Game Assist (+G)

Cuir cùl ri alt-tab le Microsoft Edge Game Assist, a’ chiad brabhsair a dh’obraicheas am broinn geama ’s a chaidh a dhealbhadh airson geamaireachd PC ’s a bheir dhut àrainneachd brabhsaidh làn-tumaidh airson ’s nach bris dad a-steach ort sa gheama. Rùraich an lìon, faigh cothrom air treòirean, cabadaich le do charaidean is mòran a bharrachd, gun chnap-starra sam bith, fhad ’s a bhios tu a’ cluich geama. Tha gach rud a dh’fheumas tu airson an aon sgrìn ach an urrainn dhut d’ aire a chumail air a’ gheama.

Introducing a smarter way to game and browse

Gach rud a dh’fheumas tu san aon àite

Faigh àrainneachd brabhsaidh slàn le gliocasan geamaireachd, walkthroughs is faigh cothrom air na làraichean as fheàrr leat mar Discord, Spotify no Twitch.

Dèan a’ chùis air leibheil dhùbhlanach

Chaidh Game Assist a làn-amalachadh san t-siostam is tuigidh e dè an geama a tha thu a’ cluich is bheir e dhut gliocasan is treòirean a chuidicheas tu.

Ioma-shaothrachadh gun duilgheadas

Cùm treòirean video prìnichte fhad ’s a bhios tu ri geama, tadhail air na làraichean as fheàrr leat, cuir air ceòl no cùm suas ri do charaidean gun an geama fhàgail.

Gliocasan is gleusan

Grad-lorg an geama agad

Le Game Assist, tha e nas fhasa rud no làrach a lorg air an lìon le bhith a’ lìonadh ainm a’ gheama gu fèin-obrachail le bhith a’ bualadh Ctrl + G no a’ taghadh “Cuir ann ainm a’ gheama” ann an clàr-taice a’ bhriogaidh dheis – air leth feumail ann an geamannan aig a bheil ainm fada.

Dealbh-san-dealbh

Briog air a’ phutan a chuireas video air an làn-sgrìn is thèid meud Game Assist a chur a rèir meud a’ video gu fèin-obrachail. Agus an uair sin prìnich Game Assist os cionn a’ gheama agad airson treòir a leantainn no taisbeantas a shruthadh mar dhealbh am broinn deilbh is tu a’ cluich geama. ’S urrainn dhut fiù uidheaman-smachd nam meadhanan air a’ mheur-chlàr agad a chleachdadh airson a’ video a chur na stad no a chluich.

Lean treòir sa gheama fhèin

Thoir plathadh air treòir ann an Game Assist is tu a’ dealbhadh ro-innleachd is leig seachad an Game Bar an uair sin is lean air a’ gheama agad. ’S urrainn dhut fiù briogadh air a’ phutan phrìneachaidh airson an duilleag-lìn a chumail os cionn a’ gheama agad is tu a’ leantainn na treòire sa gheama.

Faigh cothrom air na h-annsachdan is an eachdraidh agad

Cleachdaidh Game Assist an aon dàta brabhsair ’s a chleachdas Microsoft Edge air desktop. Dèan grad-lorg sna h-annsachdan is san eachdraidh agad ann am bàr an t-seòlaidh no faigh greim air a h-uile annsachd is an eachdraidh air fad on chlàr-taice “Barrachd” (na trì puingean).

Dèan barrachd le leudachain

Obraichidh mòran dhe na leudachain as fheàrr leat, mar bhlocaichean sanasachd is manaidsearan fhaclan-faire, ann an Game Assist. Cha leig thu leas ach ach an leudachan a stàladh ann am Microsoft Edge air an desktop is bidh e deas ri do làimh ann an Game Assist. Cuiridh Game Assist taic ris a’ mhòrchuid de leudachain a ruitheas air an duilleag-lìn gu fèin-obrachail (can blocaiche sanasachd) no a bheir UI dhut, can airson foirm a lìonadh, no air am faighear greim le briogadh deas (mar mhanaidsear fhaclan-faire) ach dh’fhaoidte nach bi gach gleus an leudachain ri làimh.

Trìd-shoilleireachd shlàn

Cuir trìd-shoilleireachd widget prìnichte Game Assist air gleus le roghainn na trìd-shoilleireachd ann an roghainnean a’ Ghame Bar airson ’s gum bi e nas fhasa an geama fhaicinn air cùlaibh a’ widget agad. ’S urrainn dhut fiù co-dhùnadh an tèid a’ widget fhosgladh ma bhriogas tu air Game Assist ’s e prìnichte no an tèid a “shìneadh air adhart” dhan gheama.

Meud foirfe dhan gheama agad

Atharraich meud Game Assist no gluais mun cuairt air an sgrìn e ach am bi e far a bheil feum agad air ann an geama. Tha a mheud tùsail iomchaidh nar beachd airson ’s nach bi e an rathad a’ gheama.

Ceistean àbhaisteach

  • * Dh’fhaoidte gum bi diofar ghleusan ri làimh agus gun dèan iad rudan beagan eadar-dhealaichte a-rèir an uidheim, na margaid agus tionndadh a’ bhrabhsair.