Trace Id is missing

Innealan dearbhaidh Microsoft Office 2016 – Gàidhlig

Bheir Innealan dearbhaidh Microsoft Office comas dhut deasachadh a dhèanamh ann an cànan eile.

Cudromach! Ma thaghas tu cànan gu h-ìosal, thèid an cànan ud a chur air susbaint air fad na duilleige.

  • Tionndadh:

    2016

    Latha an fhoillseachaidh:

    25/5/2016

    Ainm an fhaidhle:

    proofingtools2016_gd-gb-x64.exe

    proofingtools2016_gd-gb-x86.exe

    Meud an fhaidhle:

    1.3 MB

    1.2 MB

    A bheil thu airson an litreachadh a cheartachadh ann an cànan nach deach a stàladh gu fèin-obrachail le Office? Seo an t-àite ceart. Tha na h-innealan dearbhaidh air fad a tha ri làimh ann an Office airson a’ chànain seo am broinn Innealan dearbhaidh Microsoft Office. Cha leig thu leas ach an stàladh ’s Office a thòiseachadh às ùr agus bidh na h-innealan dearbhaidh nad chànan deas ri do làimh.
  • Siostaman-obrachaidh ris a bheil taic

    Windows 7, Windows 8, Windows Server 2008 R2

    Obraichidh an luchdadh a-nuas seo leis na prògraman a leanas:
    • Microsoft Office Excel 2016
    • Microsoft Office OneNote 2016
    • Microsoft Office Outlook 2016
    • Microsoft Office PowerPoint 2016
    • Microsoft Office Word 2016
  • Gus an luchdadh a-nuas seo a stàladh:

    Stàlaich na h-innealan dearbhaidh:

    1. Luchdaich am faidhle a-nuas ’s tu a’ briogadh air a’ phutan “Luchdaich a-nuas” gu h-àrd ‘s a’ sàbhaladh am faidhle air an diosga agad.
    2. Ruith am prògram stàlaidh.
    3. Air an duilleag “Leugh teirmichean ceadachas bathar-bog Microsoft”, thoir sùil air na teirmichean, cuir cromag sa bhogsa “Briog an-seo gus gabhail ri teirmichean a' cheadachais airson bathar-bog Microsoft” ’s briog air “Lean air adhart”.
    4. Ruithidh draoidh an stàlaidh ’s stàlaichidh e na h-innealan dearbhaidh.
    5. Tòisich na h-aplacaidean Office fosgailte agad as ùr nuair a bhios an stàladh air a choileanadh.


    Stiùireadh cleachdaidh:Cleachd na h-innealan dearbhaidh mar as àbhaist – bu chòir dhaibh a bhith ri do làimh sa chànan ùr a-nis. Mar eisimpleir, ’s urrainn dhut an cànan ùr a thaghadh airson dearbhadh gus an litreachadh a cheartachadh (ma bhios an gleus seo ri làimh). Thoir sùil air na leanas airson stiùireadh mu dhèidhinn seo: Gearr leum eadar diofar chànan le bàr nan Cànanan

    Gus an luchdadh a-nuas seo a thoirt air falbh:
    1. Air a’ chlàr-taice “Tòisich”, tomh ri “Roghainnean” ’s an uairsin briog air “Panail-smachd”.
    2. Dèan briogadh dùbailte air “Cuir ris/thoir air falbh prògraman”.
    3. Air liosta nam prògraman stàlaichte, tagh “Innealan dearbhaidh Microsoft Office 2016 – Gàidhlig” ’s an uairsin briog air “Dì-stàlaich”, “Thoir air falbh” no “Cuir ris/thoir air falbh”. Ma nochdas bogsa-còmhraidh, lean ris an stiùireadh gus am prògram a thoirt air falbh.
    4. Briog air “Tha” no “Ceart ma-thà” gus daingneachadh gu bheil thu ag iarraidh am prògram a thoirt air falbh.