Faidhlichean ADMX/ADML airson aplacaid Clipchamp Windows a rèiteachadh
Luchdaichidh seo a-nuas faidhlichean teamplaidean rianachd (AMDX/ADML) airson poileasaidh buidhinn a chleachdas rianairean ann an Intune airson roghainnean aplacaid desktop Clipchamp a chur air gleus.
Cudromach! Ma thaghas tu cànan gu h-ìosal, thèid an cànan ud a chur air susbaint air fad na duilleige.
Tionndadh:
2.8.0
Latha an fhoillseachaidh:
15/7/2024
Ainm an fhaidhle:
admx.zip
Meud an fhaidhle:
62.2 KB
Luchdaich a-nuas am faidhle zip leis a’ phutan gu h-àrd airson luchdadh a-nuas.
Tha faidhle ADMX sa phrìomh-phasgan san zip agus liosta de dh’fhaidhlichean ADML sna fo-phasganan aige, air an seòrsachadh a-rèir còd a’ chànain. An dèidh dhut am faidhle zip a shàbhaladh air a’ choimpiutair agad, dèan às-tharraing air an fhaidhle ADMX agus pasgan ADML a’ chànain as fheàrr leat agus an uair sin ion-phortaich iad gu Intune. An dèidh dhut sin a dhèanamh, is urrainn dhut- aplacaid desktop Clipchamp airson Windows a rèiteachadh (a chur an comas no à comas) air uidheaman luchd-cleachdaidh sa bhuidheann agad.
- Clipchamp a chur an comas no à comas do chunntasan pearsanta san aplacaid desktop.
Cuiridh a’ chiad roghainn seo an aplacaid desktop à comas buileach is chan fhaigh luchd-cleachdaidh sa bhuidheann agad cothrom air idir. Gheibh iad cothrom air Clipchamp ann an uinneag brabhsair fhathast.
Cumaidh an dàrna roghainn an aplacaid na àite airson Clipchamp airson obair ach bheir e air falbh comas a chleachdadh leis an tionndadh phearsanta dhe Clipchamp.
Airson barrachd fiosrachaidh mu dhèidhinn aplacaid Clipchamp airson Windows, faic Taic airson cunntasan obrach ann an aplacaid Clipchamp airson Windows.
Airson barrachd fiosrachaidh a dh’innseas dhut mar a chuireas tu Clipchamp an comas no à comas air a’ mhàladair agad, faic Mar a chuireas tu an comas no à comas Clipchamp do luchd-cleachdaidh sa bhuidheann agad.Siostaman-obrachaidh ris a bheil taic
Windows 10, Windows 11
Chan eil riatanasan sònraichte air an t-siostam.- Faic an tuairisgeul gu h-àrd airson fiosrachadh stàlaidh.