co-fharpais sam bith uair sam bith.
    • x. Bathar-bog cealgaireachd ’s beantainn ris. Air uidheam sam bith le comas ceangail dha sheirbheisean Xbox, faodaidh sinn sùil a thoirt air an uidheam agad gus faighinn a-mach a bheil bathar-cruaidh no bathar-bog aige a leigeas leat a bhith ri cealgaireachd no beantainn ris an aghaidh a’ chòd ghiùlain no nan teirmichean seo agus faodaidh sinn ùrachaidhean air bathar-bog aplacaid Xbox no atharraichean air an rèiteachadh aige a luchdadh a-nuas gu fèin-obrachail, a’ gabhail a-steach feadhainn a bhacas tu o inntrigeadh nan seirbheisean Xbox no o chleachdadh bathair-bhog a leigeas leat a bhith ri cealgaireachd no beantainn ris.
    • xi. Mixer.
      • 1. Cunntasan Mixer is cunntasan Microsoft. Ma chleachdas tu seirbheis Mixer le cunntas Mixer, bidh do chleachdadh fo bhuaidh teirmichean seirbheise Mixer a tha ri am faighinn air https://mixer.com/about/tos. Ma chleachdas tu seirbheis Mixer le cunntas Microsoft, bidh do chleachdadh fo bhuaidh nan teirmichean seo cuideachd. ’S e na teirmichean seo a bhios an sàs ma bhios còmhstri eatorra.
      • 2. An t-susbaint agad air Mixer. Tha “an t-susbaint agad air Mixer” a’ ciallachadh gach susbaint a chruthaicheas tu fhèin no cuideigin eile às do leth air seirbheis Mixer Service, a’ gabhail a-steach ach gun chuingeachadh sruthan beò is clàraichte (agus gach susbaint nam broinn-san, can susbaint lèir-chlaisneach); ainmean brannd, comharran-malairt, comharran-seirbheise, ainmean-malairt, suaicheantasan no comharraidhean an tùis; do bheachdan, samhlaidhean-gniùis is gnìomhachd ann an seanailean Mixer (a’ gabhail a-steach susbaint air a cruthachadh le bot); agus gach meata-dàta co-cheangailte rithe. Faodaidh dhuine sam bith, a’ gabhail a-steach Microsoft agus na cleachdaichean, an t-susbaint agad air Mixer fhaicinn, a chleachdadh, òstadh, ath-dhèanamh, atharrachadh, a sgaoileadh, fhoillseachadh, a chluich ’s a shealltainn gu digiteach ’s gu poblach, eadar-theangachadh, fhreagarrachadh agus a shaorachadh air cruth, fòrmat, meadhan no seanail sam bith air a bheil sinn eòlach an-dràsta no a thèid a leasachadh san àm ri teachd.
      • 3. An còd giùlain a bhios an sàs air Mixer. Briog an-seo airson barrachd fiosrachaidh air mar a thèid còd giùlain Microsoft a chur an sàs air Mixer.
      • 4. Cleachdadh seirbheis Mixer.
        • a. An aois as lugha. Ma chleachdas tu seirbheis Mixer, tha thu a’ cur an cèill gu bheil thu 13 bliadhna a dh’aois air a char as lugha agus mur eil thu nad inbheach far a bheil thu a’ fuireach, gu bheil pàrant no neach-glèidhidh a’ stiùireadh do chleachdadh.
        • b. Cleachdadh gun urra agus le urra. ’S urrainn dhut Mixer a chleachdadh gun urra mur eil thu ach airson sealltainn air susbaint. Ma tha thu airson barrachd a dhèanamh leis, feumaidh tu cunntas a chruthachadh agus clàradh a-steach agus aithnichidh cleachdaichean eile thu a-rèir d’ ainm Mixer.
        • c. Cunntasan a chum cleachdaidh le urra. ’S urrainn dhut cunntas Microsoft agus/no cunntas Mixer a chruthachadh ma tha thu airson seirbheis Mixer a chleachdadh le urra. ’S urrainn dhut cunntas Mixer a chruthachadh le clàradh air loidhne. Feumaidh tu an cunntas Mixer agad a chleachdadh gus a chumail gnìomhach. Feumaidh tu clàradh a-steach air seirbheis Mixer co-dhiù aon turas gach 5 bliadhna gus an alias Mixer agad a chumail co-cheangailte ris a’ chunntas Microsoft agad.
      • 5. Brathan seirbheise. Nuair a bhios rud cudromach ann a dh’fheumas sinn innse dhut a thaobh seirbheis Mixer, cuiridh sinn brathan seirbheise dhan phost-d a tha co-cheangailte ris a’ chunntas Mixer agus/no ris a’ chunntas Microsoft agad.
      • 6. Taic. Tha taic nan custamairean airson seirbheis Mixer ri faighinn air mixer.com/contact.
An teacsa slàn
BùthBùth14b_Store
Gearr-chunntas
  • b. Bùth. Nì "Bùth" iomradh air an t-seirbheis a leigeas leat aplacaidean (gabhaidh an abairt “aplacaid” geamannan a-steach) agus susbaint eile a rùrachadh, a luchdadh a-nuas, a rangachadh is lèirmheas a dhèanamh orra. Tha cleachdadh Bùth Office, Bùth Windows agus Bùth Xbox fo na teirmichean seo. Is ciall dha “Bùth Office” bùth airson bhatharan Office is aplacaidean airson Office, Office 365, SharePoint, Exchange, Access agus Project (tionndadh 2013 no nas ùire) no eòlas sam bith eile fo shuaicheantas Bùth Office. Is ciall dha “Bùth Windows” bùth airson uidheaman Windows a leithid fòn, PC agus tablaid no eòlas sam bith eile fo shuaicheantas Windows. Is ciall dha “Bùth Xbox” bùth airson consoilean Xbox One is Xbox 360 no eòlas sam bith eile fo shuaicheantas Bùth Xbox.
    • i. Teirmichean a’ cheadachais. Aithnichidh sinn foillsichear gach aplacaid a tha ri fhaighinn sa bhùth iomchaidh. Mur an deach teirmichean ceadachais eadar-dhealaichte a sholar leis an aplacaid, ’s e aonta eadar sibh fhèin agus foillsichear na h-aplacaid a tha sna teirmichean ceadachas aplacaid stannardach (“TCAS”) air deireadh nan teirmichean seo a dh’innseas cò teirmichean a’ cheadachais a bhios an sàs ann an aplacaid a luchdaich sibh a-nuas slighe an Windows Store no Bùth Xbox. Gus a dhèanamh soilleir, tha na teirmichean seo mu choinneamh cleachdadh seirbheisean Microsoft agus na seirbheisean a bheir iad seachad. Tha Earrann 5 de na teirmichean seo cuideachd an sàs air aplacaidean is seirbheisean treas-phàrtaidhean sam bith a fhuaireadh slighe an Store. Chan eil aplacaidean a chaidh a luchdadh a-nuas slighe Bùth Office fo bhuaidh TCAS agus tha teirmichean a’ cheadachais fa leth an sàs orra.
    • ii. Ùrachaidhean. Bheir Microsoft sùil airson ùrachaidhean airson nan aplacaidean agaibh is thèid iad a luchdadh a-nuas gu fèin-obrachail fiù ’s mur eil sibh air clàradh a-steach don bhùth iomchaidh. ’S urrainn dhuibh roghainnean na bùtha no an t-siostaim agaibh atharrachadh mur eil sibh airson ùrachaidhean air aplacaidean bùtha fhaighinn gu fèin-obrachail. Ge-tà, dh’fhaoidte gun tèid aplacaidean Bùth Office sònraichte a tha gan òstadh air loidhne gu tur no cuid dhiubh ùrachadh le luchd-leasachaidh na h-aplacaid agus dh’fhaoidte nach eil iad feumach air ur cead gus ùrachadh a dhèanamh.
    • iii. Rangachaidhean is lèirmheasan. Ma chuireas tu a-null rangachadh no lèirmheas airson aplacaid no bathar digiteach eile sa bhùth, dh’fhaoidte gum faigh thu post-d o Microsoft sa bheil susbaint o fhoillsicheir na h-aplacaid no a’ bhathair dhigitich. ’S ann gun tig gach post-d dhen leithid o Microsoft fhèin; cha cho-roinn sinn am post-d agad le foillsichear aplacaidean no bhatharan digiteach eile a gheibh thu slighe a’ Bhùtha.
    • iv. Rabhadh sàbhailteachd. A chum leòn, mì-chofhurtachd no sgithear nan sùilean a sheachnadh, bu chòir dhuibh stad de chleachdadh nan geamannan agus aplacaidean eile o àm gu àm, gu h-àraidh ma bhios sibh a’ faireachdainn pian no sgìths ri linn ur cleachdaidh. Ma tha mì-chofhurtachd a’ tighinn oirbh, gabhaibh fois. Faodaidh mì-chofhurtachd a’ gabhail a-steach òrrais, cur na mara, tuainealach, tuathalachd, ceann goirt, sgìths, sgithear nan sùilean no sùilean tiorma. Faodaidh cleachdadh aplacaidean ur n-aire a tharraing agus an fheadhainn tha timcheall oirbh a bhacadh. Seachnaibh cnapan-starra a chuireadh air ur beul fodha sibh, staidhrichean, mullaich ìosal agus nithean luachmhor brisg a b’ urrainn sibh milleadh. Thig taom aig àireamh bheag a dhaoine nuair a choimheadas iad air dealbhan àraidh leithid solais a’ boillsgeadh no pàtrain a dh’fhaodadh a nochdadh ann an aplacaid. Dh’fhaoidte gum buail taom mar seo air daoine aig nach robh a leithid roimhe ma tha an tinneas seo orra gun fhiosta. Aithnichear e air gog-cheannachd, caochladh lèirsinn, snaoidheadh no crathadh nam ball, tuathalachd, breisleach, tuiteam ann an neul no braisean. Ma bhuaileas dad mar seo oirbh, sguiribh den chleachdadh sa bhad agus iarraibh comhairle dotair no iarraibh comhairle dotair mus cleachd sibh na h-aplacaidean ma bha dad mar seo oirbh roimhe. Bu chòir do phàrantan sùil a thoirt a-mach ach am mothaich iad comharradh air duilgheadas nuair a chleachdas an cuid cloinne aplacaidean.
An teacsa slàn
Gleusan teaghlach MicrosoftGleusan teaghlach Microsoft14c_MicrosoftFamily
Gearr-chunntas
  • c. Gleusan aig Teaghlach Microsoft. ’S urrainn do phàrantan is a’ chlann gleusan teaghlaich Microsoft a chleachdadh ach am biodh earbsa aca a tha stèidhichte air co-thuigse dè an giùlan, na làraichean-lìn, na h-aplacaidean, na geamannan, na h-àiteachan far an tèid iad agus an cosg airgid a tha iomchaidh san teaghlach. ’S urrainn do phàrantan teaghlach a thogail ’s iad a’ tadhal air https://account.microsoft.com/family (no a’ leantainn air an stiùireadh air an uidheam Windows no air a’ chonsoil Xbox aca) agus a’ toirt cuireadh dhan chlann no pàrantan eile gus ballrachd fhaighinn. Tha iomadh gleus ri làimh bhall teaghlaich, mar sin thoir sùil gheur air an fhiosrachadh a gheibh thu nuair a dh’aontaicheas tu gun cruthaich tu teaghlach no gum faigh thu ballrachd ann agus nuair a cheannaicheas tu bathar digiteach a chum inntrigeadh teaghlaich. Nuair a chruthaicheas tu no a gheibh thu ballrachd ann an teaghlach, aontaichidh tu gun cleachd thu an teaghlach mar as iomchaidh a-rèir adhbhair agus nach cleachd thu ann an dòigh nach eil ùghdarraichte e gus inntrigeadh mì-laghail fhaighinn air fiosrachadh daoine eile.
An teacsa slàn
Teachdaireachdan buidhinnTeachdaireachdan buidhinn14d_GroupMessaging
Gearr-chunntas
  • d. Teachdaireachdan buidhinn. Leigidh iomadh seirbheis Microsoft leibh teachdaireachdan a chur do chàch slighe gutha no SMS (“teachdaireachdan”) agus/no le Microsoft agus dlùth-chompanaich fo smachd Microsoft gun cuir iad teachdaireachdan dhen leithid thugaibhse no gu cleachdaiche no cleachdaichean eile às ur leth. MA DH’IARRAS SIBH AIR MICROSOFT AGUS DLÙTH-CHOMPANAICH FO SMACHD MICROSOFT GUN CUIR IAD TEACHDAIREACHDAN DHEN LEITHID THUGAIBHSE NO GU CÀCH, THA SIBH A’ CUR AN CÈILL ’S A’ BARANTACHADH DHUINN GUN AONTAICH SIBH FHÈIN AGUS GACH UILE NEACH A DH’IARR SIBH OIRNN TEACHDAIREACHD A CHUR THUCA GUM FAIGH SIBH TEACHDAIREACHDAN DHEN LEITHID AGUS TEACHDAIREACHDAN TEACSA A CHUM RIANACHD SAM BITH CO-CHEANGAILTE RITHE O MICROSOFT AGUS DLÙTH-CHOMPANAICH FO SMACHD MICROSOFT. ’S e teachdaireachdan tar-ghnìomh o sheirbheis shònraichte Microsoft a tha sna “teachdaireachdan teacsa a chum rianachd”, a' gabhail a-steach ach gun chuingeachadh “teachdaireachd fàilteachaidh” no stiùireadh air mar a sguirear dhe theachdaireachdan fhaighinn. Mur eil sibh fèin no buill a’ bhuidhinn airson nan teachdaireachdan ud fhaighinn tuilleadh, ’s urrainn dhuibh iarraidh nach cuir Microsoft agus dlùth-chompanaich fo smachd Microsoft theachdaireachdan thugaibh tuilleadh uair sam bith agus sibh a’ leantainn ris an stiùireadh a tha ga sholar. Mur eil sibh airson teachdaireachdan dhen leithid fhaighinn no pàirt a ghabhail sa bhuidheann tuilleadh, aontaichidh sibh gun sguir sibh dheth slighe an stiùiridh a tha ga sholar leis a’ phrògram no seirbheis iomchaidh. Ma tha sibh dhen bheachd gu bheil ball sa bhuidheann nach eil airson teachdaireachdan dhen leithid fhaighinn no pàirt a ghabhail sa bhuidheann tuilleadh, aontaichidh sibh gun toir sibh air falbh on bhuidheann iad. Tha sibh a’ cur an cèill ’s a’ barantachadh dhuinn cuideachd gun tuig sibh fhèin agus gach neach a dh’iarr sibh oirnn teachdaireachd a chut thuca gu bheil gach ball a’ bhuidhinn fo dhleastanas a thaobh cosgaisean sam bith a dh’èireas ri linn nan teachdaireachdan a dh’iarras an giùlanair mobile aca orra, a’ gabhail a-steach tàillean airson teachdaireachdan eadar-nàiseanta a bhios an sàs air ma dh’fhaoidte nuair a thèid teachdaireachdan a chur o àireamhan a tha stèidhichte sna Stàitean Aonaichte.
An teacsa slàn
Skype agus GroupMeSkype agus GroupMe14e_Skype
Gearr-chunntas
  • e. Skype agus GroupMe.
    • i. Chan eil inntrigeadh do sheirbheisean èiginn ann. Tha diofaran cudromach eadar seirbheisean fòn tradaiseanta agus Skype. Chan eil e riatanach do Skype inntrigeadh do sheirbheisean èiginn a thairgsinn fo riaghailtean, conn-riaghailtean no lagh ionadail no eadar-nàiseanta iomchaidh sam bith. Chan eil am bathar-bog agus batharan aig Skype ag amas air taic a chur ri gairmean èiginn no an giùlan gu seòrsa sam bith de dh’ospadal, buidheann èigneachaidh an lagha, ionad cùram slàinte no seòrsa sam bith eile de sheirbheis a cheanglas cleachdaiche ri luchd-obrach sheirbheisean no puing freagairt sàbhailteachd poblaich (“seirbheisean èiginn”). Dh’fhaoidte gun toir Skype taic ri gairmean gu seirbheisean èiginn ann an cuid glè bheag a dhùthchannan agus airson tionndaidhean agus àrd-ùrlaran cuingichte a’ bhathair-bhog a-mhàin. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh air a bheil an gleus seo ri làimh gus nach eil agus mar a rèiticheas tu e an-seo: https://www.skype.com/go/emergency. Ma chaidh a’ ghairm èiginn agaibh a cheangal, feumaidh sibh fiosrachadh a sholar air an àite far a bheil sibh ach an urrainn do na seirbheisean èiginn ur freagairt. Cha toir Skype barantas gun tèid a’ ghairm èiginn agaibh a cheangal. Tha thu aig aideachadh is ag aontachadh: (i) gur ann ortsa a tha an t-uallach gun ceannaich thu seirbheisean fòn uèirleas (fòn-làimhe) no fòn-talmhainn tradaiseanta a bheir inntrigeadh do sheirbheisean èiginn dhut agus (ii) nach gabh Skype a chleachdadh an àite na prìomh seirbheise fòn agad. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh air mar a chuireas tu fòn gu 112, an àireamh èiginn shònraichte airson Na Roinn-Eòrpa air www.skype.com/go/emergency.
    • ii. Atharraichean air batharan Skype air airgead. Ma nì sinn atharrachadh air bathar Skype air airgead a dh’adhbharaicheas dolaidh dhuibh, cuiridh sinn brath thugaibh co-dhiù trithead latha ro làimh mun atharrachadh sin agus innsidh sibh dhuibh mu na còirichean agaibh gus crìoch a chur air a’ bhathar fo bhuaidh mus atharraich e. Mura cuir sibh crìoch air a’ bhathar mus bi na h-atharraichean an sàs, aontaichidh sibh ris na h-atharraichean. Innsidh sinn dhuibh mu dhèidhinn seo gu follaiseach nuair a chuireas sinn brath thugaibhn.
    • iii. APIean no craoladh. Ma tha sibh airson Skype a chleachdadh co-cheangailte ri craoladh sam bith, feumaidh sibh gèilleadh ri “teirmichean a’ chleachdaidh a thaobh craolaidh" air https://www.skype.com/go/legal.broadcast. Ma tha sibh airson eadar-aghaidh prògramachadh aplacaidean (“API”) sam bith a chleachdadh a chaidh fhoillseachadh no a chur ri làmh dhuibh le Skype, feumaidh sibh gèilleadh ri teirmichean a’ cheadachais iomchaidh a gheibh sibh air www.skype.com/go/legal.
    • iv. Poileasaidhean a’ cleachdaidh chothromaich. Dh’fhaoidte gum bi poileasaidhean a’ cleachdaidh chothromaich an sàs air ur cleachdadh Skype. Thoiribh sùil air na poileasaidhean sin a chaidh a dhealbhachadh a chum dìona an aghaidh foille is droch ghiùlain agus dh’fhaoidte gun cuir iad cuingeachadh air an t-seòrsa, fhaide no uiread de ghairmean no teachdaireachdan as urrainn dhuibh dèanamh. Chaidh na poileasaidhean sin a chur am broinn nan teirmichean seo slighe iomraidh. Gheibh sibh na poileasaidhean sin air https://www.skype.com/go/terms.fairusage.
    • v. Mapachadh. Tha feartan am broinn Skype a leigeas leibh fiosrachadh a chur a-null gu, no a tharraing air mapa sibh fhèin slighe seirbheise mapachaidh. Le cleachdadh nam feartan sin, aontaichidh sibh ris na teirmichean seo agus ri teirmichean Google Maps a gheibh ribh air https://www.google.com/intl/en_ALL/help/terms_maps.html.
    • vi. Cleachdadh pearsanta/neo-choimeirsealta. Faodaidh tu Skype a chleachdadh gu pearsanta is neo-choimeirsealta. Faodaidh tu Skype a chleachdadh air an àite-obrach airson a’ chonaltradh gnìomhachais agad fhèin.
    • vii. Àireamh Skype/Skype To Go. Ma bheir Skype àireamh Skype no Skype To Go dhuibh, aontaichidh sibh nach ann leibhse a tha an àireamh is nach eil còir agaibh gus an àireamh sin a chumail gu buan. Ann an cuid a dhùthchannan, dh’fhaoidte gun tèid cothrom a thoirt dhuibh air àireamh le com-pàirtiche Skype seach Skype fhèin agus dh’fhaoidte gum feum sibh aonta fa leth a dhèanamh le com-pàirtiche den leithid.
    • viii. Skype Manager. Bidh “chunntas rianaire aig Skype Manager” air a chruthachadh agus ga stiùireadh leat fhèin agus bidh thu ga stiùireadh gu pearsanta mar rianaire fa leth dhen bhuidheann Skype Manager agad seach nad eintiteas gnìomhachais. Faodaidh tu an cunntas Microsoft pearsanta agad a cheangal ri buidheann Skype Manager (“cunntas ceangailte”). Faodaidh tu barrachd rianairean a chur ris a’ Skype Manager agad ma ghabhas iad ris na teirmichean seo. Ma riaraicheas sibh àireamhan Skype do chunntas ceangailte, ’s ann agaibhse a tha an t-uallach gun gèillear ri riatanasan sam bith co-cheangailte ris an àite-fhuirich no àite-chòmhnaidh aig cleachdaichean a’ chunntais ceangailte agaibh. Ma chuireas tu romhad cunntas ceangailte a dhì-cheangal o bhuidheann Skype Manager, dh’fhaoidte gun tèid gach fo-sgrìobhadh, creideas Skype no àireamh Skype a bha riaraichte dha air a chall agus nach fhaigh thu cothrom air an t-susbaint no stuth agad a tha co-cheangailte ris a’ chunntas dì-cheangailte tuilleadh. Aontaichidh tu gun dèan thu pròiseasadh air fiosrachadh pearsanta sam bith aig luchd-chleachdaidh nan cunntasan ceangailte agad a-rèir gach lagha iomchaidh air dìon dàta.
    • ix. Tàillean is ath-dhìolaidhean Skype. Tha na tàillean ri am pàigheadh airson fòn a chur taobh a-muigh fo-sgrìobhadh nan tàille ceangail (ga h-iarraidh aon turas airson gach gairme) agus reat gach mionaid mar a mhìnicheas sinn air www.skype.com/go/allrates. Thèid tàillean gairme a thort air falbh on bhalans creideas Skype agaibh. Faodaidh Skype na reataichean gus fòn a chur agus àireamhan reat premium nach eil nam pàirt de fho-sgrìobhadh atharrachadh. Ma tha na h-atharraichean mòr gun a bhith nam buannachd dhuibh (can ma dh’àrdaicheas sinn na reataichean), innsidh sinn dhuibh mun dèidhinn air a’ phost-d no ann an dòigh iomchaidh eile co-dhiù trithead (30) latha ro làimh mus bi na h-atharraichean air na reataichean an sàs. Às dèidh trithead (30) latha, thèid na reataichean ùra a chur an sàs air an t-ath-thuras a chuireas sibh fòn. Chì sibh na reataichean làithreach air www.skype.com/go/allrates. Mura gabh sibh ris na reataichean ùra, cha bu chòir dhuibh fòn a chur. Thèid mionaidean bloigheach gairme is tàillean sgillinnean bhloighich airson gairme a chuairteachadh suas dhan ath-aonad shlàn. Gabhaidh a h-uile prìs airson bathar Skype air airgead a-steach na cìsean iomchaidh, a’ gabhail a-steach VAT ach mar tha an caochladh ga innse. Thèid VAT àireamhachadh stèidhichte air an t-seòladh bileachaidh a chaidh a thoirt seachad. Cuiridh sibh gach còir airson ais-phàigheadh VAT o Skype dhan dàrna taobh nan robh a’ VAT iomlan a bhiodh aig an fhear eile ri pàigheadh gu ùghdarrasan nan cìsean nas lugha air adhbhar sam bith na a’ VAT iomlan a chaidh cruinneachadh uaibhse. Chan eil bathar Skype air airgead ri fhaighinn don luchd-ceannachd ann am Mount Athos, sna h-Eileanan Canàrach, ann an roinnean thar lear na Frainge, sna h-Eileanan Àland, ann an Eileanan Caolas Shasainn, san Eilean Helgoland, ann an Ranntair Bhüsingen no ann an Ceuta, Melilla, Livigno, Campione d’Italia no ann an uisgeachan Eadailteach Loch Lugano. Ma tha sibh air bathar Skype air airgead a chleachdadh, cuiridh seo às dhen ùine chnuasachaidh agaibh agus chan urrainn dhuibh sgur dhen cheannach agaibh no ath-dhìoladh fhaighinn. Is ciall dha chosgadh creideas Skype, riarachadh àireamh Skype no cleachdadh fo-sgrìobhaidh gur e “lìbhrigeadh slàn” agus/no “cleachdadh” bathar Skype air airgead a th’ ann. Aonaichidh sibh gu follaiseach gun tèid àireamh Skype a riarachadh ro dheireadh na h-ùine cnuasachaidh ma dh’fhaoidte agus nach gabh ath-dhìoladh tuilleadh nuair a thèid a riarachadh. Taobh a-muigh na h-ùine cnuasachaidh, cha ghabh ach fo-sgrìobhaidhean Skype nach deach a chleachdadh no nach do dh’fhalbh an ùine orra ath-dhìoladh fo na teirmichean seo. Cha bhi ùine cnuasachaidh no ath-dhìolaidhean iomchaidh airson bathar Skype air airgead (i) a chaidh a cheannach slighe com-pàirtiche treas-phàrtaidh; (ii) a chaidh a phàigheadh le airgead ullamh slighe dòigh pàighidh treas-phàrtaidh (can le sporan pàighidh airgid); (iii) nach deach a cheannach air loidhne o Skype gu dìreach (can le eàrlas no cairt ro-phàighte); no (iv) a chaidh a riarachadh don chunntas agaibh le treas-phàrtaidh.
    • x. Creideas Skype. Cha toir Skype barantas gur urrainn dhut balans a’ chreideis Skype agad a cleachdadh gus bathar Skype air airgead sam bith a cheannach. Mura cleachd sibh an creideas Skype agaibh fad 180 latha, bheir Skype staid neo-ghnìomhach air a’ chreideas Skype agaibh. ’S urrainn dhuibh an creideas Skype agaibh ath-ghnìomhachadh le leantainn air a’ cheangal ath-ghnìomhachaidh air https://www.skype.com/go/store.reactivate.credit. ’S urrainn dhuibh feart an lìonaidh fhèin-obrachail a chur an comas ma chuireas sibh cromag sa bhogsa iomchaidh nuair a cheannaicheas sibh creideas Skype. Ma tha seo an comas, thèid balans a’ chreideis Skype agad a lìonadh leis an aon suim agus leis an dòigh pàighidh a thagh thu gach turas a thèid am balans Skype agad fo stairsneach air a shuidheachadh le Skype o àm gu àm. Ma cheannaich sibh fo-sgrìobhadh le dòigh pàighidh seach cairt-chreideis, PayPal no Moneybookers (Skrill) agus ma chuir sibh an lìonadh fèin-obrachail an comas, thèid balans a’ chreideis Skype agaibh a lìonadh leis an t-suim a bhios a dhìth gus an ath fho-sgrìobhadh ath-chùrsach agaibh a cheannach. ’S urrainn dhut an lìonadh fèin-obrachail a chur à comas uair sam bith le thadhal air na roghainnean agad agus an atharrachadh ann am portal a’ chunntais agad ann an Skype.
    • xi. Tàillean airson teachdaireachdan eadar-nàiseanta. Cleachdaidh GroupMe àireamhan a tha stèidhichte sna Stàitean Aonaichte airson gach buidheann a tèid a chruthachadh aig an àm seo. Bidh gach teachdaireachd teacsa a thèid a chur no fhaighinn o àireamh GroupMe na teachdaireachd teacsa eadar-nàiseanta a chaidh a chur gu no fhaighinn o na Stàitean Aonaichte. Faighibh fiosrachadh mu na tàillean eadar-nàiseanta a dh’èireas na lùib on t-solaraiche agaibh.
    • xii. Cur is faighinn airgid. Ma chleachdas tu an gleus gus airgead a chur is fhaighinn (ma tha seo ri fhaighinn), bidh thu ag aideachadh gun cleachd Skype treas-phàrtaidhean gus na seirbheisean pàighidh a solar agus na tar-chuir a chur an gnìomh. Cha sholar Skype seirbheisean pàighidh is cha chuir e tar-chuir an gnìomh agus chan eil e na ghnìomhachas seirbheisean airgid. Dh’fhaoidte nach urrainn ach dha na cleachdaichean a tha 18 bliadhna a dh’aois no nas sine (air neo a fhreagras ri teirmichean an treas-phàrtaidh air dòigh eile) agus a chlàraich agus a chaidh gabhail riutha airson cunntas leis an t-solaraichean treas-phàrtaidh airgead a chur is fhaighinn air Skype. Cur gleus a’ chuir airgid a chleachdadh, dh’fhaoidte gun tèid iarraidh ort gun clàraich thu airson teirmichean is cumhaichean an treas-phàrtaidh agus gun toir thu seachad cead gus dàta a cho-roinneadh leis an treas-phàrtaidh ud a chum solar na seirbheise. Ma gheibh Skype brath-naidheachd gun do bhris mar a chleachdaich thu gleus a’ chuir airgid na teirmichean is cumhaichean aig treas-phàrtaidh, dh’fhaoidte gum bi aig Skype ri gnìomh a ghabhail an aghaidh do chunntais, can crìoch a chur air no a chur à rèim. Tha bhi fiachanais aig Skype no Microsoft a thaobh seirbheisean pàighidh a tha gan solar le treas-phàrtaidh no a thaobh gnìomh sam bith a chaidh a ghabhail fo theirmichean is cumhaichean an treas-phàrtaidh ud. Tha toir Skype barantas no a’ cur an cèill gu bheil no gum bi gleus a’ chuir airgid ri fhaighinn.
An teacsa slàn
Bing agus MSNBing agus MSN14f_BingandMSN
Gearr-chunntas
  • f. Bing agus MSN.
    • i. Stuthan Bing agus MSN. Tha na h-artaigealan, an teacsa, na dealbhan, na mapaichean, na videothan, na cluicheadairean video agus stuth treas-phàrtaidhean ri fhaighinn air Bing agus MSN, a’ gabhail a-steach an fheadhainn slighe bot, aplacaid no prògram Microsoft, a chum do chleachdaidh phearsanta neo-choimeirsealta a-mhàin. Chan eil cleachdadh eile mar luchdadh a-nuas, cruthachadh lethbhreacan no ath-sgaoileadh nan stuthan sin no chleachdadh nan stuthan no batharan sin gus na bhatharan agad fhèin a chruthachadh ceadaichte ach ma chaidh seo ùghdarrachadh gu sònraichte le Microsoft no sealbhadairean nan còraichean no ma tha seo ceadaichte fo lagh còrach-lethbhreac iomchaidh. Tha Microsoft agus sealbhadairean còrach eile a’ glèidheadh a h-uile còir airson nan stuthan nach deach a thoirt seachad gu follaiseach le Microsoft fo theirmichean a’ cheadachais.
    • ii. Mapaichean Bing. A thaobh mapaichean Bing, chan fhaodar sealladh sùil an eòin de na Stàitean Aonaichte, Canada, Meagsago, Seallainn Nuadh, Astràilia no an t-Seapan a chleachdadh airson obair riaghaltais as aonais cead sgrìobhte uainn.
    • iii. Àitichean Bing agus ionad luchd-saothrachaidh Bing. Ma bheir thu an dàta no an t-susbaint agad gu Bing Places, no ionad luchd-saothrachaidh Bing bheir thu ceadachas seilbh inntleachdail a tha saor o thàillean air feadh a t-saoghail dha Microsoft gus an dàta a chleachdadh, ath-dhèanamh, a shàbhaladh, atharrachadh, a threudachadh, a bhrosnachadh, a thar-chur, a shealltainn no a sgaoileadh mar phàirt de sheirbheis agus fo-cheadachas airson nan còraichean seo a thoirt do threas-phàrtaidhean.
An teacsa slàn
CortanaCortana14g_Cortana
Gearr-chunntas
  • g. Cortana.
    • i. Cleachdadh pearsanta neo-mhalairteach. ’S e seirbheis cuidiche pearsanta aig Microsoft a th’ ann an Cortana. Tha na gleusan, na seirbheisean, an t-susbaint agus na h-aplacaidean is seirbheisean treas-phàrtaidhean a sholaireas Cortana (“seirbheisean Cortana” còmhla) a chum do chleachdaidh phearsanta is neo-choimeirsealta a-mhàin.
    • ii. Gleusan agus susbaint. Bheir Cortana grunn ghleusan dhut agus bidh cuidh dhiubh pearsanaichte. Faodaidh seirbheisean Cortana inntrigeadh dha sheirbheisean, fiosrachadh no gleusan a thoirt dhut a tha gan solar le seirbheisean Microsoft eile no aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean. Tha do cleachdadh de sheirbheisean Microsoft iomchaidh a dh’inntrigeas tu slighe sheirbheisean Cortana fo bhuidh nan teirmichean ann an earrann 13 a tha mu sheirbheisean sònraichte. Bheir Cortana fiosrachadh dhut a chum do phlanaidh a-mhàin agus nuair a bheir thu sùil air, bu chòir dhut fhèin a mheas an cuir thu earbsa san fhiosrachadh seo gus nach cuir. Cha toir Microsoft barantas gu bheil an dreach pearsanta a tha ga sholar le Cortana earbsach, ri làimh no ri àm. Chan ann aig Microsoft a bhios an t-uallach ma chuireas gleus stiùiridh Cortana dàil air conaltradh no mura leig e leat sùil a thoirt air conaltradh no brath, fhaighinn no a chur.
    • iii. Aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean. Mar phàirt dhe lìbhrigeadh sheirbheisean Cortana, faodaidh Cortana fiosrachadh a co-roinneadh le aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean, can an còd-puist agad, agus fiosrachadh iarraidh o aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean gus d’ iarrtas a choileanadh. Slighe ceangal chunntasan, faodaidh Cortana comas a thoirt dha na cleachdaichean ach an ceannaich iad rudan le aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean, a’ cleachdadh roghainnean a’ chunntais a shuidhich an cleachdaiche am broinn na aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean fhèin. ’S urrainn dha na cleachdaichean crìoch a chur air ceangal nan cunntasan uair sam bith. Cleachdaidh tu aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean fo bhuaidh earrainn 5 dhe na teirmichean seo. Faodaidh foillsichearan de dh’aplacaidean is seirbheisean le treas-phàrtaidhean na gleusan no obrachadh nan aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean aca atharrachadh no crìoch a chur orra no air an amalachadh ann an seirbheisean Cortana. Chan eil uallach no fiachanais air Microsoft a thaobh bathar-bog no bathar-an-sàs a fhuaras o shaothraichean.
    • iv. Uidheaman le comas Cortana. Tha uidheaman a tha comasach air Cortana a ruith nam bathar no uidheaman a gheibh cothrom air seirbheisean Cortana no bathar is uidheaman a tha co-chòrdail le seirbheisean Cortana. Gabhaidh uidheaman le comas Cortana a-staigh uidheaman no batharan treas-phàrtaidhean nach eil le Microsoft agus nach dèan is nach leasaich Microsoft. Chan eil uallach no fiachanais air Microsoft a thaobh nan uidheaman no batharan threas-phàrtaidhean sin.
    • v. Ùrachaidhean bathair-bhog. Air gach uidheam le comas ceangail gu seirbheisean Cortana, faodaidh sinn sùil a thoirt air dè an tionndadh dhe bhathar-bog seirbheisean Cortana a th’ agad agus ùrachaidhean bathair-bhog no atharrachaidhean air an rèiteachadh a luchdadh a-nuas gu fèin-obrachail no faodaidh sinn iarraidh air solaraichean uidheaman le comas Cortana gun cum iad bathar-bog seirbheisean Cortana cho ùr ‘s a ghabhas.
An teacsa slàn
Outlook.comOutlook.com14h_Outlook_com
Gearr-chunntas
  • h. Outlook.com. ’S ann agaibhse a-mhàin a bhios an seòladh puist-d Outlook.com (no @msn, @hotmail no @live) a chleachd sibh gus an cunntas Microsoft agaibh a chruthachadh, fhad ’s a bhios an cunntas Microsoft no am bogsa a-steach Outlook.com agaibh gnìomhach. Ma thèid am bogsa a-steach Outlook.com no an cunntas Microsoft agaibh a dhùnadh leibh fhèin no le Microsoft ri linn nan teirmichean seo, dh’fhaoidte gun tèid am post-d no ainm-cleachdaiche ud ath-chuairteachadh agus gun sònraich an siostam againn e do chleachdaiche eile.
An teacsa slàn
Seirbheisean OfficeSeirbheisean Office14i_officeBasedServices
Gearr-chunntas
  • i. Seirbheisean Office. ’S ann airson cleachdadh pearsanta agus neo-choimeirsealta a tha fo-sgrìobhaidhean Office 365 Home, Office 365 Personal, Office 365 University, Office Online, Sway, OneNote.com agus Office 365 sam bith eile mur eil còraichean cleachdaidh coimeirsealta agad fo aonta eile le Microsoft.
An teacsa slàn
Seirbheisean slàinte MicrosoftSeirbheisean slàinte Microsoft14j_MicrosoftHealthServices
Gearr-chunntas
  • j. Seirbheisean slàinte Microsoft.
    • i. HealthVault. Tha HealthVault a chum gun glèidh sibh am fiosrachadh pearsanta agaibh a thaobh slàinte agus fiosrachadh mu chàch (can do theaghlach) ma dh’aontaich iad ris. Chan eil HealthVault a chum cleachdaidh le solaraichean cùraim shlàinte no adhbhair mhalairtich no neo-phearsanta sam bith eile. Dh’fhaoidte nach eil am fiosrachadh sa chunntas agaibh ceart no cho ùr ’s a ghabhas agus cha bu chòir do sholaraiche cùraim shlàinte a mheas ach mar fhiosrachadh. Cha ghlèidh seirbheis HealthVault clàraidhean airson solaraichean cùraim shlàinte no a chum stiùiridh meadaigich no cùise sam bith eile. Mar eisimpleir, chan eil clàran HealthVault nan designated record sets mar a mhìnicheas conn-riaghailtean nan Stàitean Aonaichte. Ma chuireas solaraiche cùraim shlàinte roimhe dàta sam bith a tha ri fhaighinn o HealthVault a ghabhail a-steach sna clàran aige, bu chòir dha lethbhreac dheth a ghlèidheadh san t-siostam aige fhèin. Ma tha co-neach-glèidhidh aig clàr sa chunntas agad (air sgàth gun tug sibh cuireadh don fhear eile), aidichidh sibh gu bheil smachd slàn aig a’ cho-neach-ghlèidhidh air a’ chlàr sin agus gum faod e crìoch a chur air ur n-inntrigeadh don chlàr, cothrom dhaoine eile air a’ chlàr a stiùireadh agus dàta a’ chlàir a shealltainn, a’ gabhail a-steach ciamar is cuin a chaidh an clàr a chleachdadh. Cha chuir Microsoft taic ri dàta-clàraidh neo-Microsoft (can Facebook no OpenID), mar sin chan urrainn dhan sgioba taice aig HealthVault cuideachadh a thoirt dhuibh nuair a bhios duilgheadasan leis a’ chlàradh a-steach agaibh leotha. Ma chailleas sibh an dàta-clàraidh a-steach agaibh no ma thèid an cunntas far an d’ fhuair sibh an dàta-claraidh agaibh a dhùnadh, chan fhaigh sibh an dàta air a stòradh agaibh air ais. Mholamaid gun chleachd sibh barrachd air aon dàta-clàraidh leis a’ chunntas HealthVault agaibh a chum gum faigh sibh inntrigeadh leantainneach. Cha chuir Microsoft aonta ris is chan eil smachd aig Microsoft air no uallach airson an obrachaidh, na taice no na tèarainteachd aig dàta-clàraidh neo-Microsoft a chleachdas sibh ma dh’fhaoidte.
    • ii. Microsoft Band. Chan e innealan meadaigeach a tha ann an uidheam is aplacaid Microsoft Band agus tha iad ann a chum fitness agus wellness a-mhàin. Cha deach an dealbhachadh is chan eil fainear dhaibh gun rachadh an cleachdadh gus diagnos a dhèanamh air galar no trioblaidean slàinte eile no gus galar no trioblaidean slàinte eile a shlànachadh, a lùghdachadh, a leigheas no a chasg. Chan eil Microsoft fo dhleastanas a thaobh co-dhùnadh sam bith a nì thu a tha stèidhichte air fiosrachadh a gheibh thu o Microsoft Band.
    • iii. Botaichean slàinte agus HealthVault Insights. Chan e innealan meadaigeach a tha anns na h-aplacaidean botaichean slàinte agus HealthVault Insights, a’ gabhail a-steach planaichean gnìomhachd, insights, cuimhneachan is gleusan eile, agus tha iad ann a chum fitness agus wellness a-mhàin co-cheangailte ri prògram a tha ga sholar le solaraiche cùraim. Cha deach an dealbhachadh is chan eil fainear dhaibh gun rachadh an cleachdadh an àite comhairle meadaigich proifeiseanta no gus diagnos a dhèanamh air galar no trioblaidean slàinte eile no gus galar no trioblaidean slàinte eile a shlànachadh, a lùghdachadh, a leigheas no a chasg. ’S ann ortsa a bhios an t-uallach air an dòigh a chleachdas tu botaichean slàinte agus HealthVault Insights agus tha thu ag aideachadh nach eil fainear dha chuimhneachain HealthVault Insights ach a bhith na shiostam taiceil eile gus cungaidhean is saothraichean a chur an cuimhne. Chan eil Microsoft fo dhleastanas a thaobh co-dhùnadh sam bith a nì thu a tha stèidhichte air fiosrachadh a gheibh thu o bhotaichean slàinte no HealthVault Insights. Bu chòir dhut bruidhinn dotair an còmhnaidh mus cleachd thu HealthVault Insights no ma tha ceist sam bith agad a thaobh tinneis, daithead, fitness no prògram wellness. Na dèan dearmad air comhairle meadaigeach proifeiseanta agus na sir le dàil e ri linn fiosrachaidh a fhuair thu air no slighe nan seirbheisean. Mar a thachras le teicneolas sam bith, dh’fhaoidte nach obraich na botaichean slàinte no HealthVault Insights mar an robhar an dùil ’s air grunn adhbharan, a’ gabhail a-steach call cumhachd no comais-cheangail.
An teacsa slàn
Bathar digiteachBathar digiteach14k_DigitalGoods
Gearr-chunntas
  • k. Bathar digiteach. Slighe Microsoft Groove, Filmichean ⁊ TBh Microsoft, a’ Bhùtha agus seirbheisean sam bith eile a tha no a bhios co-cheangailte riutha, dh’fhaoidte gun toir Microsoft an cothrom dhuibh gum faigh sibh, èist sibh ri, coimhead sibh air, cluich sibh no leugh sibh (mar as iomchaidh) ceòl, dealbhan, videothan, teacsa, leabhraichean, geamannan no stuth eile (“bathar digiteach”) as urrainn dhuibh faighinn ann an cruth digiteach. Chan eil am bathar digiteach ann ach a chum ur dibhearsain phearsanta neo-mhalairtich. Aontaichidh sibh nach ath-sgaoil, craol, cluich gu poblach, taisbean gu poblach no tar-chuir sibh lethbhreac sam bith dhen bhathar dhigiteach. Faodaidh bathar digiteach a bhith fo shealbh Microsoft no treas-pàrtaidhean. Co-dhiù no co-dheth, sa h-uile dòigh, tuigidh agus aidichidh sibh gu bheil na còirichean agaibh a thaobh a’ bhathair dhigitich cuingichte fo na teirmichean seo, fo lagh còrach-lethbhreac agus riaghailtean a’ chleachdaidh air https://go.microsoft.com/fwlink/p/?LinkId=723143. Aontaichidh sibh nach feuch sibh ri bathar digiteach sam bith a fhuair sibh slighe gin de na seirbheisean atharrachadh air adhbhar sam bith, a’ gabhail a-steach cur às aithne no atharrachadh aodhnaireachd no tùs a’ bhathair dhigitich. Faodaidh Microsoft no sealbhadairean a’ bhathair dhigitich bathar digiteach a thoirt air falbh o na seirbheisean gun rabhadh o àm gu àm.
An teacsa slàn
OneDriveOneDrive14l_OneDrive
Gearr-chunntas
  • l. OneDrive.
    • i. Riarachadh an stòrais. Ma chaidh barrachd susbaint a stòradh sa chunntas OneDrive agad na chaidh a thoirt dhut fo theirmichean na seirbheise fo-sgrìobhaidh air OneDrive agad an-asgaidh no air airgead agus mur freagair thu dha rabhadh o Microsoft a dh’iarras ort do chunntas a chàradh le toirt air falbh na susbainte anabarraich no le gluasad gu plana fo-sgrìobhaidh ùr le barrachd stòrais na lùib am broinn 30 latha on a chuir sinn brath-naidheachd thugad (no ùine nas fhaide ma chaidh sin a shònrachadh sa bhrath-naidheachd), tha sinn a’ gleidheadh na còrach gun dùin sinn an cunntas agad agus gun sguab sinn às no gun cuir sinn d’ inntrigeadh dhan t-susbaint agad air OneDrive à comas.
    • ii. Dèanadas na seirbheise. A-rèir factaran mar an uidheamachd agus an ceangal dhan eadar-lìon agaibh agus na h-oidhirpean a nì Microsoft gus an dèanadas is an treibhdhireas aig an t-seirbheis aca a ghlèidheadh, dh’fhaoidte gum fiosraich sibh dàil air luchdadh suas no sioncronachadh na susbainte air OneDrive o àm gu àm.
    • iii. Rabhadh teireachdainn. Gheibh sibh rabhadh mìos ro làimh air a char as anmoiche mus dùin sinn an cunntas OneDrive agaibh ri linn neo-ghnìomhachd a-rèir earrann 4(a)(ii). Mas ann air airgead a tha am fo-sgrìobhadh air OneDrive agaibh, cha dhùin sinn an cunntas agaibh ri linn neo-ghnìomhachd rè ùine sam bith a phàigh sibh airson ur cleachdadh dhe OneDrive.
    • iv. Atharraichean air seirbheis OneDrive. Cuiridh sinn brath thugaibh 30 latha ro làimh air a char as anmoiche ma dh’adhbharaicheas atharrachadh air seirbheisean OneDrive an-asgaidh no air airgead gun caill sibh cothrom air an t-susbaint agaibh air OneDrive.
    • v. Fo-sgrìobhaidhean air airgead. Ma lùghdaicheas sinn na th’ agaibh dhe stòras dàta air OneDrive no ma chuireas sinn crìoch air seirbheis OneDrive, faodaidh sibh crìoch a chur air an fho-sgrìobhadh air airgead agaibh air OneDrive agus bheir sinn ath-dhìoladh pàirteach dhuibh airson fo-sgrìobhadh dhen leithid. Cuiridh sinn brath thugaibh 30 latha ro làimh air a char as anmoiche mu atharrachadh sam bith dhen leithid agus feumaidh sibh crìoch a chur air an fho-sgrìobhadh am broinn na h-ùine a chaidh a mhìneachadh sa bhrath.
An teacsa slàn
Microsoft RewardsMicrosoft Rewards14m_MicrosoftRewards
Gearr-chunntas
  • m. Microsoft Rewards.
    • i. Prògram. Bheir Microsoft Rewards (am “prògram”) comas dhut puingean (a ghabhas cosg air rudan) a chosnadh airson rudan mar luirg àiridh, ceannachd, ùine a bheir thu seachad a’ brabhsadh le Microsoft Edge agus tairgsean eile o Microsoft. Dh’fhaoidte gun tèid diofar rudan a thairgsinn a-rèir na margaid. Tha “lorg” a’ ciallachadh gun cuir an cleachdaiche teacsa a-steach ann an deagh-rùn airson toraidhean luirg fhaighinn o Bing airson a’ chleachdaiche fhèin agus as aonais botaichean, macrothan no dòighean fèin-obrachail no foilleil eile de sheòrsa sam bith. ’S e “faotainn” am pròiseas anns an ceannaichear no a luchdaichear a-nuas bathar agus anns am faighear ceadachas airson susbaint dhigiteach o Microsoft, ge be an-asgaidh no air airgead. Chan fhaighear puingean Rewards airson gach uile ceannachd o Microsoft. Tha brabhsadh le Microsoft Edge a’ ciallachadh gu bheil am brabhsair nad shealladh air sgrìn an uidheim agad (m.e. fosgailte agus ga chleachdadh air dòigh ’s gum bi ìomhaigheag Microsoft Edge air soillseachadh air bàr nan saothair, a’ comharradh gu bheil an aplacaid ga chleachdadh) agus a’ cur gu feum a’ bhrabhsair airson tadhal air làraichean-lìn, a’ coimhead air videothan sa bhrabhsair, a’ coimhead air post-d no rudan eile a chaidh brabhsairean a dhealbhadh air an son. Airson puingean a chosnadh le Microsoft Edge, feum Bing a bhith sa bhrabhsair mar an t-einnsean-luirg bunaiteach agus feumaidh telemeatraidh a bhidh an comas agad ann an roghainnean Windows. Dh’fhaoidte gun toirt Microsoft seachad cothroman eile airson puingean a chosnadh o àm gu àm agus cha bhi tairgsean cosnadh phuingean mar seo a’ dol gu bràth. Is urrainn dhut na puingean a choisinn thu a mhalairt airson rudan (“duaisean”) air an duilleag iomchaidh. Airson barrachd fiosrachaidh, faic earrann nan Rewards aig support.microsoft.com (“CÀBHA”).
      • 1. Riatanasan a’ phrògraim. Feumaidh tu cunntas Microsoft dligheach agus feumaidh na h-uidheaman agad bun-riatanasan a choileanadh. Tha am prògram seo fosgailte do chleachdaichean a tha a’ fuireach sna margaidean a tha air an liosta sna CÀBHA. Chan fhaod barrachd air aon chunntas a bhith aig duine sa phrògram, fiù ma tha barrachd air aon seòladh puist-d aig neach agus chan fhaod barrachd air sia cunntas a bhith san aon teaghlach. ’S ann dìreach a chum cleachdaidh gu pearsanta is neo-choimeirsealta ’s a tha am prògram.
      • 2. Puingean. A bharrachd air an toirt do bhuidheann neo-phrothaideach a tha air liosta nam buidhnean air an duilleag far an cuirear gu feum nam puingean, chan urrainn dhut na puingean a thar-chur. Chan e do shealbh pearsanta a tha sna puingean agus chan fhaigh thu airgead sam bith air an son. Bheirear seachad puingean mar dhuais ann an iomairtean. Chan urrainn dhut puingean a cheannach. Dh’fhaoidte gun cuingich Microsoft uiread nam puingean no Rewards a dh’fhaodadh a bhith aig duine no teaghlach no ann an ùine shònraichte (m.e. san aon latha). Chan fhaod thu barrachd air 550,000 puing a chur gu feum sa phrògram san aon bhliadhna mhìosachain. Cha bhi puingean a choisinn thu sa phrògram dligheach ann am prògram sam bith eile aig Microsoft no treas-phàrtaidh. Falbhaidh an ùine air puingean mur an coisinn no mu an cuir thu gu feum puing sam bith fad 18 mìos.
      • 3. Rewards. ’S urrainn dhut na puingean agad a chur gu feum san aonad iomchaidh no ’s urrainn dhut puingean a thoirt do bhuidheann neo-phrothaideach a tha air an liosta. Dh’fhaoidte gum bi àireamh chuingichte de Rewards àraidh ri fhaighinn agus an neach as luaithe làmh, ’s e as fheàrr cuid. Dh’fhaoidte gum bi agad barrachd fiosrachaidh a thoirt seachad, mar an seòladh puist agad agus àireamh fòn (seach VOIP no àireamh shaor an-asgaidh) agus dh’fhaoidte gun iarrar ort còd a chur a-steach airson foill a bhacadh no d’ ainm a chur ri sgrìobhainnean laghail mus urrainn dhut Rewards fhaighinn airson puingean. Turas a dh’iarr thu Reward, chan urrainn dhut a chuir thu gu neoini no a thilleadh airson ath-dhìoladh de phuingean ach dìreach ma bhios am bathar lochdach no mar a dh’iarras laghan iomchaidh. Ma dh’iarras tu Reward air fhàgail againn no nach eil ri fhaighinn air sgàth adhbhar sam bith ann am beachd Microsoft, dh’fhaoidte gun cuir sinn Reward aig a bheil luach coltach ris na àite no gun ath-dhìol sinn na puingean dhut. Faodaidh Microsoft na Rewards a gheibhear ùrachadh ann an aonad nan duaisean no Rewards àiridh a chrìochnachadh. Dh’fhaoidte gum bi Rewards ann aig am bi crìochan aoise. Gheibhear fiosrachadh mu chrìochan mar sin an cois na tairgse fhèin. ’S ann ort fhèin a bhios uallach a thaobh chìsean nàiseanta no ionadail is cosgaisean sam bith eile a dh’èireas an cois iarrtas Reward. Thèid Rewards a chur gun phost-d a thug thu seachad nuair a dh’iarr thu an Reward agus tha e cudromach gun cum thu na seòlaidhean puist-d agad ùraichte leis a sin. Mur a ghabh Reward a libhrigeadh, cha tèid a chur às ùr is caillear còir orra. Chan fhaodar na Rewards a reic.
      • 4. A’ cur crìoch air do chom-pàirteachas sa phrògram. Thèid an cunntas agad sa phrògram a dhùnadh mur an clàraich thu a-steach co-dhiù aon turas ann an 18 mìos. A bharrachd air sin, tha Microsoft a’ glèidheadh na còrach an cunntas agad sa phrògram a dhùnadh ma tha an cleachdaiche ud a’ droch-ghnàthachadh a’ phrògraim no a’ dèanamh foill air no a’ briseadh nan teirmichean seo. Ma thèid am prògram a chuir thu gu neoini (leat-sa no leinne) no ma thèid am prògram a chur na dhàil, bidh 90 latha agad na puingean agad a chur gu feum air neo caillidh tu do chòir orra. Nuair a thèid a chuir thu gu neoini, thig crìoch air do chead am prògram a chleachdadh is puingean a bharrachd a chosnadh.
      • 5. Cumhaichean eile. Tha Microsoft a’ glèidheadh na còrach do dhùnadh às; casg a chur air d’ inntrigeadh dhan phrògram no dhan chunntas Rewards agad; agus/no puingean, Rewards no tabhartasan carthannach a chumail uat ma tha Microsoft am beachd gu bheil thu a’ droch-ghnàthachdh pàirt sam bith dhen phrògram no gu bheil thu an sàs gnìomhachd a bhriseas na teirmichean seo.
An teacsa slàn
MeasgaichteMeasgaichte16_17_18_miscellaneous
Gearr-chunntas

14. Measgaichte. Mairidh an earrann seo agus earrannan 1, 9 (a thaobh suimean airgid a dh’èirich ro dheireadh nan teirmichean seo), 10, 11, 12, 16 agus an fheadhainn a bhios an sàs an dèidh an crìoch a-rèir an teirmichean fhèin beò tro chrìochnachadh no sgur sam bith de na teirmichean seo. Faodaidh gum builich no tar-chuir no toir sinn seachad ar còraichean is uallaichean fo na teirmichean seo, gu tur no gu ìre, aig àm sam bith agus gun fhiosta fhad ’s nach èirich dolaidh dhuibh ri linn buileachaidh, tar-chuir no toirt seachad den leithid. Chan fhaod sibh na teirmichean seo no còraichean sam bith gus na seirbheisean seo a chleachdadh a buileachadh, a thar-chur no a thoirt seachad ann an dòigh sam bith eile. Seo an t-aonta gu lèir eadar sibh fhèin agus Microsoft a thaobh ur cleachdadh nan seirbheisean. Tha e a’ tighinn an àite seann aonta sam bith eadar sibh fhèin agus Microsoft a thaobh ur cleachdadh nan seirbheisean. Bidh a h-uile pàirt de na teirmichean seo an sàs chun na h-ìre as motha a cheadaicheas lagha iomchaidh. Ma chumas cùirt no neach-breithneachaidh ris nach urrainn dhuinn pàirt de na teirmichean seo èigneachadh mar a chaidh an sgrìobhadh, bithear a’ meas gun deach teirmichean coltach riutha a chur nan àite air an ìre as motha a ghabhas seo èigneachadh fo lagha iomchaidh ach chan atharraich an corr de na teirmichean seo. Is ann air ur son-ne agus air ar son-ne a-mhàin a tha sna teirmichean seo. Chan ann airson neach sam bith eile a tha e ach a-mhàin co-arban is iomruinichean Microsoft. Chan eil ceann-sgrìobhaidhean nan earrannan ach a chum iomraidh a-mhàin.

15. Laghan às-phortaidh. Feumaidh sibh gèilleadh ri lagh os conn-riaghailt nàiseanta is eadar-nàiseanta sam bith a thaobh às-phortadh a’ bhathair-bhog agus/no nan seirbheisean agus faodaidh seo a ghabhail a-steach cuingeachadh a thaobh cinn-uidhe, cleachdaichean deireannach is cleachdadh deireannach. Airson barrachd fiosrachaidh a thaobh cuingeachaidhean cruinn-eòlais is às-mhalairt, tadhailibh air https://go.microsoft.com/fwlink/?linkid=868968 agus https://www.microsoft.com/exporting.

16. Glèidheadh nan còraichean agus beachdan thugainn. Seach ma chaidh seo a sholar gu follaiseach fo na teirmichean seo, cha toir Microsoft ceadachas no còir sam bith eile de sheòrsa sam bith dhut fo pheutant, ealantas, còraichean-lethbhreac, rùn malairt, comharra-malairt no sealbh inntleachdail sam bith eile a tha fo shealbh no smachd Microsoft no eintiteis co-cheangailte rinn, a’ gabhail a-steach ach gun chuingeachadh ainm, deise-malairt, suaicheantas no an co-leithid. Ma bheir thu beachd-smuain, tairgse, moladh no beachd dha Microsoft, a’ gabhail a-steach gun chuingeachadh beachdan ùra air batharan, teicneolasan, iomairtean no ainmean bathair agus do bheachd air bathair no air leasachadh bathair (“beachd thugainn”), bheir thu dha Microsoft còir gun tàille airgid, dligheachdan no dleastanas sam bith eile dhut, gus obraichean a tha stèidhichte air a dhèanamh san àm a dh’fhalbh agus ri teachd agus gus do bheachdan a chleachdadh, a cho-roinneadh agus airgead a dhèanamh asta air dòigh no adhbhar sam bith. Cha toir thu seachad beachdan a bhios a’ crochadh ri ceadachas a sparradh air Microsoft am bathar-bog, teicneolasan no docamaideadh aige a thoirt seachad fo cheadachas do threas-phàrtaidh sam bith air sgàth ’s gu bheil do bheachdan ann.

An teacsa slàn
BRATHANBRATHANNOTICES
Gearr-chunntas

Brathan agus dòighean gus tairgsean a chur a thaobh briseadh a-steach air còraichean seilbh inntleachdail. Tha meas aig Microsoft air còraichean seilbh inntleachdail aig treas-phàrtaidhean. Ma tha tagradh agaibh a thaobh briseadh seilbh inntleachdail, a’ gabhail a-steach briseach còrach-lethbhreac, bu chòir dhuibh a leithid a bhrath a chur don àidseant shònraichte aig Microsoft. Airson mion-fhiosrachaidh is fiosrachadh conaltraidh, thoiribh sùil air Brath is modh gus tagraidhean a chur mu bhriseadh a-steach air còir-lethbhreac.

Tha Microsoft a’ leantainn a’ phròiseas a chithear ann an Title 17, United States Code, Section 512) airson freagairt a thoirt do bhrathan a thaobh briseadh còrach-lethbhreac. Ma bhios sin iomchaidh, faodaidh gun cuir Microsoft cunntasan aig luchd-cleachdaidh sheirbheisean Microsoft à comas no gun cuir iad crìoch orra ma nithear briseadh is ath-bhriseadh a-steach air còraichean.

Sanasan is modhan-obrach a taobh dragh mu sheilbheachd innleachdail ann an sanasachd. Thoiribh sùil air na riaghailtean mu sheilbheachd innleachdail a thaobh dragh mu sheilbheachd innleachdail air an lìonra sanasachd againn.

Sanasan còrach-lethbhreac is chomharran-malairt. Tha na seirbheisean fo chòir-lethbhreac © 2018 Microsoft Corporation agus/no a chuid luchd-solair, One Microsoft Way, Redmond, WA 98052, Stàitean Aonaichte Aimeireaga. Tha gach còir glèidhte. Dh’fhaoidte gum bi Microsoft agus ainmean, suaicheantasan is ìomhaigheagan de bhathar, bathar-bog is seirbheis Microsoft nan comharran-malairt no comharran-malairt clàraichte aig Microsoft anns na Stàitean Aonaichte agus/no dùthchannan eile. Dh’fhaodte gu bheil na h-ainmean aig companaidhean is bathar nan comharran-malairt aig an luchd-seilbh aca. Tha gach còir nach eil ga thoirt seachad a gu follaiseach san aonta seo air a ghlèidheadh. Tha cuid a bhathar-bog a chleachdar air cuid a dh’fhrithealaichean làraichean-lìn Microsoft stèidhichte gu ìre air obair Independent JPEG Group. Còir-lethbhreac © 1991-1996 Thomas G. Lane. Gach còir glèidhte. Tha bathar-bog "gnuplot" a tha ga chleachdadh air grunn frithealaichean làraichean-lìn àraidh aig Microsoft fo chòir-lethbhreac © 1986‑1993 Thomas Williams, Colin Kelley. Gach còir glèidhte.

Brath meadaigeach. Cha toir Microsoft seachad comhairle meadaigeach no comhairle cùraim shlàinte, diagnos no leigheas sam bith eile. Bu chòir dhuibh bruidhinn ris an dotair agaibh no solaraiche cùraim shlàinte teisteanaichte eile ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh tinneis, daithead, fitness, no prògram wellness. Na dèanaibh dearmad air comhairle meadaigeach proifeiseanta agus na siribh le dàil e ri linn fiosrachaidh a fhuair sibh air no slighe nan seirbheisean.

Luaidhean na stoca is dàta nan inneacsan (a’ gabhail a-steach luachan inneics). © [2013] Morningstar, Inc. Gach còir glèidhte. A thaobh an fhiosrachaidh seo: (1) ’s ann aig Morningstar agus/no na solaraichean susbaint aige a tha am fiosrachadh seo; (2) chan fhaodar lethbhreac a dhèanamh dheth no a sgaoileadh; agus (3) chan eil barantas sam bith gu bheil e ceart, iomlan no ri tìde. Chan eil Morningstar no na solaraichean susbaint aige an urra ri milleadh no call sam bith a dh’èireas ri linn an fhiosrachaidh seo. Chan eil dèanadas san àm a chaidh na bharantas gun soirbhich leotha san àm ri teachd.

Chan fhaod sibh gin de na Dow Jones IndexesSM, dàta inneics no comharran Dow Jones a chleachdadh co-cheangailte ri foillseachadh, cruthachadh, sponsaireachd, malairt, margaideachd no brosnachadh de dh’inneal ionmhais no bathar seilbheachd sam bith (mar eisimpleir derivatives, bathar structaraichte, fuinn seilbheachd, fuinn a tha gam malairt ann an taigh-mhalairt, pasgain seilbheachdan is msaa; far a bheil prìs, tilleadh agus/no dèanadas an inneil stèidhichte no co-cheangailte ri gin de na h-inneacsan no airson a lorgadh no na phrogsaidh do ghin de na h-inneacsan) gun aonta sgrìobhte fa leth le Dow Jones.

Sanas ionmhasail. Chan e bròcair/dealer no comhairliche sheilbheachdan clàraichte fo lagh feadarail nan tèarainteachdan sna Stàitean Aonaichte no ann an uachdranas lagha sam bith eile a tha ann am Microsoft agus cha bheir sinn seachad comhairle do dhaoine ach am bu chòir dhaibh tèarainteachd no bathar no seirbheis ionmhais eile a cheannach, a reic no seilbh a chur annta. Chan eil dad a tha sna seirbheisean na thairgse no brosnachadh gus tèarainteachd sam bith a cheannach no a reic. Chan eil Microsoft no an luchd-gabhail ceadachais aige de dhàta stocaichean no dàta inneics a’ cur taic ri no a’ moladh bathar no seirbheis ionmhais sònraichte sam bith. Chan eil dad san t-seirbheis a tha nar fàire mar chomhairle phroifeiseanta, a’ gabhail a-steach gun chuingeachadh seilbheachdan is comhairle chìsean.

Brath mu H.264/AVC, MPEG-4 Visual agus VC-1 Video Standards. Faodaidh gu bheil teicneolas codec H.264/AVC, MPEG-4 Visual agus/no VC-1 sa bhathar-bhog a dh’fhaodadh a bhith fo cheadachas MPEG LA, L.L.C. Is e teicneolas airson dùmhlachadh dàta video a tha ann. Feumaidh MPEG LA, L.L.C. am brath seo:

THA AM BATHAR SEO FO CHEADACHAS DO CHEADACHASAN PASGAN PEUTAINT H.264/AVC, MPEG-4 VISUAL A CHUM CLEACHDAIDH PHEARSANTA IS NEO-CHOIMEARSALTA LE NEACH-CAITHEIMH GUS (A) VIDEO A CHÒDACHADH A-RÈIR NAM BUN-TOMHASAN (“BUN-TOMHASAN VIDEO”) AGUS/NO (B) VIDEO H.264/AVC, MPEG-4 VISUAL AGUS VC-1 A DHÌ-CHÒDACHADH A CHAIDH A CHÒDACHADH LE NEACH-CAITHEIMH A THA AN SÀS GNÌOMHA PEARSANTA IS NEO-CHOIMEARSALTA AGUS/NO A FHUARADH O SHOLARAICHE VIDEO AIG A BHEIL CEADACHAS A LEITHID A VIDEO A SHOLAR. CHAN EIL GIN DE NA CEADACHASAN A’ GABHAIL A-STEACH BATHAR SAM BITH EILE GED A BHIODH BATHAR MAR SIN GA GHABHAIL A-STEACH SA BHATHAR-BHOG SEO ANN AN NÌ SINGILTE GUS NACH EIL. CHAN EIL CEADACHAS GA THOIRT SEACHAD NO GA FHILLEADH A-STEACH A CHUM CLEACHDAIDH SAM BITH EILE. GHEIBHEAR FIOSRACHADH A BHARRACHD O MPEG LA, L.L.C. FAICIBH LÀRACH-LÌN MPEG LA.

Dìreach a chum soilleireachaidh, chan eil am brath seo a’ cuingeachadh no a’ bacadh cleachdadh a’ bhathair-bhog fo sholar nan teirmichean seo a chum cleachdadh àbhaisteach le gnothachas a tha pearsanta don ghnothachas is nach eil a’ gabhail a-steach (i) ath-sgaoileadh a’ bhathair-bhog do threas-phàrtaidhean no (ii) cruthachadh de stuthan le teicneolasan co-chòrdail le VIDEO STANDARDS a chum sgaoileadh do threas-phàrtaidhean.

An teacsa slàn
TEIRMICHEAN CEADACHAIS ÀBHAISTEACH AIRSON APLACAIDTEIRMICHEAN CEADACHAIS ÀBHAISTEACH AIRSON APLACAIDSTANDARDAPPLICATIONLICENSETERMS
Gearr-chunntas

TEIRMICHEAN CEADACHAS APLACAID STANNARDACH
AIRSON APLACAIDEAN GAN SOLAR ANN AN RAON EACONAMACH NA h-EÒRPA

MICROSOFT STORE, WINDOWS STORE AGUS XBOX STORE

Tha teirmichean a’ cheadachais seo na aonta eadar sibh fhèin agus foillsichear na h-aplacaid. Feuchaibh is leughaibh iad. Tha na h-aplacaidean bathair-bhog a luchdaicheas tu a-nuas on Microsoft Store, on Windows Store no o Bhùth Xbox buailteach dhaibh (’s e an “Store” a tha orra uile sa cheadachas seo), a’ gabhail a-steach ùrachadh no iar-leasachan sam bith aige ach ma thig teirmichean sònraichte ri linn na h-aplacaid. Ma thig, ’s iad an fheadhainn ud a bhios an sàs.

MURA GABH THU RIS NA TEIRMICHEAN SEO, CHA BHI CEAD AGAD AN APLACAID A LUCHDADH A-NUAS NO A CHLEACHDADH.

’S e an t-eintiteas a bheir dhut an aplacaid air ceadachas a tha ann am foillsichear na h-aplacaid mar a chithear san Store.

Ma ghèilleas sibh ri teirmichean a’ cheadachais seo, bidh na còraichean a leanas agaibh.

  • 1. CÒRAICHEAN STÀLAIDH IS CLEACHDAIDH. Faodaidh tu an aplacaid a stàladh ’s a chleachdadh air uidheaman Windows no consoilean Xbox mar a tha ga mhìneachadh ann anriaghailtean a’ chleachdaidh Microsoft. Tha Microsoft a’ glèidheadh na còrach gun atharraicheamaid riaghailtean a’ chleachdaidh Microsoft uair sam bith.
  • 2. SEIRBHEISEAN STÈIDHICHTE AIR AN EADAR-LÌON.
    • a. Aonta airson seirbheisean a tha stèidhichte air an eadar-lìon no uèirleas. Ma nì an aplacaid ceangal ri siostaman coimpiutair slighe an eadar-lìn a dh’fhaodas gabhail a-steach lìonra uèirleas agus ma chleachdas sibh an aplacaid, tuigear dheth gu bheil sibh ag aontachadh ri tar-chur fiosrachaidh àbhaistich mun uidheam agaibh (a’ gabhail a-steach ach chan ann a-mhàin fiosrachadh teicnigeach mun uidheam, siostam agus bathar-bog na h-aplacaid agaibh agus uidheaman-taice) airson seirbheisean uèirleas no feadhainn a tha stèidhichte air an eadar-lìon. Ma thèid teirmichean eile a thoirt dhuibh a tha co-cheangailte ri ur cleachdadh nan seirbheisean nuair a nì sibh inntrigeadh dhaibh leis an aplacaid, bidh na teirmichean sin an sàs cuideachd.
    • b. Mì-fheum de na seirbhisean stèidhichte air an eadar-lìon. Chan fhaod sibh seirbheis-lìn sam bith a chleachdadh air dòigh a nì cron no bacadh a dh’aona-ghnothach air daoine eile a chleachdas an lìonra uèirleas. Chan fhaod sibh an t-seirbheis a chleachdadh gus cothrom mì-laghail fhaighinn air seirbheis, dàta, cunntas no lìonra sam bith air dòigh sam bith.
  • 3. SGÒP A’ CHEADACHAIS. Thathar a’ toirt seachad na h-aplacaid seo air ceadachas agus chan eilear ga reic. Cha toir an t-aonta seo dhuibh ach cuid a chòraichean cleachdaidh air an aplacaid. Ma bheir Microsoft an cothrom air falbh gun cleachd sibh na h-aplacaidean air na h-uidheaman agaibh ri linn nan teirmichean seo, thig crìoch air gach còir cleachdaidh cho-cheangailte. Tha foillsichear na h-aplacaid a’ glèidheadh gach còrach eile. Mur eil lagh iomchaidh ann a bheir barrachd chòraichean dhuibh a dh’aindeoin a’ chuingeachaidh seo, chan fhaod sibh an aplacaid a chleachdadh ach mar a thathar a’ mìneachadh san aonta seo. Nuair a chleachdas sibh e, feumaidh sibh gèilleadh ri cuingeachadh teicnigeach sam bith a tha san aplacaid agus nach leig leibh a chleachdadh ach air dòighean àraidh. Chan fhaod sibh:
    • a. Gabhail thairis air cuingeachadh teicnigeach san aplacaid.
    • b. Einnseanaireachd chontrarra a dhèanamh air an aplacaid, a dhì-thrusadh no a dhì-thional thairis air na tha ceadaichte dhuibh gu follaiseach fo lagh còrach-lethbhreac iomchaidh a thaobh prògraman coimpiutair a dh’aindeoin a’ chuingeachaidh seo.
    • c. Barrachd lethbhreacan dhen aplacaid seo a dhèanamh thairis air na tha ceadaichte san aonta seo no fo na laghan iomchaidh a dh’aindeoin a’ chuingeachaidh seo.
    • d. An aplacaid fhoillseachadh no lethbhreacan dheth a chur ri làimh dhaoine eile air dòigh sam bith eile.
    • e. An aplacaid a thoirt seachad air mhàl, lìos no iasad.
    • f. An aplacaid no an t-aonta seo a shìneadh air adhart gu treas-phàrtaidh sam bith.
  • 4. DOCAMAIDEADH. Ma tha docamaideadh ga thoirt seachad an cois na h-aplacaid, ’s urrainn dhuibh lethbhreacan a dhèanamh dhen docamaideadh agus a chleachdadh mar ghoireas fiosrachaidh dhuibh fhèin.
  • 5. CUINGEACHADH TEICNEOLAIS IS ÀS-MHALAIRT. Dh’fhaoidte gu bheil an aplacaid seo fo bhuaidh laghan nan Stàitean Aonaichte no feadhainn eadar-nàiseanta a thaobh smachdadh teicneolais no laghan is conn-riaghailtean às-phortaidh. Feumaidh sibh gèilleadh ris na laghan is conn-riaghailtean ionadail is eadar-nàiseanta a thaobh às-phortaidh an teicneolais a chleachdas an aplacaid no a tha e a’ cur taic ris. Tha na laghan seo a’ gabhail a-steach cuingeachaidhean air cinn-uidhe, cleachdaichean deireannach agus cleachdadh deireannach. Airson barrachd fiosrachaidh mu bhathar le comharra-malairt Microsoft, tadhailibh air an làrach-lìn mu às-phortadh aig Microsoft.
  • 6. SEIRBHEISEAN TAICE. Cuiribh fios gu foillsichear na h-aplacaid airson faighinn a-mach a bheil seirbheisean taice sam bith ri am faighinn. Chan eil uallach air Microsoft, saothraiche a’ bhathar-chruaidh no a’ ghiùlanair uèirleas agaibh (ach nuair as e foillsichear na h-aplacaid a th’ ann an aonan dhiubh) airson seirbheisean-taice sam bith mu choinneamh na h-aplacaid.
  • 7. AN t-AONTA SLÀN. ’S e an t-aonta seo, poileasaidh prìobhaideachd iomchaidh sam bith, teirmichean a bharrachd sam bith a thig an cois na h-aplacaid agus teirmichean nan iar-leasachan is ùrachaidhean an t-aonta ceadachais slàn eadar sibh fhèin agus foillsichear na h-aplacaid.
  • 8. AN LAGH IOMCHAIDH.
    • a. Na Stàitean Aonaichte is Canada. Ma fhuair sibh an aplacaid sna Stàitean Aonaichte no Canada, bidh tuigsinn nan teirmichean seo, tagraidhean gun deach am briseadh agus tagraidhean sam bith eile (a’ gabhail a-steach dìon luchd-caitheimh, co-fharpais neo-chothromach is tagraidhean torta) fo bhuaidh lagha na stàite no mòr-roinne far a bheil sibh a’ fuireach (no, ma tha sibh nur gnìomhachas, far a bheil a’ chiad ionad gnìomhachais agaibh) a dh’aindeoin còmhstri eadar prionnsabalan lagha.
    • b. Taobh a-muigh nan Stàitean Aonaichte is Canada. Ma cheannaich sibh an aplacaid ann an dùthaich sam bith eile, ’s e laghan na dùthcha sin a bhios iomchaidh.
  • 9. BUIL LAGHAIL. Tha an t-aonta seo a’ mìneachadh cuid a chòraichean laghail. Faodaidh gum bi còraichean eile agaibh fo laghan ur dùthcha no stàite. Chan atharraich an t-aonta seo na còraichean a tha agaibh fo laghan ur stàite no dùthcha mur eil na laghan sin ga cheadachadh.
  • 10. AITHRIS-ÀICHIDH NAM BARANTASAN. Tha an aplacaid fo cheadachas “mar a tha i,” “le gach lochd na bhroinn” agus “mar a gheibhear i.” Chan eil foillsichear na h-aplacaid, às a leth fhèin no às leth Microsoft (mur e Microsoft foillsichear na h-aplacaid), giùlanairean uèirleas a thèid an lìonra aca a chleachdadh gus an aplacaid a sholar agus gach aon dhe na dlùth-chompanaich, reiceadairean, àidseantan is solaraichean againn (“pàrtaidhean fo bhuaidh”) a’ toirt barantas no cumha cumhnaint sam bith eile a thaobh na h-aplacaid. Tha gach barantas riatanach agad mar a dh’iarras an lagh ach chan eil sinne a’ toirt barantasan a bharrachd. Chun a h-ìre a cheadaicheas na laghan ionadail, tha na pàrtaidhean fo bhuaidh a’ dùnadh a-mach barantas riatanach fillte sam bith, a’ gabhail a-steach feadhainn a thaobh so-mharsantachd, ion-fhreagarrachd a chum amais shònraichte, sàbhailteachd, cofhurtachd agus neo-bhriseadh a-steach.
  • 11. CRÌOCHAN AIR FUASGLAIDHEAN AGUS AIRGEAD-DÌOLAIDH.
    • a. Cha bhi fiachanais air foillsichear na h-aplacaid airson susbaint chleachdaichean no stuthan treas-phàrtaidhean sam bith eile, a’ gabhail a-steach ceanglaichean gu làraichean-lìn aig treas-phàrtaidhean agus gnìomhan a tha an luchd-cleachdaidh a’ solar. Chan urrainnear susbaint no gnìomhan mar sin a chur as leth foillsichear na h-aplacaid agus chan eil iad a’ riochdachadh beachdan foillsichear na h-aplacaid.
    • b. Cha bhi fiachanais air foillsichear na h-aplacaid ach ma chaidh uallaichean cudromach nan teirmichean ceadachais seo a bhriseadh.
    • c. Cha bhi foillsichear na h-aplacaid, na h-àidseantan ionadaich aige agus/no an luchd-ionaid laghail aige buailteach do chron nach gabh a ro-aithneachadh, cron neo-àbhaisteach agus/no call ionmhais a thaibh cron neo-dhìreach, a’ gabhail a-steach call prothaid, ach ma bha foillsichear na h-aplacaid, na h-àidseantan ionadaich aige agus/no an luchd-ionaid laghail aige ri mòr-dhearmad no droch-ghiùlan a dh’aona-ghnothach.
    • d. Cha bhi buaidh aig crìochan an fhiachanais air fiachanas achdail gun-lochd aig foillsichear aplacaid, a’ gabhail a-steach, gun chuingeachadh, fiachanas fo achd fiachanas bathair agus fiachanas achdail a thaobh briseadh barantais. Bidh an dearbh rud fìor mu fhiachanas foillsichear aplacaid, nan àidseantan ionadaich aige agus/no an neach-ionaid laghail aige ma bha iad ri foill no dearmad a dh’adhbharaich leòn pearsanta no bàs.
    • e. Chan fhaod tagraidhean cùmhnaint no laghail a bharrachd air an fheadhainn a tha sna fo-earrannan (a) gu (e) dhen earrann 11 seo èirigh o na teirmichean ceadachas aplacaid seo agus/no cleachdadh na h-aplacaid no nan seirbheisean a tha gan solar slighe na h-aplacaid.
An teacsa slàn
Na seirbheisean air a bhios seo an sàsNa seirbheisean air a bhios seo an sàsserviceslist
Gearr-chunntas

Tha na batharan, aplacaidean is seirbheisean a leanas fo bhuaidh aonta seirbheisean Microsoft ach dh’fhaoidte nach bidh iad ri am faighinn sa mhargadh agaibh.

  • Account.microsoft.com
  • Advertising.microsoft.com
  • Aimsir MSN
  • Airgead MSN
  • Am Bùth
  • Aplacaid Device Health
  • Aplacaid luirg Bing
  • Aplacaid nam mapaichean
  • Aplacaidean Bing
  • Arrow Launcher
  • Bùth Office
  • Bùth Windows
  • Biadh ⁊ Deochan MSN
  • Bing Bots
  • Bing Desktop
  • Bing Dictionary
  • Bing in the Classroom
  • Bing Input
  • Bing Navigation
  • Bing Reader
  • Bing Rewards
  • Bing Sportscaster
  • Bing Toolbar
  • Bing Torque
  • Bing Translator
  • Bing Webmaster
  • Bing Wikipedia Browser
  • Bing.com
  • Bing
  • Bingplaces.com
  • Citizen Next
  • Conditional Action Programmer
  • Cortana skills by Microsoft
  • Cortana
  • Cuidiche aiseag is taic Office 365 aig Microsoft
  • Cunntas Microsoft
  • Default Homepage and New Tab Page on Microsoft Edge
  • Dev Center App
  • Dictate
  • Docs.com
  • education.minecraft.net
  • Face Swap
  • Filmichean ⁊ TBh Microsoft
  • Forms.microsoft.com
  • forzamotorsport.net
  • Geamannan Xbox is Windows, aplacaidean is làraichean-lìn a dh’fhoillsich Microsoft
  • Groove Music Pass
  • Groove
  • GroupMe
  • HealthVault
  • LineBack
  • Mapaichean Bing
  • Microsoft Academic
  • Microsoft Add-Ins for Skype
  • Microsoft Bots
  • Microsoft Educator Community
  • Microsoft Health
  • Microsoft Pay
  • Microsoft Research Interactive Science
  • Microsoft Research Open Data
  • Microsoft Translator
  • Microsoft Wallpaper
  • Microsoft XiaoIce
  • Mixer
  • MSN Dial Up
  • MSN Explorer
  • MSN Premium
  • MSN.com
  • Naidheachdan MSN
  • News Pro App and Website
  • Next Lock Screen
  • Office 365 Consumer
  • Office 365 Home
  • Office 365 Personal
  • Office 365 University
  • Office Online
  • Office Sway
  • Office.com
  • OneDrive.com
  • OneDrive
  • OneNote.com
  • Outlook.com
  • Paint 3D
  • Picturesque Lock Screen
  • Pix Lock
  • Presentation Translator
  • Remix 3D
  • Rinna
  • rise4fun
  • Ruuh
  • Seeing AI
  • Send
  • Siubhal MSN
  • Skype in the Classroom
  • Skype Interviews
  • Skype Manager
  • Skype Qik
  • Skype.com
  • Skype
  • Slàinte ⁊ Fitness MSN
  • Smart Search
  • Snip Insights
  • Spòrs MSN
  • Spreadsheet Keyboard
  • Sprinkles
  • Sway.com
  • Teaghlach Microsoft
  • to-do.microsoft.com
  • Tossup
  • Translator for Microsoft Edge
  • Translator Live
  • Translator
  • UrWeather
  • Video Breakdown
  • Visio Online
  • Windows Live Mail
  • Windows Live Writer
  • Windows Movie Maker
  • Windows Photo Gallery
  • Xbox Game Pass
  • Xbox Live Gold
  • Xbox Live
  • Xbox Music
  • Xbox Store
An teacsa slàn
Eintiteasan cùmhnantach dhlùth-chompanach (airson seirbheisean air airgead fon earrann 10(b))Eintiteas cùmhnantach dhlùth-chompanachAffiliateContractingEntities
Gearr-chunntas

Chan eil eintiteasan cùmhnantach dhlùth-chompanach ann aig an àm seo. ’S e Microsoft Ireland Operations Limited an t-eintiteas cùmhnantach agad.

An teacsa slàn
1ad dhen Mhàrt 20180