This is the Trace Id: a3509ad451830dd394f4b808b49a166a
Thoir leum gun phrìomh shusbaint CÀBHA Aonta seirbheisean Microsoft Aithris prìobhaideachd Microsoft Duilleag solaraichean Bing Azure Copilot Windows Surface XBOX Outlook Accessories Microsoft AI Microsoft Security Azure Dynamics 365 Microsoft 365 for business Microsoft Power Platform Windows 365 Developer Center Documentation Microsoft Learn Microsoft Tech Community Microsoft Marketplace Visual Studio Software companies View Sitemap

Geàrr‑chunntas air na h‑atharraichean air aonta seirbheisean Microsoft – 30mh dhen t‑Sultain 2026

Tha sinn ag ùrachadh aonta seirbheisean Microsoft a tha a’ riaghladh mar a chleachdas tu seirbheisean is batharan luchd‑caitheimh air loidhne Microsoft. Tha an duilleag seo a’ toirt dhut geàrr‑chunntas air cuid dhe na h‑atharraichean as cudromaiche air aonta seirbheisean Microsoft.

Gus a h‑uile atharrachadh fhaicinn, mholamaid gun leugh thu aonta seirbheisean Microsoft gu slàn an‑seo.

  1. ’S e an 30mh dhen Iuchair 2026 an ceann‑là foillseachaidh sa bhann‑chinn a‑nis agus e ann an èifeachd on 30mh dhen t‑Sultain 2026.
  2. Tha am paragraf aig an toiseach a‑nis a’ gabhail a‑staigh bathar luchd‑caitheimh, làraichean‑lìn is seirbheisean a tha ag iomradh air aonta seirbheisean Microsoft mar teirmichean nan “Seirbheisean”.
  3. San earrann “Teirmichean a‑rèir seirbheise”, dh’atharraich sinn na leanas:
    • San earrann “Bùth”, chuir sinn pìos ris mu na h‑ùrachaidhean fèin‑obrachail, mar a chuireas luchd‑cleachdaidh na h‑ùrachaidhean fèin‑obrachail nan stad agus na thachras mur an cùm cuideigin na h‑aplacaidean aca ùraichte.
    • Fon earrann “Cortana”, tha sinn a’ mìneachadh nach eil Cortana na phàirt dhe Microsoft tuilleadh a‑mach o 2024 agus gun tug sinn air falbh na h‑earrannan mu dhèidhinn comasan Cortana air nach eil feum tuilleadh.
    • San earrann “Aplacaidean is seirbheisean Microsoft 365”, dh’ùraich sinn ainmean bathar Microsoft 365 agus rinn sinn nas soilleire dè na h‑aplacaidean is seirbheisean a tha fo bhuaidh teirmichean a’ cheadachais.
    • San earrann “Bathar digiteach”, thug sinn air falbh an reifreans air Microsoft Groove a chionn ’s nach eil sin ri làimh tuilleadh.
    • San earrann “Microsoft Rewards”, dh’ùraich sinn na ceanglaichean ri duilleagan na taice agus uiread nam puingean as urrainnear a chur gu feum gach bliadhna a rèir an dà ìre de chrìochan.
    • Thug sinn ainm ùr air an earrann “Copilot” agus rinn sinn nas soilleire dè na tionndaidhean dhe Copilot a tha fo bhuaidh aonta seirbheisean Microsoft.
  4. Air feadh nan teirmichean, dh’atharraich sinn grunn rudan ach am bi iad nas soilleire agus gus an gràmar, mearachdan litreachaidh is cùisean eile d’ an leithid a chàradh. Dh’ùraich sinn ainmean is ceanglaichean‑lìn cuideachd.
Gàidhlig (An Rìoghachd Aonaichte)
An ìomhaigheag aig “Na roghainnean prìobhaideachd agad” Na roghainnean prìobhaideachd agad
Prìobhaideachd slàinte luchd-caitheimh Contact us Privacy & Cookies Manage cookies Terms of Use Trademarks About our ads