Trace Id is missing

Microsoft Office Proofing Tools 2013 - Gàidhlig

Bheir Microsoft Office Proofing Tools comas dhut deasachadh a dhèanamh ann an cànan eile.

Cudromach! Ma thaghas tu cànan gu h-ìosal, thèid an cànan ud a chur air susbaint air fad na duilleige.

  • Tionndadh:

    2013

    Latha an fhoillseachaidh:

    19/1/2015

    Ainm an fhaidhle:

    Proofingtools_gd-gb-x64.exe

    Proofingtools_gd-gb-x86.exe

    Meud an fhaidhle:

    1.1 MB

    1.1 MB

    A bheil thu airson an litreachadh a dhearbhadh airson cànan nach deach a stàladh le Office gu fèin-obrachail? Seo an t-àite ceart dhut. Gabhaidh pacaidean Microsoft Office Proofing Tools a-steach na h-innealan-dearbhaidh uile a tha ri am faighinn airson Office sa chànan seo. Cha leig thu leas ach Office a stàladh 's a thòiseachadh ach am bi na h-innealan-dearbhaidh airson a' chànain agad ri làimh dhut sa bhad.
  • Siostaman-obrachaidh ris a bheil taic

    Windows 7, Windows 8, Windows Server 2008 R2

    Obraichidh an luchdadh a-nuas seo leis na prògraman a leanas:
    Microsoft Office Excel
    Microsoft Office OneNote
    Microsoft Office Outlook
    Microsoft Office PowerPoint
    Microsoft Office Word
  • Gus an luchdadh a-nuas seo a stàladh:
    Stàlaich na h-innealan-dearbhaidh:


    1. Luchdaich am faidhle a-nuas 's tu a' briogadh air a' phutan "Luchdaich a-nuas" gu h-àrd 's a' sàbhaladh am faidhle air an diosga.
    2. Ruith am prògram stàlaidh.
    3. Air an duilleag "Leugh teirmichean ceadachas bathar-bog Microsoft", thoir sùil air na teirmichean, cuir cromag sa bhogsa "Briog an-seo gus gabhail ri teirmichean a' cheadachais airson bathar-bog Microsoft" 's briog air "Lean air adhart".
    4. Ruithidh draoidh an stàlaidh 's stàlaichidh e na h-innealan-dearbhaidh.
    5. Tòisich na h-aplacaidean Oifis fosgailte agad as ùr nuair a bhios an stàladh air a choileanadh.


    Mìneachaidhean gus a' chleachdadh: Cha leig thu leas ach na h-innealan-dearbhaidh a chleachdadh mar as àbhaist -bu chòir dhut am faicinn airson a' chànain ùir a stàlaidh thu a-nis. Mar eisimpleir, 's urrainn dhut cànan an dearbhaidh a shuidheachadh air a' chànan ùr gus dearbhair-litreachaidh a chleachdadh (ma tha fear ri làimh) - airson fiosrachadh mu mar a nì thu sin, faic Gearr leum eadar cànanan le suidheachadh cànan an dearbhaidh

    Gus an luchdadh a-nuas seo a thoirt air falbh:
    1. Air a' chlàr-taice "Tòisich", tomh ri "Roghainnean" 's an uairsin briog air "Panail-smachd".
    2. Dèan briogadh dùbailte air "Cuir ris/thoir air falbh prògraman"
    3. Air liosta nam prògraman stàlaichte, tagh Microsoft Office Proofing Tools - [Cànan] 's an uairsin briog air "Dì-stàlaich", "Thoir air falbh" no "Cuir ris/thoir air falbh". Ma nochdas bogsa-còmhraidh, lean air adhart leis an stiùireadh gus am prògram a thoirt air falbh.
    4. Briog air "Tha" no "Ceart ma-thà" gus dearbhadh gu bheil thu airson am prògram a toirt air falbh. LITL