This is the Trace Id: 04218f22e219ba5e9fd8a49a9f40a0a5
Thoir leum gun phrìomh shusbaint Deas-bhòrd na prìobhaideachd Aithisg na prìobhaideachd Roghainnean na prìobhaideachd Aithris prìobhaideachd

Aithris prìobhaideachd Microsoft

An t-ùrachadh mu dheireadh: An t-Sultain 2026

Na tha ùr

Briosgaidean

Bidh a’ mhòr-chuid de làraichean Microsoft a’ cleachdadh briosgaidean. Is iad seo faidhlichean teacsa beaga suidhichte air an uidheam agad a tha frithealaichean-lìn ag ùisneachadh san àrainn a shuidhich a’ bhriosgaid airson a bhith ga faighinn nas fhaide air adhart. Cleachdaidh sinn briosgaidean gus na roghainnean agad a stòradh, do chuideachadh le clàradh a-steach, airson sanasachd phearsantaichte a sholar agus airson mion-sgrùdadh obrachadh làraichean. Airson barrachd fiosrachaidh, faic an earrann “Briosgaidean is teicneolas coltach riutha” san aithris phrìobhaideachd seo.

Frèamaichean-obrach EU-U.S., UK Extension, agus Swiss-U.S. Data Privacy

Tha Microsoft a’ gèilleadh ris na frèamaichean-obrach EU-U.S., UK Extension to the EU-U.S., agus Swiss-U.S. Data Privacy. Airson barrachd fiosrachaidh, faic an earrann Stòradh is pròiseasadh de dhàta pearsanta agus tadhail air làrach-lìn an Data Privacy Framework aig an Department of Commerce.

Cuir fios thugainn

Ma tha dragh mu phrìobhaideachd, gearan no ceist agad do sgioba prìobhaideachd Microsoft no dhan oifigear dìon dàta, tadhail duilleag taic is iarrtasan prìobhaideachd againn is briog air a’ chlàr-taice “Cuir fios gu sgioba prìobhaideachd Microsoft no oifigear dìon dàta”. Airson barrachd fiosrachaidh air mar a chuireas tu fios gu Microsoft, a’ gabhail a-staigh Microsoft Ireland Operations Limited, faic earrann  Mar chuireas tu fios thugainn  san aithris phrìobhaideachd seo.

Tha do phrìobhaideachd cudromach dha Microsoft. Tha an aithris prìobhaideachd seo a’ mìneachadh dè an dàta pearsanta a làimhsicheas sinn, mar a làimhsicheas sinn e agus dè air a shon.

Tha Microsoft a’ tairgsinn roghainn fharsaing de bhathar, a’ gabhail a-staigh bathar fhrithealaichean a ruitheas mòr-ghnìomhachasan air feadh an t-saoghail, uidheaman a chleachdas custamairean aig an taigh, bathar-bog a chleachdas oileanaich aig an sgoil agus seirbheisean a tha gan cleachdadh le luchd-leasachaidh gus bathar ùr a chruthachadh agus a chur air òstaireachd. Ma tha iomradh san aithris seo air bathar Microsoft, tha sin a’ gabhail a-staigh seirbheisean, làraichean-lìn, aplacaidean, bathar-bog, frithealaichean is uidheaman Microsoft.

Feuch an leugh thu am fiosrachadh sònraichte do gach bathar san aithris prìobhaideachd seo a bheir barrachd fiosrachaidh iomchaidh dhut. Tha na gnìomhan eadar Microsoft agus thu fhèin agus am bathar Microsoft gu h-ìosal fo bhuaidh na h-aithrise seo cho math ri bathar Microsoft eile far a bheil an aithris seo a’ nochdadh.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun dàta phearsanta aig clann a thèid a chruinneachadh san earrann Cruinneachadh dàta o chlann. Dh’fhaodte gum b’ fheàirrde thu tòiseachadh leis an duilleag Prìobhaideachd do dhaoine òga.

Do dhaoine sna Stàitean Aonaichte, thoir sùil air brath prìobhaideachd dàta stàitean nan SA  (a’ gabhail a-staigh am brath mu chruinneachadh dàta) agus poileasaidh prìobhaideachd dàta slàinte an luchd-chaitheimh airson barrachd fiosrachaidh mu do chòraichean agus mu phròiseasadh an dàta phearsanta agad.

Faic an earrann “Bathar enterprise is luchd-leasachaidh” ann an aithris na prìobhaideachd seo airson fiosrachadh mar a làimhsicheas sinn an dàta o bhuidhnean a chleachdas am bathar is na seirbheisean againn, mar ghnìomhachasan is sgoiltean. Ma chleachdas tu bathar Microsoft a tha annad no ma fhuair thu cunntas Microsoft on bhuidheann agad, faic na h-earrannan Bathar ga sholar leis a’ bhuidheann agad agus Cunntasan Microsoft airson barrachd fiosrachaidh.

Dàta pearsanta a chruinnicheas sinn

Cruinnichidh Microsoft dàta on luchd-chleachdaidh tron eadar-ghabhail eadar thu fhèin agus sinne agus tro na dòighean air an cleachd thu am bathar againn . Bidh tu a’ toirt seachad cuid dhen dàta gu dìreach agus gheibh sinn dàta eile le bhith a’ cruinneachadh fiosrachadh mun eadar-ghabhail a nì thu is na dòighean air an cleachd thu am bathar againn. Tha an dàta a chruinnicheas sinn a-rèir co-theacsa nan gnìomhan eadar thu fhèin is Microsoft agus a-rèir do roghainnean, a’ gabhail a-staigh na roghainnean prìobhaideachd agad, agus a-rèir nam batharan is gleusan a chleachdas tu. Gheibh sinn dàta mun luchd-chleachdaidh o dhlùth-chompanaich ’s fo-chuideachdan Microsoft agus treas-phàrtaidhean cuideachd.

’S urrainn dhut cuid dhen dàta a cho-roinneas tu a stiùireadh. Nuair a dh’iarras sinn ort dàta pearsanta a thoirt seachad, ’s urrainn dhut seo a dhiùltadh. ’S urrainn dhut uidheaman-smachd am broinn bathair a chleachdadh cuideachd, a’ gabhail a-staigh feadhainn sa bhrabhsair-lìn no san t-siostam-obrachaidh agad, airson an dàta a chruinnicheas sinn a stiùireadh. Tha mòran dhen bhathar againn feumach air cuid a dhàta pearsanta mus obraich iad mar sheirbheis. Ma chuireas tu romhad nach eil thu deònach dàta riatanach a chur thugainn, chan urrainn dhut am bathar no gleus ud a chleachdadh. Air an aon alt, ma dh’fheumas sinn dàta pearsanta a chruinneachadh a rèir an lagha no airson cùmhnant a dhèanamh leat , is mur an toir thu seachad an dàta, chan urrainn dhuinn cùmhnant a dhèanamh no a thoirt gu buil. Ma tha toirt seachad an dàta na roghainn agus ma chuireas tu romhad gun a bhith ga thoirt seachad, chan obraich gleusan dhut mar am pearsantachadh a tha a’ crochadh air dàta mar sin.

Mar a chleachdas sinn dàta pearsanta

Cleachdaidh Microsoft an dàta a chruinnicheas sinn airson àrainneachd shnasail eadar-ghnìomhach a sholar dhut. Gu sònraichte, cleachdaidh sinn an dàta airson:

  • Am bathar againn a thoirt seachad, a’ gabhail a-staigh ùrachadh, tèarainteachd is fuasgladh dhuilgheadasan agus taic is molaidhean a dhèanamh.
  • Am bathar againn a leasachadh. Dh’fhaoidte gun cleachd sinn an dàta agad airson na modailean AI againn a thrèanadh is a leasachadh is sinne airson ar bathar a leasachadh. Barrachd fiosrachaidh an-seo.
  • Sanasachd is margaideachd a chur thugad, a’ gabhail a-staigh conaltradh sanasachd, sanasachd phearsanta agus tairgsean iomchaidh.

Cleachdaidh sinn an dàta cuideachd airson ar gnothach a ruith, a’ gabhail a-staigh mion-sgrùdadh ar dèanadais, a’ gèilleadh ri uallaichean laghail, a’ leasachadh an luchd-obrach againn agus a’ dèanamh rannsachadh.

Na h-adhbharan air an leig sinn dàta pearsanta ris

Leigidh Microsoft an dàta pearsanta agad ris le d’ aonta airson tar-chur a choileanadh no bathar a sholarachadh a dh’iarr thu no a thug thu cead dhuinn air a shon no airson feum sam bith eile a mhìnich sinn san earrann “Mar a chleachdas sinn an dàta pearsanta agad.” Leigidh sinn dàta pearsanta ris cuideachd ma sparras an lagh seo oirnn no an cois pròiseis laghail agus airson sàbhailteachd is tèarainteachd nan custamairean agus còraichean is seilbh Microsoft is nan custamairean aige a dhìon. Bheir sinn dàta do dhlùth-chompanaich is fo-chuideachdan fo smachd Microsoft agus do reiceadairean a nì obair as ar leth.

Mar a gheibh thu cothrom ⁊ smachd air an dàta pearsanta agad

Tha roghadh agad a thaobh mar a chruinnicheas is mar a chleachdas Microsoft dàta mu do dhèidhinn. ’S urrainn dhut smachd fhaighinn air an dàta phearsanta a fhuair Microsoft agus na còraichean agad a thaobh dìon dàta a ghnìomhachadh le bhith a’ cur fios gu Microsoft no leis na diofar innealan a tha againn air a shon seo, mar eisimpleir deas-bhòrd prìobhaideachd Microsoft.

Chan urrainn dhut gach dàta a thèid a phròiseasadh le Microsoft inntrigeadh no stiùireadh leis na h-innealan a mhìnicheas sinn san earrann seo. Ma tha thu airson cothrom is smachd fhaighinn air dàta pearsanta a thèid a phròiseasadh le Microsoft agus nach fhaigh thu greim air leis na h-innealan a sholaireas sinn no a tha am broinn a’ bhathair Microsoft a chleachdas tu, ’s urrainn dhut fios a chur gu Microsoft mar a mhìnicheas sinn san earrann Mar a chuireas tu fios thugainn  no le bhith a’ tadhal air duilleag taic is iarrtasan na prìobhaideachd againn.

Solairidh sinn meatrachd agragaidichte mu iarrtasan luchd-chleachdaidh a chuir iarrtas còir fiosrachaidh a-steach tro  aithisg prìobhaideachd Microsoft.

Briosgaidean is teicneolas coltach riutha

Cleachdaidh sinn briosgaidean is teicneolas coltach ris, mar leòis-lìn is piogsailean, airson na roghainnean agad a stòradh is gèilleadh riutha, comas clàraidh a-steach a thoirt dhut, sanasachd phearsantaichte a thoirt seachad, strì an aghaidh foill, mion-sgrùdadh a dhèanamh air dèanadas a’ bhathair againn agus adhbharan dligheach eile a choileanadh.

Faodaidh gum bi leòis-lìn, briosgaidean is teicneolas coltach riutha air na làraichean-lìn againn o dhlùth-chompanaich is com-pàirtichean Microsoft agus treas-phàrtaidhean, can solaraichean sheirbheisean a tha ag obair às ar leth.

Dh’fhaodte gun cleachd sinn briosgaidean threas-phàrtaidhean airson làrach-lìn no seirbheis a sholarachadh dhut, sanasachd is susbaint a shealltainn dhut a rèir nam pròifilean agad sna meadhanan sòisealta agus do ghnìomhachd air na làraichean-lìn againn; briosgaidean anailiseachd airson ’s gun tuig sinn nas fheàrr mar a chleachdas tusa agus daoine eile na làraichean-lìn againn ach an urrainn dhuinn an leasachadh agus airson ’s gun urrainn dha na treas-phàrtaidhean am bathar is na seirbheisean aca-san a leasachadh agus airson sanasachd a shealltainn a bhios iomchaidh dhutsa.

’S urrainn dhut an dàta a chruinnicheas briosgaidean, leòis-lìn agus teicneolas coltach riutha a smachdadh. Mar eisimpleir, leis na h-uidheaman-smachd am broinn a’ bhrabhsair-lìn agad, is urrainn dhut na dòighean air an cleachd làraichean-lìn briosgaidean a stiùireadh agus is urrainn dhut briosgaidean fhalamhachadh no a bhacadh. Ma bhios feum air seo, iarraidh sinn d’ aonta mus cuir no mus cleachd sinn briosgaidean roghainneil air nach eil (i) dearg-fheum airson an làrach-lìn no an t-seirbheis a sholarachadh no (ii) airson comas conaltraidh a chur ri làimh. Ma bhios feum air co-aonta a thaobh bhriosgaidean roghainneil, ’s urrainn dhut an co-aonta seo a thoirt air falbh le bhith a’ briogadh air “Stiùirich na briosgaidean” ann am bann-coise na làraich-lìn.

Cunntas Microsoft

Bheir cunntas Microsoft comas dhut clàradh a-steach gu bathar Microsoft agus cuid a bhathar air com-pàirtichean Microsoft. Tha dàta pearsanta a tha co-cheangailte ris a’ chunntas Microsoft agad a’ gabhail a-staigh teisteasan, dàta conaltraidh agus pàighidh, fiosrachadh mun uidheam, mu na chleachdas tu agus mu do ghnìomhachd. Ma chlàraicheas tu a-steach chun a’ chunntais Microsoft agad, is urrainn dhut dreach pearsanta a chur air an àrainneachd agus bheir e dhut an aon àrainneachd air feadh bathair is uidheaman agus bheir e cothrom dhut air an stòras san neul, pàigheadh le innealan pàighidh a shàbhail thu agus gleusan eile.

Ma chlàraicheas tu a-steach gu seirbheis le treas-phàrtaidh leis a' chunntas Microsoft agad, bheir Microsoft dàta a’ chunntais agad dhan treas-phàrtaidh ud a rèir poileasaidh prìobhaideachd an threas-phàrtaidh ud.

Cruinneachadh dàta o chlann

Tha iomadh bathar is seirbheis aig Microsoft a chleachdas clann is deugairean ach chan fhaigh clann is deugairean cothrom air gach gleus is seirbheis a tha ri làimh nan inbheach. Bidh cuid dhe na gleusan seo dheth a ghnàth no cha bhi iad ri làimh an luchd-chleachdaidh òig againn. Ma bhios duine-cloinne nas òige na 13 – no aois eile a rèir laghan an àite far a bheil iad – feumaidh an duine-cloinne cead pàrant no neach-glèidhidh mus urrainn dhaibh cunntas Microsoft a chruthachadh. ’S urrainn do phàrant an co-aonta aca atharrachadh no gairm air ais uair sam bith.

Tha innealan Family Safety aig Microsoft a bheir comas do phàrantan cunntasan na cloinne aca a cheangal ri buidheann teaghlaich. Ma thèid cunntas Microsoft a chruthachadh le co-aonta pàrant, thèid a chur ri buidheann teaghlaich a’ phàrant gu fèin-obrachail. Mar eagraiche buidheann teaghlach Microsoft, faodaidh am pàrant no neach-glèidhidh fiosrachadh an duine-chloinne aca agus na roghainnean aca a stiùireadh air an duilleag Family Safety aca agus an dàta aig duine-cloinne fhaicinn is a sguabadh às air deas-bhòrd na prìobhaideachdaca. Tha uidheaman-smachd a bharrachd aig pàrantan luchd-cleachdaidh XBOX tro mheadhan aplacaid XBOX Family Settings.

Stòradh is pròiseasadh de dhàta pearsanta

Dh’fhaodte gun glèidh is gun làimhsich Microsoft dàta pearsanta nad dhùthaich, sna Stàitean Aonaichte no agus uachdranas laghail sam bith eile far a bheil goireasan aig Microsoft an cuid dlùth-chompanach, fo-chuideachdan no solaraichean sheirbheisean. Nuair a ghluaiseas sinn dàta pearsanta gu dùthaich eile, tha gleusan tèarainteachd laghail an sàs againn a dhìonas do chòraichean agus a chumas an dàta agad fo dhìon.

Sanasachd

Tha sanasachd a’ toirt cothrom dhuinn cuid dhen bhathar againn a sholar, a leasachadh is taic a chumail ris. Dh’fhaodte gum faic thu sanasachd stèidhichte air an eadar-ghabhail a th’ agad còmhla rinn mun àm seo agus dh’fhaodte gun tèid dreach pearsanta a chur air le fiosrachadh a chruinnicheas sinn mu do dhèidhinn thar ùine. ’S urrainn dhut an ro-aonta a thoirt air falbh o shanasachd phearsantaichte air an duilleag Sanasachd is tairgsean pearsantaichte againn agus is urrainn dhut an ro-aonta a thoirt air falbh o cho-roinneadh dàta le treas-phàrtaidhean airson sanasachd phearsantaichte le bhith a’ tadhal air an duilleag Roghainnean sanasachd nan treas-phàrtaidhean againn. Ma gheibh Microsoft stiùireadh o bhrabhsair tron Global Privacy Control (GPC) a thaobh ro-aonta a thugadh air falbh, gèillidh e ri seo.

Fiosrachadh prìobhaideachd cudromach eile

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu dhèidhinn prìobhaideachd gu h-ìosal, can mar a chleachdas sinn dàta diagnosachd, ciamar is cuin a dh’ùraicheas sinn aithris na prìobhaideachd againn agus mar a chuireas tu fios thugainn. Lorgaidh tu barrachd fiosrachaidh air Microsoft is mun dealas againn do dhìon do phrìobhaideachd air duilleag prìobhaideachd Microsoft.

Faisneis fuadain is comasan Copilot

Cuiridh Microsoft faisneis fuadain (AI) gu feum ann an tòrr dhe na batharan is seirbheisean againn, a’ gabhail a-staigh filleadh a-staigh gleusan gintinn AI. Tha “Copilot” na theaghlach de sheirbheisean, bathar is fuasglaidhean a chleachdas teicneolas AI gineil airson às-chur a chruthachadh.

Tha sinn a’ cur an sàs is a’ cleachdadh AI a rèir nam prionnsabalan AI aig Microsoft agus stannard AI cùramach aig Microsoft agus tha cruinneachadh is cleachdadh dàta pearsanta rè leasachadh ’s cur gleusan againn AI ri làimh co-chòrdail leis an dealas againn a tha ga mhìneachadh air feadh aithris na prìobhaideachd seo. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu ma h-innealan, dòighean-obrach agus poileasaidhean a chruthaich Microsoft a dhaingneachadh prionnsabalan an AI chùramaich an-seo.

Bathar enterprise is luchd-leasachaidh agus bathar gan solar leis a’ bhuidheann agad

’S e batharan Microsoft agus bathar-bog co-cheangailte ris a thathar a’ tairgsinn no a’ dealbhadh gu sònraichte do bhuidhnean is luchd-leasachaidh a tha ann am bathar iomairte no luchd-leasachaidh. Tha iad seo a’ gabhail a-staigh nan seirbheisean enterprise air loidhne againn; seirbheisean enterprise is luchd-leasachaidh eile san neul; bathar-bog enterprise is luchd-leasachaidh eile; aplacaidean is bathar-cruaidh a chleachdar airson bun-structar stòrais; agus seirbheisean proifeiseanta a gheibhear an cois nan seirbheisean air loidhne againn.

Ma bhios còmhstri ann eadar an aithris prìobhaideachd againn agus teirmichean aonta sam bith eadar custamair is Microsoft a thaobh batharan iomairte no luchd-leasachaidh, bheirear prìomhachas do theirmichean nan aontan sin.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh air gleusan is roghainnean nam batharan iomairte is luchd-leasachaidh againn ann an docamaideadh a’ bhathair, a’ gabhail a-staigh an fheadhainn a bheir buaidh air do phrìobhaideachd no prìobhaideachd nan cleachdaichean deireannach agad.

Bathar tarbhachd is conaltraidh

’S e aplacaidean, bathar-bog agus seirbheisean – mar Microsoft 365, Microsoft Teams, OneDrive is feadhainn eile – a tha sna bathar tarbhachd is conaltraidh as urrainn dhut cleachdadh gus sgrìobhainnean a chruthachadh, a ghlèidheadh agus a cho-roinneadh agus gus conaltradh a dhèanamh le càch. Caithidh na seirbheisean seo dàta a rèir dè an gleus a th’ ann agus mar a chleachdas tu iad – mar eisimpleir, cruinnichidh sinn dàta mun chleachdadh a nithear agus fiosrachadh mun chonaltradh agad is tu a’ cleachdadh Microsoft Teams, a’ gabhail a-staigh cuin, dè an latha agus dè an luchd-cleachdaidh a tha a’ gabhail pàirt sa chonaltradh. Chì thu barrachd fiosrachaidh mu na seirbheisean seo gu h-ìosal, na gleusan aca agus mar a chaitheas iad dàta.

Lorg agus brabhsadh

Nì batharan luirg is brabhsaidh ceangal eadar thu fhèin agus fiosrachadh agus nì iad mothachadh, pròiseasadh is gnìomhan gu glic le taic an fhiosrachaidh, ag ionnsachadh agus gam freagarrachadh rè ùine. Airson barrachd fiosrachaidh mu fhaisneis fuadain agus comasan Copilot sa bhathar luirg is brabhsaidh aig Microsoft, thoir sùil air an earrann Faisneis fuadain is comasan Microsoft Copilot gu h-àrd.

Windows

’S e àrainneachd coimpiutaireachd pearsanaichte a tha ann am Windows a bheir comas dhut falbh mun cuairt is tu a’ faighinn cothrom air na seirbheisean, roghainnean is an t-susbaint agad. Bidh sinn a’ cruinneachadh dàta mu do dhèidhinn, mun uidheam agad agus mun dòigh air an cleachd thu Windows gus an àrainneachd coimpiutaireachd neòil seo a sholarachadh agus a chumail tèarainte. Bheir sinn dhut gleusan roghainneil cuideachd mar ghliocasan, sanasachd is molaidhean pearsanaichte. Bheir Windows comas dhut an dàta pearsanta a chruinnicheas sinn mu do dhèidhinn agus mar a chleachdas sinn e a stiùireadh.  Ma tha an t-uidheam agad fo stiùireadh buidhinn (mar am fastaiche no sgoil agad), dh’fhaodte gun cleachd am buidheann agad innealan stiùireadh àrd-ìre a bheir comas dhaibh an dàta agad inntrigeadh agus a phròiseasadh agus roghainnean, uidheaman, ùrachadh bathair-bhuig is cruinneachadh dàta a stiùireadh.

Airson barrachd fiosrachaidh mu dhèidhinn gleusan Windows agus mar a chleachdas Windows dàta – a’ gabhail a-staigh uidheaman-smachd prìobhaideachd, Windows Search, aithneachadh cainnte, seirbheisean ionaid, sioncronachadh is lethbhreacan-glèidhidh. aplacaidean Windows, AI is mòran a bharrachd – faic “Barrachd fiosrachaidh” gu h-ìosal. Tha an aithris seo a’ buntainn ri Windows 10 agus Windows 11; tha seann-tionndaidhean dhe Windows fo bhuaidh nan aithrisean prìobhaideachd aca fhèin.

Dibhearsan agus seirbhisean co-cheangailte

Bheir seirbheisean dibheirsein is feadhainn cho-cheangailte riutha mar XBOX, Microsoft Store is MSN àrainneachdan beartach dhut is cothrom air pailteas susbainte, aplacaidean is geamannan. Tha sinn a’ cruinneachadh is a’ cleachdadh an fhiosrachadh agad a rèir mar a chleachdas tu na seirbheisean seo nad àrainneachd – mar eisimpleir, cruinnichidh sinn na h-aithnichearan àraidh agad, fiosrachadh mun eadar-ghabhail a nì thu leis na seirbheisean seo, cò leis a nì thu cabadaich, dè an t-susbaint a luchdaicheas tu suas agus dè am bathar a lorgas tu is a cheannaicheas tu.  Chì thu barrachd fiosrachaidh mu na seirbheisean seo gu h-ìosal, na gleusan aca agus mar a chaitheas iad dàta.

An ìomhaigheag aig “Na roghainnean prìobhaideachd agad” Na roghainnean prìobhaideachd agad
Prìobhaideachd slàinte luchd-caitheimh Contact Microsoft Privacy & Cookies Manage cookies Terms of Use Trademarks About our ads