Trace Id is missing

Microsoft Office ScreenTip Language 2013

Seallaidh eadar-theangachadh nan gliocasan-sgrìn na tha air an sgrìn ann an cànan eile, can putain, clàir-thaice is bogsaichean-còmhraidh.

Cudromach! Ma thaghas tu cànan gu h-ìosal, thèid an cànan ud a chur air susbaint air fad na duilleige.

  • Tionndadh:

    1.0

    Latha an fhoillseachaidh:

    28/8/2013

    Ainm an fhaidhle:

    screentiplanguage_gd-gb_32bit.exe

    screentiplanguage_gd-gb_64bit.exe

    Meud an fhaidhle:

    1.5 MB

    1.5 MB

    Atharraich cànan nan gliocasan-sgrìn ach am faic thu eadar-theangachadh air na tha a' nochdadh air an sgrìn, – can putain, clàir-thaice is bogsaichean-còmhraidh – ann an cànan eile mar thaic do dhaoine a tha a' cleachdadh aplacaidean Microsoft Office ann an cànan nach tuig iad.


    Bidh seo feumail ann an suidheachadh mar seo, mar eisimpleir:
    • Nuair a bhios feum air taic dhà-chànanach no ioma-chànanach
    • Nuair a bhios einnseanair a' toirt seachad comhairle fiù mur eil an cànan sin aca
    • Nuair a chleachdas cuideigin Office ann an cànan eile gu goirid, mar chleachdaichean air fàrsan
    • Nuair a chleachdas iomadh duine an aon choimpiutair
  • Siostaman-obrachaidh ris a bheil taic

    Windows 7, Windows 8 Release Preview

    • Aplacaidean Microsoft Office ris a bheil taic:
        Microsoft Office Word 2013, Microsoft Office Excel 2013, Microsoft Office Outlook 2013, Microsoft Office PowerPoint 2013, Microsoft Office OneNote 2013, Microsoft Office Visio 2013, Microsoft Office Publisher 2013
    • Bathar-bog air a bheil feum:
        Dh'fhaoidte gum feum cànain taobh an Ear Àisia a chleachdas sgrìobhadh iom-fhillte faidhlichean sònraichte mus obraich iad. Gabhaidh seo a dhèanamh sa phanail-smachd fo "An sgeama ionadail 's na roghainnean cànain".
  • Gus na luchdaich thu a-nuas a stàladh:
    1. Briog air a' phutan Luchdaich a-nuas airson an duilleag seo gus tòiseachadh air.
    2. Dèan aon dhe na rudan a leanas:
      • Gus tòiseachadh air an stàladh sa bhad, briog air Ruith.
      • Gus a’ phacaid a shàbhaladh air a' choimpiutair agus a stàladh uaireigin eile, briog air Sàbhail .
      • Gus sguir dhen stàladh, briog air Sguir dheth .

    Gus cànan nan gliocasan-sgrìn atharrachadh no gus an cur dheth:
    1. Briog air a' phutan "Office File", tagh "Options" is an uairsin "Language" agus tagh "Match Display Language" airson cànan nan gliocasan-sgrìn.

    Gus na luchdaich thu a-nuas a thoirt air falbh:
    1. Fosgail a' phanail-smachd on chlàr-taice tòiseachaidh .
    2. Dèan briogadh dùbailte air Cuir ris/thoir air falbh prògraman .
    3. Chì thu liosta nam prògraman a tha stàlaichte agad. Tagh Microsoft Office ScreenTip Language and agus briog air Thoir air falbh no Cuir ris/Thoir air falbh . Ma nochdas bogsa-còmhraidh, lean ris an stiùireadh gus am prògram a thoirt air falbh.
    4. Briog air Tha no Ceart ma-thà gus daingneachadh gu bheil thu ag iarraidh am prògram a thoirt air falbh.