Do phrìobhaideachd
1. Do phrìobhaideachd. Tha do phrìobhaideachd cudromach dhuinn. Leugh aithris prìobhaideachd Microsoft (https://go.microsoft.com/fwlink/?LinkId=521839) (an “aithris prìobhaideachd”) on a tha i a’ mìneachadh nan seòrsaichean de dhàta a chruinnicheas sinn uat agus o na h-uidheaman agad (“dàta”), mar a chleachdas sinn an dàta agad agus dè a’ bhun-stèidh laghail againn airson an dàta agad a phròiseasadh. Mìnichidh an aithris prìobhaideachd cuideachd mar a chleachdas Microsoft an t-susbaint agad agus ’s e seo do chonaltradh le càch; postaichean a chuir thu a-null gu Microsoft tro na seirbheisean; agus na faidhlichean, dealbhan, sgrìobhainnean, fuaimean, obraichean digiteach, sruthan beòtha agus bhideothan a luchdaicheas tu suas, a ghlèidheas, a chraolas, a chruthaicheas, a ghineas no a cho-roinneas tu slighe nan seirbheisean (“an t-susbaint agad“).
An t-susbaint agad
2. An t-susbaint agad. Leigidh mòran de na seirbheisean againn leat an t-susbaint agad a ghlèidheadh, a chruthachadh no a cho-roinneadh no stuth fhaighinn o chàch. Cha tagair sinn gur ann leinne a bhiodh an t-susbaint agad. ’S ann leat-sa a bhios an t-susbaint agad agus is ann leat-sa a tha uallach air a son.
- a. Ma cho-roinneas tu an t-susbaint agad le daoine eile, tuigidh tu gum faod iad an t-susbaint a cho-roinneas tu a chleachdadh, a shàbhaladh, a chlàradh, ath-dhèanamh, a sgaoileadh, a thar-chur, a cho-roinn is a thaisbeanadh a chum nan adhbharan a sgaoil thu an t-susbaint agad air na seirbheisean, gun ath-dhìoladh a thoirt dhut. Mur eil thu airson ’s gur urrainn do chàch sin a dhèanamh, na cleachd na seirbheisean gus an t-susbaint agad a cho-roinneadh. Tha thu a’ cur an cèill ’s a’ barantachadh rè ùine nan teirmichean seo gu bheil (agus gum bi) na còraichean iomchaidh agad a thaobh na susbainte agad a tha ga luchdadh suas, ga glèidheadh no ga co-roinneadh air no slighe nan seirbheisean agus nach bi cruinneachadh, cleachdadh no cumail na susbainte agad slighe nan seirbheisean a’ briseadh lagh no còir chàch. Mholamaid dhut gu mòr lethbhreacan-glèidhidh a dhèanamh den t-susbaint agad gu cunbhalach. Chan ann air Microsoft a bhios an t-uallach a thaobh na susbainte agad no an stutha a luchdaicheas càch suas, a ghleidheas iad no a cho-roinneas iad slighe nan seirbheisean againn.
- b. Air an ìre a bhios e riatanach a chum solar nan seirbheisean dhut is do chàch (a dh’fhaodas gabhail a-steach atharrachadh air meud, cruth no fòrmat na susbainte agad a ghlèidheadh is a thaisbeanadh dhut ann an dòigh as fhearr), a chum thu fhèin is na seirbheisean a dhìon agus a chum piseach a chur air bathar is seirbheisean Microsoft, tha thu a’ buileachadh ceadachas seilbh inntleachdail air feadh an t-saoghail agus saor o thàillean do Microsoft gus an t-susbaint agad a chleachdadh, can gus lethbhreacan dhi a dhèanamh, a cumail, a tar-chur, fòrmat ùr a chur oirre, a sgaoileadh slighe innealan conaltraidh agus a taisbeanadh air na seirbheisean. Ma dh’fhoillsicheas thu an t-susbaint agad air raointean na seirbheise far am bi i ri faighinn air loidhne gu poblach no gun chuingeachadh, dh’fhaoidte gun nochd an t-susbaint agad ann am fianaisean no stuthan a bhrosnaicheas an t-seirbheis. Gheibh cuid de na seirbheisean teachd a-steach o shanasachd. Gheibh thu uidheaman-smachd air mar a nì Microsoft pearsanachadh an t-sanasachd air https://choice.live.com. Cha chleachd sinn na chanas tu ann am post-d, cabadaich, gairm bhideo no post-gutha no na sgrìobhainnean, dealbhan no faidhlichean pearsanta eile agad gus sanasachd a phearsanachadh dhut. Gheibh thu mion-fhiosrachadh air na poileasaidhean sanasachd againn san aithris phrìobhaideachd.
- c. Bheir Microsoft comas inntrigidh dhan dàta agad a ghabhas às-phòrtadh tro mheadhan deas-bhòrd prìobhaideachd Microsoft (https://account.microsoft.com/privacy) no eadar-aghaidh cleachdaiche a’ bhathair ma bhios tu air clàradh a-steach air a’ chunntas Microsoft agad. Bheir dàta a dh’às-phòrtaich thu mar seo comas dhut gluasad gu seirbheisean solaraichean treas-phàrtaidh. Tha Microsoft a’ glèidheadh na còrach às-phortadh de dhàta a chuingeachadh ma bhios eagal oirnn gum biodh droch-bhuaidh air tèarainteachd seirbheisean no seilbheachd innleachdail Microsoft. Mur urrainn dhut an dàta agad às-phortadh air na dòighean seo, cuir fios gu Microsoft aig an t-seòladh san earrann Mar a chuireas tu fios thugainn (https://privacy.microsoft.com/privacystatement#mainhowtocontactusmodule) no leis an fhoirm-lìn againn (https://go.microsoft.com/fwlink/?linkid=2126612).
An còd-giùlain
3. An còd-giùlain. ’S ann ort-sa a bhios uallach a thaobh do ghiùlan agus a thaobh na susbainte agad nuair a chleachdas tu na seirbheisean.
- a. Chan eil susbaint, stuth no gnìomh a bhriseas na teirmichean seo ceadaichte. Le bhith ag aontachadh ris na teirmichean seo, bidh tu ag aontachadh gum feum thu na riaghailtean a leanas a leantainn is tu a’ cleachdadh nan seirbheisean againn, a’ gabhail a-staigh seirbheisean AI a nì co-dhùnaidhean no gnìomhan, leotha fhèin no le ìre de dh’eadraiginn dhaonna:
- i. Na dèan rud sam bith mì-laghail is na feuch ri susbaint a chruthachadh no a cho-roinneadh a tha mì-laghail.
- ii. Na rach an sàs gnìomhachd sam bith a dhubh-shaothraicheas clann, a chuireas cron orra no a bhagras cron orra.
- iii. Na cuir spama, na gabh pàirt ann am fiasgach is na gin is na sgaoil bathar-bog droch-rùnach. Tha spama a’ ciallachadh àireamh mhòr de phuist-d, puist, iarrtasan conaltraidh, SMS (teachdaireachdan teacsa, grad-theachdaireachdan), grad-theachdaireachdan no conaltradh dealain d’ a leithid. Tha fiasgach a’ ciallachadh post-d no conaltradh dealain eile d’ a leithid airson iarraidh air na daoine a gheibh e, gu foilleil no gu mì-laghail, fiosrachadh pearsanta no dìomhair a leigeil ris, mar fhaclan-faire, là-breith, àireamhan an àrachais nàiseanta, àireamhan phasaichean, fiosrachadh chairtean-creideis, fiosrachadh ionmhasail no fiosrachadh dìomhair eile no airson greim fhaighinn air cunntasan no clàran, sgrìobhainnean no fiosrachadh dìomhair eile a tharraing às no airgead agus/no buannachdan ionmhasail. Tha bathar-bog droch-rùnach a’ gabhail a-staigh gnìomhachd sam bith a chaidh a dhealbhadh airson dochann teicnigeach a dhèanamh, can faidhlichean so-ghnìomhaichte a lìbhrigeadh, ionnsaighean Denial of Service a chur air dòigh no a bhith a’ stiùireadh frithealaichean Command and Control.
- iv. Na taisbean gu poblach agus na cleachd na seirbheisean gus susbaint no stuth eile mì-iomchaidh (a ghabhas a-steach lomnochd, ainmh-fheise, pòrnografachd, dorch-chainnt ainneart grafaigeach, fèin-leònadh no gnìomh eucorach, mar eisimpleir) a ghintinn no a cho-roinneadh.
- v. Na rach an sàs gnìomhachd sam bith a tha foilleil, cealgach no mealltach (can airgead iarraidh air daoine air dòigh chealgach, a’ leigeil ort gur e cuideigin eile a th’ annad, a’ cruthachadh cunntasan fuadain, gnìomhachd fhèin-obrachail neo-fhìor, a’ gintinn no a’ co-roinneadh susbaint a tha foilleil a dh’aona-ghnothaich, làimhseachadh nan seirbheisean gus cunntadh cluiche a mheudachadh no buaidh a thoirt air rangachaidhean no beachdan).
- vi. Na feuch ri gabhail thairis air cuingeachadh inntrigidh, cleachdaidh no faotainneachd sam bith dhe na seirbheisean (m.e. a’ feuchainn ris siostam AI “a shaoradh o phrìosan” no sgròbadh neo-cheadaichte).
- vii. Na rach an sàs gnìomhachd sam bith a nì cron ort fhèin, air an t-seirbheis no air daoine eile (can tar-chur bhìorasan, dlùth-leantainn, a’ feuchainn ri susbaint a ghintinn no a cho-roinneadh a nì sàrachadh, burraidheachd no maoidheadh air daoine eile, a’ postadh susbaint ceannaircich eastramaich, gràin-chainnt no a’ moladh ainneart an aghaidh dhaoine eile).
- viii. Na bris no bris a-steach air còraichean chàich (m.e. co-roinneadh gun chead de cheòl no susbaint eile fo chòir-lethbhreac, ath-reic no sgaoileadh eile de mhapaichean Bing no a bhith a’ togail dhealbhan no video/fuaim de dhaoine eile gun chead na aithnichearan/am fiosrachadh beò-meatrach aig cuideigin a phròiseasadh no a chùm adhbhair sam bith eile dhe na seirbheisean).
- ix. Na rach an sàs gnìomhachd a bhriseas a-steach air prìobhaideachd dhaoine eile.
- x. Na cuidich daoine eile a tha airson nan riaghailtean seo a bhriseadh.
- Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na poileasaidhean, modarataireachd, pròiseasan co-èigneachaidh agus na teirmichean aig seirbheisean sònraichte aig aka.ms/trustandsafety.
Cleachdadh nan seirbheisean is na taice
4. Cleachdadh nan seirbheisean is na taice.
- a. Cunntas Microsoft. Le mòran de na seirbheisean, bidh feum agad air cunntas Microsoft gus an inntrigeadh. Leigidh an cunntas Microsoft agad leat clàradh a-steach air bathar, làraichean-lìn agus seirbhisean a tha gan solar le Microsoft agus cuid a chom-pàirtichean aig Microsoft.
- i. Cruthachadh cunntais. ’S urrainn dhut cunntas Microsoft a chruthachadh le clàradh air loidhne. Aontaichidh tu nach cleachd thu fiosrachadh fallsa, ceàrr no mealltach nuair a chlàraicheas tu airson cunntas Microsoft. Ann an cuid a shuidheachaidhean, dh’fhaoidte gun do shònraich treas-phàrtaidh, can solaraiche seirbheis eadar-lìn, cunntas Microsoft dhut. Ma fhuair thu an cunntas Microsoft agad o threas-phàrtaidh, faodaidh gum bi còraichean a bharrachd aig an treas-phàrtaidh air a’ chunntas agad, mar eisimpleir an comas gus an cunntas Microsoft agad inntrigeadh no a sguabadh às. Thoir sùil air teirmichean a bharrachd sam bith a thug an treas-phàrtaidh dhut o nach ann air Microsoft a tha an t-uallach a thaobh nan teirmichean a bharrachd sin. Ma chruthaicheas tu cunntas Microsoft às leth eintiteis, can a’ ghnìomhachais no fhastaiche agad, bidh thu a’ cur an cèill gu bheil ùghdarras laghail agad gus toirt air an eintiteas seo gèilleadh ris na teirmichean seo. Chan urrainn dhut fiosrachadh a’ chunntais Microsoft Microsoft agad a ghluasad gu cleachdaiche no eintiteas eile. A-chùm dìon a’ chunntais agad, cùm fiosrachadh a’ chunntais agus am facal-faire agad dìomhair. ’S ann ortsa a bhios an t-uallach airson gach gnìomhachd a thachras fon chunntas Microsoft agad.
- ii. Cleachdadh a’ chunntais. Feumaidh tu an cunntas Microsoft agad a chleachdadh gus a chumail gnìomhach. Is ciall dha seo gum bi agad ri clàradh a-steach aon turas gach dà bhliadhna air a’ char as lugha gus an cunntas Microsoft agad agus na seirbheisean co-cheangailte (mur eil a chaochladh ga chur an cèill) ris a chumail gnìomhach ach ma tha eadar-ùine nas fhaide ga sholar ann am poileasaidh gnìomhachd cunntas Microsoft air https://go.microsoft.com/fwlink/p/?linkid=2086738 no ma thathar ga sholar am broinn tairgse airson pàirt air airgead nan seirbheisean no mar a dh’iarras an lagh. Mur an clàraich thu a-steach rè na h-ùine seo, tuigidh sinn dheth gu bheil an cunntas Microsoft agad neo-ghnìomhach agus dùinidh sinn e às do leth. Thoir sùil air Earrann 4.a.iv.2 airson na buile a thig an cois cunntais Microsoft dhùinte. Feumaidh tu clàradh a-steach dhan bhogsa a-steach Outlook.com agad agus dhan OneDrive agad (gach fear fa leth) aon turas gach bliadhna air a’ char as lugha air neo dùinidh sinn am bogsa a-steach Outlook.com agus an OneDrive agad às do leth. Ma bhios amharas reusanta againn gu bheil an cunntas Microsoft agad fo chunnart gun rachadh a chleachdadh le treas-phàrtaidh gu cealgach (can mar thoradh air briseadh a-steach air a’ chunntas), faodaidh Microsoft an cunntas agad a chur à rèim gus am faigh thu do shealbh air ais air. A-rèir dòigh a cho-rèiteachaidh, dh’fhaoidte gum bi againn ris an inntrigeadh air cuid dhen t-susbaint agad no air a h-uile gin dheth a chur à comas. Ma tha duilgheadas agad le inntrigeadh a’ chunntais Microsoft agad, tadhail air an làrach-lìn seo: https://go.microsoft.com/fwlink/?LinkId=238656.
- iii. Clann is cunntasan. Le bhith a’ cruthachadh cunntas Microsoft no le bhith a’ cleachdadh nan seirbheisean, bidh tu ag aontachadh gun gèill thu ris na teirmichean seo agus a’ cur an cèill gu bheil thu aig aois “inbheachd” far a bheil thu a’ fuireach no gu bheil do phàrant no neach-glèidhidh laghail ag aontachadh gun gèillear ris na teirmichean seo às do leth. Mur eil fhios agad a bheil thu nad inbheach far a bheil thu no mur eil thu a’ tuigsinn na h-earrainn seo, na cruthaich cunntas Microsoft mus d’fhuair thu cuideachadh o do phàrant no on neach-ghlèidhidh laghail agad. Mas e pàrant no neach-glèidhidh laghail aig mion-aoiseach a th’ annad, gabhaidh tu fhèin agus am mion-aoiseach gu bheil thu fo bhuaidh nan teirmichean seo agus is ann ort-sa a bhios uallach a thaobh sùil a chumail air cleachdadh a’ chunntais Microsoft no nan seirbheisean, a’ gabhail a-steach rudan a cheannaichear, co-dhiù a bheil cunntas a’ mhion-aoisich air fhosgladh mu thràth no ma thèid a chruthachadh às a dhèidh seo.
- iv. Dùnadh a’ chunntais agad.
- 1. A bharrachd air còir sam bith a bhios agad gus sgur dheth mar a tha ga mhìneachadh san earrann “Poileasaidh ath-dhìolaidh” gu h-ìosal (Earrann 9.g), ’s urrainn dhut crìoch a chur air seirbheis shònraichte no an cunntas Microsoft agad a dhùnadh uair sam bith agus air adhbhar sam bith. Gus an cunntas Microsoft agad a dhùnadh, tadhail air https://go.microsoft.com/fwlink/p/?linkid=618278. Nuair a dh’iarras tu oirnn an cunntas Microsoft agad a dhùnadh, ’s urrainn dhut cur romhad gun cuir thu ann an staid “à rèim” e fad 30 no 60 latha air eagal gun cuir thu a chaochladh romhad an uair sin. Às dèidh an 30 no 60 latha seo, thèid an cunntas Microsoft agad a dhùnadh. Faic Earrann 4.a.iv.2 gu h-ìosal airson mìneachadh air na thachras nuair thèid an cunntas Microsoft agad a dhùnadh. Ma chlàraicheas tu a-steach a-rithist fhad ’s a tha e na dhàil, thèid an cunntas Microsoft agad ath-ghnìomhachadh.
- 2. Ma thèid an cunntas Microsoft agad a dhùnadh (ge b’ e thusa no sinne a nì seo), tachraidh rud no dhà. Sa chiad dol a-mach, cha bhi còir agad na seirbheisean inntrigeadh leis a’ chunntas Microsoft agad tuilleadh. A bharrachd air sin, sguabaidh sinn às an dàta no susbaint agad a tha co-cheangailte ris a’ chunntas Microsoft agad no brisidh sinn an ceangal eadar an t-susbaint no dàta seo agus thu fhèin agus an cunntas Microsoft agad air dòigh eile (mur eil an lagh a’ toirt oirnn a chumail, a thilleadh no a thar-chur dhut-sa no do threas-phàrtaidh a dh’ainmicheas tusa). Mar thoradh air seo, dh’fhaoidte nach fhaigh thu cothrom air gin dhe na seirbheisean (no an t-susbaint agad a ghlèidh thu air na seirbheisean sin) a dh’iarras cunntas Microsoft tuilleadh. Bu chòir do phlana lethbhreacan-glèidhidh cunbhalach a bhith agad. Agus mu dheireadh thall, dh’fhaoidte gun caill thu inntrigeadh do bhathar a shealbhaich thu.
- b. Modarataireachd agus co-èigneachadh. Cleachdaidh mòran dhe na seirbheisean againn a bheir comas dhut eadar-ghabhail a dhèanamh, susbaint a chruthachadh, a ghintinn is a cho-roinneadh siostaman sàbhailteachd a dhìonas na seirbheisean againn agus luchd-cleachdaidh eile.
- i. Na poileasaidhean. Tha an còd-giùlain ag innse na tha toirmisgte ’s tu a’ cleachdadh nan seirbheisean againn. Chì thu na poileasaidhean againn a thaobh susbainte agus giùlain an-seo (https://www.microsoft.com/DigitalSafety/policies). Tha poileasaidhean agus stannardan coimhearsnachd a bharrachd aig seirbheisean sònraichte a bhios an luchd-cleachdaidh aca fo am buaidh agus chithear an-seo (https://aka.ms/trustandsafety) iad.
- ii. A’ dèanamh aithris air dragh. Ma tha dragh ort mu shusbaint no giùlan a tha a’ briseadh a’ chòd-ghiùlain againn ma dh’fhaoidte, is urrainn dhut aithris a dhèanamh air an-seo (https://aka.ms/reportconcerns).
- iii. Lèirmheas. Ma bhios sin iomchaidh, cleachdaidh sinn siostaman fèin-obrachail agus daoine air lèirmheas a dhèanamh ma bhios nòisean againn gu bheil susbaint ann a tha na spama, bhìoras, foill, fiasgach, bathar-bog droch-rùnach, briseadh prìosain no nàdar eile de shusbaint no giùlan mì-laghail no cronail.
- iv. Co-èigneachadh. Tha sinn a’ glèidheadh na còrach susbaint sam bith a dhiùltadh ma thèid i thar na crìochan stòrais no meud ceadaichte nam faidhle a tha ceadaichte airson na seirbheise. Dh’fhaoidte gum bac sinn susbaint no gun toir sinn air falbh e no gun diùlt sinn a thaisbeanadh ma tha coltas gu bheil e a’ briseadh a’ chòd-ghiùlain againn no poileasaidh aig seirbheis eile againn no far a bheil an lagh a’ sparradh oirnn sin a dhèanamh. Ma bhriseas tu na teirmichean seo no poileasaidhean (https://aka.ms/trustandsafety) aig seirbheis shònraichte, dh’fhaoidte gun laigh sinn peanas air a’ chunntas agad. B’ urrainn dhuinn inntrigeadh gu gleusan no seirbheisean àraidh a chuingeachadh, stad a chur air lìbhrigeadh nan seirbheisean, an cunntas Microsoft agad a dhùnadh sa bhad no lìbhrigeadh de phìos conaltraidh a bhacadh (can post-d, co-roinneadh faidhle no grad-theachdaireachd) o no gu na seirbheisean. Ma thèid stad a chur air d’ inntrigeadh do sheirbheis no dhan chunntas agad, dh’fhaoidte gun caill thu cead air ceadachasan susbainte, susbaint cho-cheangailte, ballrachdan is balans sa chunntas Microsoft agad a tha co-cheangailte ris a’ chunntas ri linn sin. Fad ’s a nì Microsoft lèirmheas air casaid briseadh nan teirmichean seo, tha sinn a’ glèidheadh na còrach gun toireamaid sùil air an t-susbaint gus a’ chùis fhuasgladh. Ge-tà, chan urrainn dhuinn sùil a chumail air na seirbheisean air fad agus cha dèan sinn fiù oidhirp sin a dhèanamh. Airson barrachd fiosrachaidh mu phròiseas na modarataireachd is a’ cho-èigneachaidh (https://www.microsoft.com/DigitalSafety/moderation-and-enforcement), teirmichean sònraichte aig seirbheisean àraidh, poileasaidhean is stiùireadh a bharrachd (https://www.microsoft.com/DigitalSafety/policies/additional-guidelines) agus ath-thagraidhean (https://www.microsoft.com/DigitalSafety/moderation-and-enforcement/appeals), faic https://aka.ms/trustandsafety. Gheibhear fiosrachadh mun phoileasaidh againn a thaobh tagraidhean gun deach briseadh a-steach air seilbheachd innleachdail sna Brathan.
- c. Cunntasan obrach no sgoile. ’S urrainn dhut clàradh a-steach gu cuid a sheirbheisean Microsoft le post-d sgoile no obrach. Ma nì thu seo, aontaichidh tu gum faigh sealbhadair na h-àrainn a tha co-cheangailte ris an t-seòladh phuist-d agad fiosrachadh gu bheil an cunntas Microsoft agad ’s na fo-sgrìobhaidhean co-cheangailte ris ann, gum bi smachd is comas stiùiridh aca air agus faodaidh gum bi cead aca air an dàta agad, a’ gabhail a-staigh susbaint a’ chonaltraidh agad is na faidhlichean agad agus gum faod Microsoft fios a chur gu sealbhadair na h-àrainn ma bhris cuideigin a-steach air a’ chunntas no air an dàta. Aontaichidh tu cuideachd gum bi do chleachdadh air seirbheisean Microsoft fo bhuaidh nan aontachaidhean a tha eadar Microsoft agus thu fhèin no am buidheann agad agus dh’fhaoidte nach bi na teirmichean seo an sàs. Ma tha cunntas Microsoft agad mu thràth agus ma chleachdas tu post-d sgoile no obrach fa leth gus seirbheisean inntrigeadh a tha fo chòmhdadh nan teirmichean seo, dh’fhaoidte gun tèid iarraidh ort gun ùraich thu an seòladh puist-d a tha co-cheangailte ris a’ chunntas Microsoft agad ach an cùm thu ag inntrigeadh nan seirbheisean sin.
- d. Uidheamachd a bharrachd/Planaichean dàta. Le cuid mhòr de na seirbheisean, bidh feum agad air ceangal dhan eadar-lìon agus/no plana dàta mobile gus an cleachdadh. Dh’fhaoidte gum bi thu feumach air uidheamachd a bharrachd cuideachd, can headset, camara no micreofon. ’S ann ortsa a bhios an t-uallach gus a h-uile ceangal, plana agus/no uidheamachd a sholar air a bhios feum airson na seirbheisean a chleachdadh agus ’s ann ortsa a bhios an t-uallach na tàillean a phàigheadh a tha gan iarraidh le solaraichean nan ceanglaichean is planaichean is na h-uidheamachd agad. ˈS e tàillean a bharrachd air na phàigheas tu dhuinne airson nan seirbheisean a bhios annta agus chan fhaigh thu ath-dhìoladh airson tàille sam bith den leithid. Faighnich dhen t-solaraiche/de na solaraichean agad gus faighinn a-mach a bheil tàillean mar sin ann a bhios agad ri pàigheadh.
- e. Brathan seirbheise. Nuair a bhios rud cudromach ann a dh’fheumas sinn dhut a thaobh seirbheise a chleachdas tu, cuiridh sinn brathan seirbheise agus am fiosrachadh a th’ againn ri sholar dhut a-rèir an lagha. Ma thug thu an seòladh puist-d no an àireamh fòn agad dhuinn airson a’ chunntais Microsoft agad, dh’fhaoidte gun cuir sinn brathan seirbheise thugad tro phuist-d no SMS (teachdaireachd teacsa), a’ gabhail a-steach dearbhadh cò thusa mus clàraich thu an àireamh fòn-làimhe agad leinn agus dearbhadh nan ceannachdan agad. Dh’fhaoidte gun cuir sinn brathan seirbheise dhut air dòighean eile cuideachd (can le teachdaireachdan am broinn bathair). Dh’fhaoidte gum bi agad ri tàillean dàta no theachdaireachdan a pàigheadh nuair a gheibh thu brathan slighe SMS. Mholamaid dhut gun cùm thu sùil air a’ phost-d a shònraich thu. Mur aontaich thu ris na brathan dealain seo, feumaidh tu sgur de chleachdadh nan seirbheisean.
- f. Taic. Tha taic ri fhaighinn airson cuid dhe na seirbheisean aig https://support.microsoft.com agus tha e fo bhuaidh nan teirmichean seo agus dh’fhaoidte gu bheil taic a bharrachd no fa leth aig cuid a sheirbheisean agus dh’fhaoidte gum bi iad fo bhuaidh theirmichean a bharrachd. Dh’fhaoidte nach bi taic ann mu choinneamh tionndaidhean ro-sheallaidh no beta de sheirbheisean no gleusan. Dh’fhaoidte nach bi taic ann mu choinneamh tionndaidhean ro-sheallaidh no beta de sheirbheisean no gleusan. Dh’fhaoidte gum bi an taic a gheibhear a’ crochadh air aois a’ bhathair agus feumaidh seirbheis ion-ròghnach, le ceadachas dligheach, a bhith agad a choileanas an ìre as lugha dhe na riatanasan mus fhaighear taic air an son a rèir cuairt-bheatha Microsoft (https://learn.microsoft.com/lifecycle/).
- g. A’ cur crìoch air na seirbheisean agad. Ma thèid crìoch a chur air na seirbheisean agad (ge be leinne no leat-sa), cha bhi còir inntrigidh agad tuilleadh air na seirbheisean agus thig crìoch sa bhad air a’ cheadachas airson a’ bhathair-bhog co-cheangailte ris na seirbheisean. A bharrachd air sin, sguabaidh sinn às an dàta no susbaint agad a tha co-cheangailte ris an t-seirbheis agad no brisidh sinn an ceangal eadar an t-susbaint no dàta seo agus thu fhèin agus an cunntas Microsoft agad air dòigh eile (mur eil an lagh a’ toirt oirnn a chumail, a thilleadh no a thar-chur dhut-sa no do threas-phàrtaidh a dh’ainmicheas tusa). Mar thoradh air seo, dh’fhaoidte nach fhaigh thu cothrom air gin dhe na seirbheisean (no an t-susbaint agad a ghlèidh thu air na seirbheisean sin) tuilleadh. Bu chòir do phlana lethbhreacan-glèidhidh cunbhalach a bhith agad. Agus mu dheireadh thall, dh’fhaoidte gun caill thu inntrigeadh do bhathar a shealbhaich thu. Ma chuir thu crìoch air a’ chunntas Microsoft agad is mur eil cunntas eile agad leis am faigh thu cothrom air na seirbheisean, dh’fhaoidte gun cuirear crìoch air na seirbheisean sa bhad.
Cleachdadh aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean
5. Cleachdadh aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean. Dh’fhaoidte gun leig na seirbheisean leat gun inntrig no gum faigh thu bathar, seirbheisean, làraichean-lìn, ceanglaichean, susbaint, stuth, geamannan, sgilean, amalaidhean, botaichean no aplacaidean o threas-phàrtaidhean neo-eisimeileach (seo companaidhean no daoine seach Microsoft) (“aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean“). Bheir mòran dhe na seirbheisean againn comas dhut aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean a lorg, iarrtasan a chur thuca no eadar-ghabhail a dhèanamh leotha agus dh’fhaodte gun toir iad cothrom dhut no gun spàrr iad ort an t-susbaint no an dàta agad a cho-roinneadh le aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean mar sin agus tha thu a’ tuigsinn gum bi thu ag iarraidh orra aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean a chur ri do làimh ma chleachdas tu na seirbheisean againne. Dh’fhaoidte gun leig aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean leat cuideachd no gun spàrr iad ort an t-susbaint no dàta agad a stòradh air foillsichear, solaraiche no gnìomharaiche na h-aplacaid no seirbheise aig an treas-phàrtaidh. Dh’fhaoidte gun toir aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean poileasaidh prìobhaideachd dhut no gun iarr iad gun gabh thu ris na teirmichean aca mus urrainn dhut an aplacaid no seirbheis treas-phàrtaidh a stàladh no a chleachdadh. Faic Earrann 13.b airson teirmichean a bharrachd a thaobh aplacaidean a fhuaras tro bhùthan àraidh a tha aig Microsoft no gan ruith le Microsoft no dlùth-chompanach aige (a’ gabh a-staigh, ach chan ann a-mhàin, am Microsoft Store, Microsoft Store air Xbox agus am Microsoft Store air Windows). Bu chòir dhut sùil a thoirt air teirmichean agus poileasaidhean prìobhaideachd nan treas-phàrtaidhean mus fhaigh, mus cleachd no mus iarr thu no aplacaid is seirbheis treas-phàrtaidh sam bith no mus ceangal thu an cunntas Microsoft agad riutha. Chan atharraich teirmichean aig treas-phàrtaidh sam bith na teirmichean seo. Cha toir Microsoft ceadachas airson sealbh inntleachdail sam bith dhuibh mar phàirt de dh’aplacaid no seirbheis treas-phàrtaidh sam bith. Aontaichidh tu gur ann ort-sa a bhios gach cunnart is fiachanais a dh’èireas o chleachdadh nan aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean sin agus nach ann air Microsoft a tha an t-uallach dhut-sa no do dhaoine eile a thaobh fiosrachaidh no seirbheisean a tha treas-phàrtaidh a’ solar.
Faotainneachd nan seirbheisean
6. Faotainneachd nan seirbheisean.
- a. Dh’fhaoidte nach bi na seirbheisean, seirbheisean is aplacaidean threas-phàrtaidhean no stuthan is batharan ri an tairgsinn slighe nan seirbheisean ri am faighinn o àm gu àm, dh’fhaoidte gu bheil iad gan tairgsinn le cuingeachadh no dh’fhaoidte gu bheil diofar eatorra a-rèir an uidheim no roinn-dùthcha agad no a-rèir buaidhean on taobh a-muigh, can an ceangal ris an eadar-lìon no ris an lìonra agad. Ma dh’atharraicheas tu an t-ionad a tha co-cheangailte ris a’ chunntas Microsoft agad, dh’fhaoidte gum bi agad ri bathar fhaighinn a-rithist a bha ri làimh dhut roimhe agus a phàigh thu air an son san roinn-dùthcha a bha agad roimhe.
- b. Nì sinn ar dìcheall gus na seirbheisean a’ cumail a’ dol; gidheadh, chan eil iad gan tairgsinn le ìre càileachd barantaichte na seirbheise agus faodaidh gun tuislich seirbheis-lìn sam bith o àm gu àm. Ma thachras gum bi na seirbheisean sìos no gu bheil iad briste, dh’fhaoidte nach tèid leat an t-susbaint agad fhaighinn fad greis. Mholamaid gun dèan thu lethbhreac-glèidhidh gu cunbhalach dhen t-susbaint is dàta agad a ghlèidheas tu air na seirbheisean no a ghlèidheas tu slighe aplacaidean no seirbheisean threas-phàrtaidhean.
Ùrachaidhean air na seirbheisean no a’ bhathar-bhog agus atharraichean air na teirmichean seo
7. Ùrachaidhean air na seirbheisean no a’ bhathar-bhog agus atharraichean air na teirmichean seo.
- a. Cuiridh sinn fios thugad ma chuir sinn romhainn na teirmichean seo atharrachadh. Faodaidh sinn na teirmichean seo atharrachadh ma bhios sin riatanach (i) fo lagh buailteach, a’ gabhail a-steach ach chan ann a-mhàin, atharrachadh lagha mar sin; (ii) a-rèir comhairle agus/no òrdugh a-rèir lagha buailtich; (iii) ri linn leasachadh nan seirbheisean; (iv) air sgàth adhbhair theicnigich; (v) air sgàth riatanasan an obrachaidh; no (vi) ri linn atharrachadh nan teirmichean a chùm buannachd a’ chleachdaiche. Bheir sinn fiosrachadh dhuibh mun atharrachadh a tha fa-near dhuinn mus tachair e, slighe eadar-aghaidh a’ chleachdaiche, air a’ phost-d no meadhan freagarrach eile. Bidh cothrom agaibh sgur de na seirbheisean 30 latha mus tachair an t-atharrachadh air a' char as lugha. Ma chleachdas sibh na seirbheisean às dèidh nan atharraichean a bhith an sàs, is ciall dha seo gun aontaich sibh ris na teirmichean ùra. Mur aontaich thu ris na teirmichean ùra, feumaidh tu sgur de chleachdadh nan seirbheisean agus an cunntas Microsoft agad a dhùnadh a-rèir Earrainn 4.a.iv. Tàirngidh sinn d’ aire dhan phuing seo cuideachd nuair a leigeas sinn fiosrachadh dhut mu atharrachadh nan teirmichean seo.
- b. Faodaidh sinn sùil a thoirt gu fèin-obrachail air tionndadh a’ bhathair-bhog agad air a bheil feum a chùm solar nan seirbheisean agus ùrachaidhean a’ bhathair-bhog a luchdadh a-nuas no an rèiteachadh atharrachadh gun a bhith ag iarraidh airgead ort a chùm ùrachadh, piseachadh agus leasachadh nan seirbheisean. Dh’fhaoidte cuideachd gun tèid toirt oirbh am bathar-bog ùrachadh mus urrainn dhuibh leantainn air adhart le cleachdadh nan seirbheisean. Bidh ùrachaidhean mar sin fo na teirmichean seo ach ma bhios teirmichean eile no feadhainn a bharrachd an cois nan ùrachaidhean agus ma tha, bidh na teirmichean eile sin an sàs. Ma dhiùltas sibh gabhail ris na teirmichean eile no a bharrachd a bhios an sàs air na h-ùrachaidhean sin, chan fhaod sibh na h-ùrachaidhean fhaighinn no a chleachdadh. Chan eil uallach aig Microsoft ùrachadh a chur ri làimh agus chan eil sinn a’ toirt barantas gun cuir sinn taic ris an tionndadh dhen t-siostam dhan a cheannaich thu bathar-bog, aplacaid, susbaint no bathar sam bith eile no a fhuair thu ceadachas air a shon. Dh’fhaoidte gun tèid ùrachaidhean fèin-obrachail no feadhainn a stàlaicheas tu de làimh a sholarachadh dhut nach eil riatanach a dhèanamh cinnteach gum bi na seirbheisean rèireach air sgàth nan adhbharan a tha gam mìneachadh san earrann seo. Ma ghabhas tu ris na teirmichean seo, bidh tu ag aontachadh ri solarachadh ùrachaidhean mar seo.
- c. Tha sinn a’ sìor-obrachadh a chùm piseach nan seirbheisean agus faodaidh gun atharraich sinn na seirbheisean no gun toir sinn air falbh feartan no nach solair sinn cothrom air aplacaidean no seirbheisean threas-phàrtaidhean tuilleadh air sgàth seo aig àm sam bith, a’ gabhail a-steach, ach gun chuingeachadh, mur urrainn dhuinn susbaint a chur ri làimh an cois aonta le treas-phàrtaidh, mur urrainn dhuinn a sholar tuilleadh, ma thèid an teicneolas a leasachadh no ma tha feum air atharrachadh ri linn beachdan nan custamairean. Bheir sinn fios ro làimh dhuibh ma tha fios nach faigh sibh cothrom air an t-susbaint agaibh tuilleadh ri linn atharrachadh air na seirbheisean. Mas e seirbheis air airgead a tha ann, cumaidh sinn fiosrachadh ribh ro làimh cuideachd ma tha atharrachadh seirbheise mòr eile fa-near dhuinn. Seach air an ìre a bhios seo riatanach fo lagha iomchaidh, chan eil sinn fo dhleastanas gun solair sinn luchdadh a-nuas a-rithist no gun ath-sholair sinn stuth sam bith, bathar digiteach (mar a tha ga mhìneachadh ann an Earrann 13.j) no aplacaidean a chaidh a cheannachd roimhe. Ma chuireas sinn crìoch air seirbheis phàighte, ath-dhìolaidh sinn suim an airgid pro-rata a-rèir na phàigh thu agus a-rèir an corr den t-seirbheis sin a bha air fhàgail dìreach mus do chuir sinn crìoch air.
- d. Airson ’s gun urrainn dhut stuth a tha fo dhìon Digital Rights Management (DRM) mar cuid a cheòl, geamannan, filmichean, leabhraichean is a bharrachd a chleachdadh, faodaidh bathar-bog DRM conaltradh ri frithealaiche chòraichean air loidhne gu fèin-obrachail agus ùrachaidhean air DRM a luchdadh a-nuas is a stàladh.
Cead a’ bhathair-bhog
8. Cead a’ bhathair-bhog. Ach ma thig aonta ceadachais Microsoft fa leth na chois (can ma tha thu a’ cleachdadh aplacaid Microsoft a thig còmhla ri Windows agus a tha na pàirt dheth, bidh bathar-bog mar sin fo bhuaidh teirmichean a’ chleachdaidh aig bathar-bog Microsoft airson an t-siostaim-obrachaidh Windows), bidh bathar-bog sam bith a chaidh a sholar dhut leinn mar phàirt de na seirbheisean fo bhuaidh nan teirmichean seo. Bidh aplacaid a fhuaras tro bhùthan àraidh aig Microsoft no gan ruith le Microsoft no companach aige (a’ gabhail a-staigh, ach chan ann a-mhàin, am Microsoft Store, am Microsoft Store air Windows agus am Microsoft Store air Xbox) fo bhuaidh Earrainn 13.b.i gu h-ìosal.
- a. Ma ghèilleas sibh ris na teirmichean seo, bheir sinn cead dhuibh aon lethbhreac den bhathar-bhog a stàladh is a chleachdadh air gach uidheam (air feadh an t-saoghail) a chum cleachdaidh le aon duine aig an aon àm mar phàirt den chleachdadh a nì sibh de na seirbheisean. Air cuid a dh’uidheaman, dh’fhaoidte gun deach bathar-bog dhen leithid a stàladh ro làimh a chum do chleachdaidh phearsanta, neo-choimeirsealta dhe na seirbheisean. Faodaidh còd o threas-phàrtaidhean a bhith am broinn a’ bhathair-bhog no làraich-lìn a tha na phàirt dhe na seirbheisean. Bidh sgriobt no còd treas-phàrtaidh sam bith air a bheil iomradh no ceangal on bhathar-bhog no làrach-lìn fo cheadachas on treas-phàrtaidh leis a bheil còd mar sin ’s chan ann o Microsoft. Tha brathan, ma tha gin ann, a thaobh a’ chòd seo le treas-phàrtaidhean ga ghabhail a-steach mar fhiosrachadh dhut a-mhàin.
- b. Tha am bathar-bog fo chead agus chan ann air a reic agus tha Microsoft a’ glèidheadh gach còrach air a’ bhathar-bhog nach eil gan toirt seachad gu follaiseach le Microsoft fo na teirmichean seo. Cha toir an cead seo còir sam bith dhut gus gin dhe rudan a leanas a dhèanamh is chan fhaod thu na leanas a dhèanamh gu mì-laghail:
- i. gleus dìona teicneolach sam bith am broinn no co-cheangailte ris a’ bhathar-bhog no na seirbheisean a sheachnadh.
- ii. bathar-bog no pàirt sam bith eile de na seirbheisean a tha am broinn no ri làimh tro na seirbheisean a dhì-thional, a dhì-thrusadh, a dhì-chrioptachadh, a hacadh, aithris, brath a ghabhail air no ais-innleachadh ach a-mhàin ma bhios agus air an ìre a cheadaicheas lagh còrach-lethbhreac freagarrach sin gu follaiseach;
- iii. diofar co-phàirtean a’ bhathair-bhog no nan seirbheisean a dhealachadh o chèile gus an cleachdadh air diofar innealan;
- iv. am bathar-bog no na seirbheisean fhoillseachadh, lethbhreac a dhèanamh dheth, a thoirt seachad air mhàl no lìos, às-phortadh, ion-phortadh; a sgaoileadh no a thoir air iasad ach ma thug Microsoft cead follaiseach dhut gus seo a dhèanamh;
- v. am bathar-bog, gin de cheadachas bathair-bhog no còraichean inntrigidh no cleachdaidh air na seirbheisean a thar-aiseag;
- vi. na seirbheisean a chleachdadh air dòigh sam bith a tha gun ùghdarras a dh’fhaodadh briseadh a-steach air a chleachdadh le duine eile no cothrom fhaighinn air seirbheis, dàta, cunntas no lìonra sam bith.
- vii. inntrigeadh do na seirbheisean a dhèanamh comasach no uidheam sam bith a chaidh ùghdarrachadh le Microsoft atharrachadh (can consoilean Xbox, Microsoft Surface is msaa.) le aplacaidean threas-phàrtaidhean gun ùghdarrachadh.
Teirmichean pàighidh
9. Teirmichean pàighidh. Ma cheannaicheas tu seirbheis, bidh na teirmichean pàighidh seo an sàs air a’ cheannachd agad agus aontaichidh tu riutha.
- a. Tàillean. Ma tha tàille ri linn cuid de na seirbheisean, tha thu ag aontachadh gum pàigh thu an tàille ud. Mur innsear an caochladh, gabhaidh a’ phrìs a chithear airson seirbheis a-steach gach cìs airgid a bhios iomchaidh. ’S ann ort-sa a-mhàin a bhios gach uallach gun tèid cìsean no tàillean eile den leithid a phàigheadh. Thèid cìsean rìomhaireachd stèidhichte air an t-ionad far an do clàraich thu an cunntas Microsoft agad ach mur innsear an caochladh. Nuair a bhios sinn air fios a leigeil dhut nach d’fhuair sinn pàigheadh slàn ’s ri ùine uat, faodaidh sinn na seirbheisean a chur à rèim no gu crìoch mura pàigh thu gu slàn am broinn na h-ùine iomchaidh. Ma thèid na seirbheisean agad a chur à rèim no a chrìochnachadh air sgàth ’s nach do phàigh thu, faodaidh gun caill thu cothrom is cleachdadh air a’ chunntas Microsoft agad agus a shusbaint. Ma nì thu ceangal dhan eadar-lìon slighe lìonraidh chorporra no phrìobhaidich eile a dh’fhalaicheas far a bheil thu, dh’fhaoidte gum bi na tàillean airson an dearbh ionaid agad diofraichte on fheadhainn a thèid a shealltainn dhut. A-rèir càit a bheil thu, dh’fhaoidte gum feumar airgead cèin a mhalairt ri linn cuid a thar-chuir no an làimhseachadh ann an dùthaich eile. Dh’fhaoidte gun iarr am banca agad barrachd thàillean ort airson nan seirbheisean ud ma chleachdas tu cairt-chreideis no cairt-fhiachan. Bruidhnibh ris a’ bhanca agaibh airson barrachd fiosrachaidh.
- b. An cunntas bileachaidh agad. Gus na tàillean airson seirbheis a phàigheadh, iarraidh sinn ort dòigh pàighidh a thoirt dhuinn nuair a chlàraicheas tu airson na seirbheise ud. Airson a h-uile seirbheis seach Skype, ’s urrainn dhut am fiosrachadh bileachaidh agus an dòigh pàighidh agad inntrigeadh agus atharrachadh air làrach-lìn stiùireadh nan cunntasan Microsoft (https://go.microsoft.com/fwlink/p/?linkid=618281) agus airson bathar-bog is batharan Skype nuair a nì thu clàradh a-steach air portal a’ chunntais agad air https://skype.com/go/myaccount. A bharrachd air sin, tha thu a’ toirt cead dha Microsoft fiosrachadh cunntais ùraichte a chleachdadh a thaobh nan dòighean pàighidh a thagh thu ’s a tha gan solar leis a’ bhanca no an lìonra pàighidh iomchaidh. Tha thu ag aontachadh gun ùraich thu an cunntas agus am fiosrachadh eile agad sa bhad, a’ gabhail a-steach an t-seòlaidh puist-d is na dòighean pàighidh agad ach an urrainn dhuinn na tar-chuir agad a choileanadh agus fios a chur thugad nuair a bhios feum air seo ri linn nan tar-chur agad. Ma dh’iarras tu oirnn sgur dhen dòigh phàighidh agad is mur an toir thu dhuinn dòigh pàighidh eile ’s sinne air iarraidh ort sin a dhèanamh, faodaidh sinn crìoch a chur air an t-seirbheis phàighte agad no a chur à rèim air deagh adhbhar am broinn ùine iomchaidh. Cha bhi buaidh aig atharrachaidhean air a’ chunntas bileachaidh agad air na tàillean a chuireas sinn dhan chunntas bhileachaidh agad mus robh cothrom reusanta againn atharrachadh mar sin a chur an sàs sa chunntas bhileachaidh agad.
- c. Bileachadh. Ma bheir thu dòigh pàighidh dha Microsoft, (i) cuiridh tu an cèill gu bheil cead agad gus an dòigh pàighidh sin a chleachdadh agus gu bheil dàta pàighidh sam bith a sholaireas tu fìor is ceart; (ii) bheir thu cead dha Microsoft pàigheadh iarraidh ort airson nan seirbheisean no na susbainte ri faighinn slighe na dòighe pàighidh agad; agus (iii) bheir thu cead dha Microsoft pàigheadh iarraidh ort airson gleus sam bith nan seirbheisean a tha ri phàigheadh ma chuireas tu romhad clàradh no a chleachdadh fhad ’s a tha na teirmichean seo an sàs. Mar a tha ga mhìneachadh, faodaidh sinn airgead iarraidh oirbh (a) ro làimh; (b) aig àm a cheannachd; (c) beagan as dèidh na ceannachd no (d) air dòigh ath-chùrsach airson seirbheisean fo-sgrìobhaidh. Cuideachd, faodaidh sinn pàigheadh iarraidh ort suas dhan t-suim a dh’aontaich thu rithe agus leigidh sinn fios dhut ro làimh ma dh’atharraicheas an t-suim airgid a thèid iarraidh ort airson sheirbheisean fo-sgrìobhaidh ath-chùrsach agus ma thàinig atharrachadh air a’ phrìs mar a mhìnicheas sinn ann an earrann 9.j gu h-ìosal. Faodaidh gun iarr sinn pàigheadh ort airson barrachd air aonan dhe na h-ùineachan pàighidh roimhe is làithreach agad aig an aon àm.
- d. Pàigheadh ath-chùrsach. Nuair a cheannaicheas tu na seirbheisean stèidhichte air fo-sgrìobhadh (can gach mìos, gach trì mìosan no gach bliadhna), aontaichidh tu gun ùghdarraich thu pàigheadh ath-chùrsach agus gun tèid pàigheadh a dhèanamh gu Microsoft air an dòigh is air na h-eadaramhan ath-chùrsach a dh’aontaich thu riutha gus an tèid crìoch a chur air an t-seirbheis leat fhèin no le Microsoft. Feumaidh tu crìoch a chur air na seirbheisean agad ron ath-latha bhileachaidh ach nach iarr sinn airgead ort tuilleadh airson leantainn air adhart leis na seirbheisean agad. Innsidh sinn dhut mar as urrainn dhut crìoch a chur air na seirbheisean. ’S urrainn dhut pàigheadh ath-chùrsach airson seirbheisean àraidh a stiùireadh sa chunntas Microsoft agad (https://account.microsoft.com/services). Le ùghdarrachadh pàighidhean ath-chùrsach, ùghdarraichidh tu gun cùm Microsoft an t-inneal pàighidh agad, gun dèan e pròiseasadh air na pàighidhean sin nan debits dealain no tar-chur maoin no tarraingean-banca dealain on chunntas a shònraich thu (airson pàigheadh le Automated Clearing House no pàigheadh coltach ris) no nan tàillean air a’ chunntas a shònraich thu (airson chairtean-creideis no pàigheadh coltach ris) (“pàigheadh dealain” còmhla). Thèid tàillean fo-sgrìobhadh a iarraidh ort ro làimh airson an eadaramh fo-sgrìobhaidh iomchaidh. Ma thèid pàigheadh sam bith a thilleadh gun phàigheadh no ma thèid cairt-chreideis no tar-chur coltach ris a dhiùltadh, tha Microsoft agus na solaraichean seirbheise aige a’ glèidheadh na còrach gun cruinnich iad tàille iomchaidh sam bith airson an nì air a thilleadh no air a dhiùltadh no airson gainnead maoin agus gun dèan iad pròiseasadh air gach pàigheadh dhen leithid mar phàigheadh leatronaigeach.
- e. Aithris-cunntas air loidhne is mearachdan. Airson a h-uile seirbheis seach Skype, cuiridh Microsoft cunntas bileachaidh air loidhne ri do làimh air làrach-lìn stiùireadh nan cunntasan Microsoft (https://go.microsoft.com/fwlink/p/?linkid=618284) far an urrainn dhut an aithris-chunntais agad a shealltainn is clò-bhualadh. Tha agad ri sùil a thoirt air an aithris-chunntais air loidhne gu cunbhalach, turas gach mìos air a’ char as lugha. Airson Skype, gheibh thu cothrom air an aithris-chunntais air loidhne agad le bhith a’ clàradh a-steach dhan chunntas agad air www.skype.com (https://www.skype.com). Cha toir sinn seachad cunntasan bileachaidh ach dhen t-seòrsa seo. Dh’fhaoidte gum faigh sibh fàirdeal le VAT a-rèir na seirbheise ’s na dùthcha. Ma nì sinn mearachd air a’ chunntas agad, cuiridh sinn ceart seo cho luath ’s a leigeas tu fios dhuinn (na a mhothaich sinn oirre) mu dheidhinn agus sgrùdaidh sinn a’ mhearachd. Mholamaid gun innis thu dhuinn am broinn 120 latha as dèidh do mhearachd fhollaiseach a nochdadh air a’ bhile agad a’ chiad turas on a bhios e nas fhasa dhuinn a’ chùis fhuasgladh rè an ama sin. ’S urrainn dhut na h-iarrtasan agad a thaobh nan adhbharan seo a chur gu seirbheis taic nan custamairean mar a tha ga mhìneachadh san Earrann 4.e.
- f. Poileasaidh ath-dhìolaidh. Tha còir agad air ùine cuir gu neoini (“ùine cnuasachaidh“) de cheithir làithean deug (14) on latha a rinn thu a’ ceannachd, adhbhar ann no às. Ma chaidh cuid dhen t-seirbheis a lìbhrigeadh mar-thà aig an àm a chuireas tu gu neoini e, gheibh thu ath-dhìoladh a-rèir sin. Tha thu ag aideachadh gun tig an ùine cnuasachaidh gu crìch nuair a bhios an t-seirbheis air a lìbhrigeadh dhut gu slàn agus nach ghabh a’ cheannachd agad ath-dhìoladh an uair sin. Nuair a cheannaicheas tu susbaint dhigiteach uainn, cha bhi còir sguir dheth agad tuilleadh turas a thòisicheas tu air an luchdadh a-nuas. Mura deach an caochladh innse le lagh no tairgse seirbheise shònraichte, bidh gach ceannachd deireannach gus cha ghabh a h-ath-dhìoladh. Airson gach seirbheis seach Skype, gheibh thu fiosrachadh agus stiùireadh air mar a chuireas tu crìoch air seirbheis agus, ma tha thu airidh air ath-dhìoladh, mar a dh’iarras tu ath-dhìoladh leis an fhoirm tarraing às againn air làrach-lìn stiùireadh nan cunntasan Microsoft (https://go.microsoft.com/fwlink/p/?linkid=618284). Airson Skype, lìon an fhoirm tarraing às againn leis an fiosrachadh a tha ga thoirt seachad an-seo (https://go.microsoft.com/fwlink/p/?linkid=618286). Ma tha thu dhen bheachd gun do dh’iarr Microsoft airgead ort air mhearachd, feumaidh tu fios a chur gu Microsoft agus nì sinn sgrùdadh air. Ma bheir sinn ath-dhìoladh no creideis seachad, chan eil sinn fo dhleastanas gun toir sinn seachad an t-aon ath-dhìoladh no ath-dhìoladh coltas ris san àm ri teachd. Chan eil buaidh aig a’ phoileasaidh ath-dhìolaidh againn air còir sam bith fo lagh iomchaidh. Airson barrachd fiosrachaidh air mar a gheibh thu ath-dhìoladh, thoir sùil air a’ chobhair (https://go.microsoft.com/fwlink/p/?linkid=618283).
- g. Crìochnachadh nan seirbheisean. Faodaidh tu crìoch a chur air na seirbheisean air duilleag stiùireadh nan seirbheisean is fo-sgrìobhaidhean sa chunntas Microsoft (https://account.microsoft.com/) agad no cuir fios gu seirbheis nan custamairean airson sin mar a tha ga mhìneachadh gu h-àrd san Earrann 4.e. Nuair a chuireas tu crìoch air seirbheis, cha tèid airgead iarraidh ort san àm ri teachd airson leantainn air adhart leis an t-seirbheis. Bu chòir dhut sùil a thoirt air tuairisgeul na tairgse oir (i) faodaidh nach fhaigh thu ath-dhìoladh aig àm an sguir dheth; (ii) faodaidh gum feum thu tàille crìochnachaidh a phàigheadh; (iii) faodaidh gum feum thu gach tàille a phàigheadh a chaidh iarraidh air a’ chunntas bhileachaidh agad airson nan seirbheisean ro cheann-latha an sguir; agus (iv) faodaidh gun caill thu cothrom is cleachdadh air a’ chunntas agad nuair a sguireas tu dhe na seirbheisean. Làimhsichidh sinn an dàta agad mar a mhìnich sinn gu h-àrd ann an Earrann 4. Ma sguireas tu, thig na seirbheisean agad gu crìch aig deireadh ùine làithreach na seirbheise no, ma tha sinn ag iarraidh ort pàigheadh cunbhalach, aig deireadh na h-ùine anns an do sguir thu dhiubh. Ma thòisicheas tu air chargeback no tilleadh do phàighidh air na seirbheisean leis a’ bhanca agad, saoilidh sinn gun do sguir thu dheth air a’ cheann-là a chaidh am pàigheadh a dhèanamh o thùs agus bheir thu ùghdarrachadh dhuinn gun cuir sinn crìoch air an t-seirbheis agad sa bhad agus/no gun cùl-ghairm sinn susbaint sam bith a chaidh a sholar dhut na iomlaid air do phàigheadh.
- h. Tairgsean le ùine triail. Ma tha thu a’ gabhail pàirt ann an tairgse le ùine triail, dh’fhaoidte gun cuir sinn an dleastanas ort gun cuir thu crìoch air na seirbheisean aig deireadh na h-ùine a chaidh innse dhut nuair an do ghabh thu ris an tairgse gus tàillean ùra a sheachnadh airson leantainn air adhart leis na seirbheisean thar crìoch ùine an triail. Airson tairgsean le ùine triail, dh’fhaoidte gum feum thu an t-ath-nuadhachadh fèin-obrachail a chur air an toiseach.
- i. Tairgsean brosnachaidh. O àm gu àm, dh’fhaoidte gun tairg Microsoft seirbheisean dhut air triail agus chan iarr Microsoft airgead ort airson triail mar sin. Tha Microsoft a’ glèidheadh na còrach gus airgead iarradh ort airson sheirbheisean dhen leithid (air a’ phrìs àbhaisteach) ma bhriseas tu teirmichean is cumhaichean na tairgse.
- j. Atharrachadh phrìsean. Ma bhios ùine shocraichte is prìs shònraichte co-cheangailte ri tairgse na seirbheise agad, mairidh a’ phrìs sin rè ùine na tairgse. Bi agad ri aontachadh ri tairgse is prìs ùr ma bhios tu airson na seirbheisean a chumail a’ dol. Mas e seirbheisean ath-chùrsach (mar eisimpleir mìosail) a tha agad ach gun fhaid shònraichte agus mur e triail a tha ann, dh’fhaoidte gun atharraich sinn prìsean nan seirbheisean ma chuireas sinn gleusan ùra no leasaichte ris, ma chaidh cosgaisean solarachadh na seirbheise an àirde no ma thàinig atharrachadh air a’ mhargaid (mar eisimpleir, cosgaisean luchd-obrach, èirigh no tuiteam airgid, atharraichean chìsean/conn-riaghlaidh, atmhorachd, tàillean cheadachasan, bun-structar is cosgaisean rianachd). Cuiridh sinn fios thugad co-dhiù 30 latha mus tèid a’ phrìs atharrachadh air a’ char as lugha. Bidh còir agad crìoch a chur air na seirbheisean mus atharraich a’ phrìs a-rèir Earrann 9.g gu h-àrd. Nuair a leigeas sinn fios dhut mu atharrachadh prìse, leigidh sinn fios dhut cuideachd carson agus dè an t-àrdachadh agus cuiridh sinn nad chuimhne mar a chuireas tu crìoch orra. A-rèir càit a bheil thu, dh’fhaoidte gun iarr sinn ort aonta follaiseach a nochdadh a thaobh an atharrachaidh agus, mur am faigh sinn aonta mar sin, crìoch a chur air na seirbheisean aig deireadh na h-ùine bileachaidh a th’ ann no an dèidh ceann-là èifeachd na prìse ùr. Ann an suidheachadh sam bith eile, leigidh sinn fios gun iarraidh sinn a’ phrìs ùr ort mur an cuir thu na seirbheisean gu neoini agus innsidh sinn dhut as ùr mar a chuireas tu na seirbheisean gu neoini.
- k. Pàigheadh dhut-sa. Ma tha airgead agad oirnn, tha thu ag aontachadh gun toir thu dhuinn am fiosrachadh ceart ri tìde a dh’fheumas sinn gus do phàigheadh. ’S ann ort-sa a tha uallach a thaobh chìsean is thàillean a dh’fhaodadh èiridh ri linn na phàigheas sinn dhut. Feumaidh tu gèilleadh ri cumhaichean sam bith eile a chuireas sinn ort a thaobh còir air pàigheadh sam bith. Ma gheibh thu airgead uainn air mhearachd, faodaidh gun neo-dhèan sinn seo no gun iarr sinn ort an t-airgead a thilleadh. Tha thu ag aontachadh gun cuidich thu sinn gus seo a dhèanamh. Faodaidh sinn am pàigheadh dhut a lùghdachadh cuideachd gun rabhadh gus pàigheadh anabarrach roimhpe a rèiteachadh.
- l. Pàigheadh fadalach. Ma bhios tu fadalach a’ pàigheadh, feumaidh tu pàigheadh airson cosgaisean reusanta a dh’èireas dhuinn ma bhios againn ri suimean a bha ri phàigheadh ach nach deach am pàigheadh a chruinneachadh, a’ gabhail a-steach cosgaisean luchd-lagha agus cosgaisean laghail eile, a-rèir an lagha agus nan conn-riaghailtean. Faodaidh sinn na seirbheisean agad a chur à rèim no crìoch a chur orra mur am pàigh thu an t-iomlan as dèidh dhuinn seo a’ cur nad chuimhne – a’ bagradh cur à rèim agus/no crìochnachadh nan seirbheisean – gu bheil agad ri pàigheadh am broinn na h-ùine iomchaidh. ‘S urrainn dhut cur à rèim no crìochnachadh a sheachnadh is tu a’ pàigheadh am broinn na h-ùine iomchaidh a shònraich sinn nuair a chuir sinn nad chuimhne e. Bidh modh-obrach eile an sàs mas e suim fìor bheag a bhios a dhìth. Thathar a’ coimhead air suimean a bhios nas lugha na 2 sa cheudad de shuim iomlan an fhàirdeil mar shuimean fìor bheag an-còmhnaidh. Ma thèid na seirbheisean agad a chur à rèim no a chrìochnachadh air sgàth ’s nach do phàigh thu, faodaidh gun caill thu cothrom air a’ chunntas Microsoft agad.
- m. Cairtean prèasaint. Tha cur gu feum is cleachdadh chairtean prèasaint (seach cairtean prèasaint Skype) fo bhuaidh Teirmichean is cumhaichean cairtean prèasaint Microsoft (https://support.microsoft.com/help/10562/microsoft-account-gift-card-terms-and-conditions). Gheibh thu fiosrachadh air cairtean prèasaint Skype air duilleag na cobharach aig Skype (https://go.microsoft.com/fwlink/?LinkId=615383).
- n. Dòigh pàighidh le cunntas banca. Faodaidh tu cunntas banca iomchaidh a chlàradh leis a’ chunntas Microsoft agad gus a chleachdadh mar dhòigh pàighidh. Gabhaidh cunntasan banca iomchaidh a-steach feadhainn a tha gan glèidheadh le buidheann ionmhasail aig a bheil comas gus innteartan direct debit fhaighinn (can buidheann ionmhasail stèidhichte sna Stàitean aonaichte a chuireas taic ri innteartan automated clearing house (“ACH”), buidheann ionmhasail Eòrpach a chuireas taic ri Single Euro Payments Area (“SEPA”) no “iDEAL” sna Tìrean Ìsle). Bidh na teirmichean an sàs cuideachd ris an do dh’aontaich thu nuair a chuir thu an cunntas banca agad ris mar dhòigh pàighidh sa chunntas Microsoft agad (can a’ cheadachadh no “mandate” mas e SEPA a th’ ann) Tha thu a’ cur an cèill ’s a’ barantachadh gu bheil an cunntas banca clàraichte agad ga ghlèidheadh fo d’ ainm-sa no gu bheil ùghdarrachadh agad gus an cunntas banca seo a chlàradh agus a chleachdadh mar dòigh pàighidh. Nuair a chlàraicheas no thaghas tu an cunntas banca agad mar an dòigh pàighidh agad, bheir thu ùghdarrachadh dha Microsoft (no dhan àidseant againn) gus debit no iomadh debit a thòiseachadh airson an t-suim iomlan aig tàille na ceannachd no an fho-sgrìobhaidh agad (a-rèir teirmichean na seirbheise fo-sgrìobhaidh agad) on chunntas banca agad (agus ma bhios feum air, tòiseachadh air creideas no iomadh creideas dhan chunntas banca agad gus mearachdan a chàradh, ath-dhìoladh a thoirt dhut no adhbhar coltas ris) agus bheir thu ùghdarrachadh dhan bhuidheann ionmhasail a tha a’ glèidheadh a’ chunntais banca agad gus debits dhen leithid a thoirt air falbh no gabhail ri creideasan dhen leithid. Tha thu a’ tuigsinn gum mair an t-ùghdarrachadh seo gus an toir thu air falbh fiosrachadh a’ chunntais banca agad on chunntas Microsoft agad. Cuir fios gu sgioba-taice nan custamairean cho luath ’s a ghabhas mar a tha ga mhìneachadh gu h-àrd san Earrann 4.e ma tha thu dhen bheachd gun deach airgead iarraidh ort le mearachd. Dh’fhaoidte gun cuingich laghan a bhios an sàs san dùthaich agad d’ fhiachanas air tar-cuir foilleil, le mearachd no gun ùghdarrachadh on chunntas banca agad. Ma chlàraicheas tu no ma thaghas tu cunntas banca mar an dòigh pàighidh agad, bidh thu ag aideachadh gun do leugh, gun do thuig agus gun do dh’aontaich thu ris na teirmichean seo.
Buidheann a’ Chumhnaint, Taghadh Lagha agus Ionad gus Connsachaidhean Fhuasgladh
10. Buidheann a’ Chumhnaint, Taghadh Lagha agus Ionad gus Connsachaidhean Fhuasgladh. Ma tha thu a’ fuireach (no mas e gnìomhachas a tha annad, prìomh-ionad a’ ghnìomhachais) san Aonadh Eòrpach, san Eilbheis, ann an Innis Tìle, Lichtenstein, Nirribhidh no san Rìoghachd Aonaichte agus ma tha thu a’ cleachdadh seirbheisean an-asgaidh no pàighte, a’ cùmhnantadh le Microsoft Ireland Operations, One Microsoft Place, Páirc Gnó Dheisceart an Chontae, Baile na Lobhar, Baile Àtha Cliath 18, Èirinn (clàraichte aig Oifig um Chlárú Cuideachtaí ann an Èirinn fon àireamh 256796, àireamh clàrachaidh VAT: IE 8256796 U, le seòladh clàraichte aig 70 Cé Sir John Rogerson, Baile Àtha Cliath 2, Èirinn). Tha gach tagradh a thaobh nan seirbheisean a tha saor an-asgaidh fo laghan na h-Èireann ach bidh thu fhathast fo dhìon laghan luchd-cleachdaidh na dùthcha don cur sinn na seirbheisean agad agus far a bheil thu a’ fuireach gu h-àbhaisteach (no, mas e gnìomhachas a tha annad, far a bheil prìomh-ionad do ghnìomhachais). A thaobh uachdranais laghail, aontaichidh thu fhèin is Microsoft gun tèid cùirtean na dùthcha a thaghadh don cur sinn na seirbheisean agad agus far a bheil thu a’ fuireach gu h-àbhaisteach (no mas e gnìomhachas a tha annad, far a bheil na prìomh-oifisean agad) airson gach connspaid a dh’èireas ri linn nan teirmichean seo air neo, faodaidh tu a’ chùirt iomchaidh ann an Èirinn a thaghadh.
Barantasan
11. Barantasan. Ma tha sibh nur neach-caitheimh, bidh còirichean sònraichte agaibh fon lagh. Gabhaidh na còirichean seo a-steach gu bheil Microsoft fo dhleastanas na seirbheisean a sholar le cùram is sgil reusanta. Chan eil nì sam bith sna teirmichean seo ag amas air an fhiachanas againn a thaobh briseadh sam bith le Microsoft a chuingeachadh no às-dùnadh agus gheibh thu buannachd a’ bharantais laghail a thaobh co-ghèilleachd is uireasbhaidhean falaichte fo lagh na dùthcha far a bheil sinn a’ stiùireadh nan seirbheisean agad. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu na chòraichean reachdail agad an-seo (https://www.microsoft.com/en-gb/store/b/aboutwarranties). MUR E BATHAR SKYPE AIR AIRGEAD A TH’ ANN AGUS FO BHUAIDH A’ BHARANTAIS GU h-ÀRD, THA SINN A’ TOIRT SEACHAD NAN SEIRBHEISEAN “MAR A THA IAD”, LE GACH LOCHD ANN” AGUS “MAR A THA IAD RI LÀIMH” ACH A-MHÀIN MUR AM B’ URRAINN DO DHAOINE NA SEIRBHEISEAN A CHLEACHDADH RI LINN LOCHDAN FALAICHTE DROCH-RÙNACH. CHAN EIL SINN A’ TOIRT BARANTAS GU BHEIL NA SEIRBHEISEAN CEART NO RI TÌDE. THA SIBH AG AIDEACHADH AGUS AG AONTACHADH NACH BI COIMPIUTAIREAN IS SIOSTAMAN CIAN-CHONALTRAIDH GUN LOCHD AGUS GUN TUISLICH RUDAN O ÀM GU ÀM. CHAN URRAINN DHUINN BARANTAS A THOIRT NACH BRIS DAD A-STEACH AIR NA SEIRBHEISEAN, GUM BI IAD RI TÌDE, SÀBHAILTE NO GUN MHEARACHDAN. CHAN EIL SINNE NO NA BUILL CHLEAMHNAICH, ATH-REICEADAIREAN, SGAOILEADAIREAN NO REICEADAIREAN AGAINN A’ TOIRT BARANTASAN NO CUMHAICHEAN CÙMHNAINT. THA GACH BARANTAS RIATANACH AGAIBH MAR A DH’IARRAS AN LAGH ACH CHAN EIL SINNE A’ TOIRT BARANTASAN A BHARRACHD. THA SINN A’ DÙNADH A-MACH BARANTAS RIATANACH FILLTE SAM BITH, A’ GABHAIL A-STEACH FEADHAINN A THAOBH SO-MHARSANTACHD, ION-FHREAGARRACHD A CHUM AMAIS SHÒNRAICHTE, EUCHDAN EÒLAICHEAN AGUS NEO-BHRISEADH A-STEACH AIR AN ÌRE AS MOTHA A THA CEADAICHTE FO LAGH IOMCHAIDH.
Crìochan fiachanais
12. Crìochan fiachanais.
- a. Cha bhi fiachanais air Microsoft airson na susbaint no stuthan agaibh no stuthan treas-phàrtaidhean sam bith eile, a’ gabhail a-steach ceanglaichean gu làraichean-lìn aig treas-phàrtaidhean agus gnìomhan a tha an luchd-cleachdaidh a’ solar. Chan urrainnear susbaint no gnìomhan mar sin a chur as leth Microsoft agus chan eil iad a’ riochdachadh beachdan Microsoft.
- b. Cha bhi fiachanais air Microsoft ach ma chaidh uallaichean cudromach an aonta a bhriseadh no ma tha lagh iomchaidh a’ sparradh sin oirnn.
- c. Cha bhi Microsoft, na h-àidseantan ionadaich aige agus/no an luchd-ionaid laghail aige buailteach do chron neo-dhìreach sam bith, a’ gabhail a-steach call ionmhais mar chall prothaid, ach ma bha Microsoft, na h-àidseantan ionadaich aige agus/no an luchd-ionaid laghail aige ri mòr-dhearmad no droch-ghiùlan a dh’aona-ghnothach.
- d. Cha bhi buaidh aig crìochan an fhiachanais air fiachanas achdail gun-lochd aig Microsoft, a’ gabhail a-steach fiachanas fo achd fiachanas a thaobh briseadh barantais. Bidh an dearbh rud fìor mu fhiachanas Microsoft, nan àidseantan ionadaich aige agus/no an luchd-ionaid laghail aige ma bha iad ri foill no dearmad a dh’adhbharaich leòn pearsanta no bàs.
- e. Chan eil uallach no fiachanais air Microsoft ma dh’fhàillig leis a dhleastanasan fo na teirmichean seo a choileanadh no mura deach an coileanadh ach le dàil ma chaidh am fàilligeadh no an dàil adhbharachadh le suidheachadh nach eil fo smachd reusanta Microsoft (a leithid chòmhstrithean obrach, ghnìomhan Dhè, cogaidh no ghnìomhan ceannairceach, dochainn dhroch-rùnaich, thubaistean no gèillidh ri lagh iomchaidh no òrdugh riaghaltais sam bith). Nì Microsoft a dhìcheall gus na buaidhean aig gin dhe na tachartasan sin a lùghdachadh agus na dleastanasan a choileanadh nach eil fo am buaidh.
Teirmichean a-rèir seirbheise
13. Teirmichean a-rèir seirbheise. Bidh na teirmichean ro agus às dèidh earrann 13 an sàs air a h-uile seirbheis. Tha teirmichean fa leth airson sheirbheisean sònraichte am broinn na h-earrainn seo a tha gan cur ris na teirmichean coitcheann. Thèid prìomhachas a thoirt dha na teirmichean seirbheise seo ma bhios iad ann an còmhstri leis na teirmichean coitcheann.
Xbox
- a. Xbox.
- i. Cleachdadh pearsanta neo-mhalairteach. Tha seirbheis Xbox air loidhne (“Lìonra Xbox”), geamannan Xbox Game Studios (a’ gabhail a-staigh Mojang Games) (https://www.xbox.com/xbox-game-studios), aplacaidean, fo-sgrìobhaidhean (can tairgsean seirbheis fo-sgrìobhadh Xbox Game Pass), seirbheisean (can Xbox Cloud Gaming) is susbaint a tha ga sholar le Microsoft (ris an canar “seirbheisean Xbox” còmhla) a chùm do chleachdaidh phearsanta neo-choimeirsealta a-mhàin.
- ii. Seirbheisean Xbox. Nuair a chlàraicheas tu airson seirbheisean Xbox, gun tèid fiosrachadh mu gheamannan a chluicheas tu agus mu na nì thu a thracadh is a cho-roinneadh le treas-phàrtaidhean iomchaidh, a’ gabhail a-staigh luchd-leasachaidh is foillsichearan gheamannan, airson ’s gun urrainn dha Microsoft seirbheis na seirbheisean Xbox a lìbhrigeadh agus airson ’s gun urrainn dha na treas-phàrtaidhean geamannan is seirbheisean nach ann le Microsoft a ruith. A bharrachd air seo, ma nithear inntrigeadh do sheirbheisean Xbox tro ùrlar no uidheam treas-phàrtaidh, dh’fhaoidte gun tèid fiosrachadh mu na chluicheas tu, do ghnìomhachdan is mar a chleachdas tu geamannan is seirbheisean Xbox a thracadh is a cho-roinneadh le uidheaman is ùrlaran threas-phàrtaidhean mar seo agus fo bhuaidh nan teirmichean is poileasaidhean prìobhaideachd aig na treas-phàrtaidhean ud. Ma chlàraicheas tu a-steach air ùrlar no uidheam eile leis a’ chunntas Microsoft agad no ma cheanglas tu an cunntas Microsoft agad ri ùrlaran no uidheaman mar sin airson seòrsaichean Xbox inntrigeadh (mar eisimpleir, airson geamannan Xbox Game Studios inntrigeadh air uidheaman no ùrlaran eile) no airson seirbheis nach ann le Microsoft (mar eisimpleir aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean le foillsichear geama ach Microsoft, bidh tu ag aontachadh ri na leanas: (a) Faodaidh Microsoft fiosrachadh cuingichte a thaobh cleachdadh a’ chunntais a cho-roinneadh (a’ gabhail a-steach sgòr a’ gheamair, sgòr a’ gheama, eachdraidh a’ gheama, dàta mun chleachdadh is liosta do charaidean gun chuingeachadh) leis a’ phàrtaidh mar a tha ga innse ann an aithris prìobhaideachd Microsoft agus (b) ma cheadaicheas roghainnean na prìobhaideachd Xbox agad, faodaidh am pàrtaidh an t-susbaint agad inntrigeadh o chonaltradh am broinn a’ gheama no aplacaidean eile a chleachdas tu nuair a rinn thu clàradh a-steach dhan chunntas agad leis a’ phàrtaidh neo-Microsoft sin. Cuideachd, ma cheadaicheas roghainnean na prìobhaideachd Xbox agad e, faodaidh Microsoft d’ ainm agus an taga-geamair, an dealbh-geamair, am facal-suaicheantais, an t-avatar is cliopaichean gheamannan agad agus na geamannan a chluich thu fhoillseachadh sa chonaltradh gu daoine a dh’aontaich thu. Ma chuir thu roghainnean Family Safety an comas a bhuineas gu sònraichte dha Xbox, bidh na roghainnean seo an sàs air consoilean Xbox, Xbox Cloud Gaming agus aplacaid Xbox air PC no uidheaman mobile ach dh’fhaoidte nach bi iad an sàs ann an geamannan no seirbheisean Xbox Game Studios a dh’inntrigeas no a chluicheas tu air uidheaman no ùrlaran eile. Airson àrainneachd geamaireachd nas sàbhailte dha do theaghlach, thoir sùil a bheil gleusan smachd do phàrantan air na h-ùrlaran is uidheaman ud.
- iii. An t-susbaint agad. Mar phàirt de thogail coimhearsnachd sheirbheisean Xbox, bheir thu còir saor ’s an-asgaidh ’s air feadh an t-saoghail do Microsoft, do na dhlùth-chompanaich is na eintiteasan gabhail fo-cheadachais aige gus an t-susbaint agad no d’ ainm no taga-geamair, dealbh geamair, suaicheantas no avatar a phostaich thu airson seirbheis Xbox sam bith a chleachdadh, atharrachadh, ath-dhèanamh, a sgaoileadh, a chraoladh, a cho-roinneadh is a shealltainn gu slàn no cuid dheth ann an dòigh no pròiseas sam bith air stuth no stuth-taice sam bith.
- iv. Manaidsearan gheamannan. Dh’fhaoidte gun cleachd cuid a gheamannan manaidsear, tosgaire no cuirmear geama. Chan eil manaidsearan no cuirmearan gheamannan nan luchd-labhairt ùghdarraichte aig Microsoft. Dh’fhaoidte nach eil na beachdan aca a-rèir bheachdan Microsoft.
- v. Clann agus Xbox. Mas e mion-aoiseach a tha annad a chleachdas seirbheisean Xbox, dh’fhaoidte gum bi smachd aig do phàrant no neach-glèidhidh air iomadh gleus a’ chunntais agad agus dh’fhaoidte gum faigh iad aithrisean air mar a chleachdas tu seirbheisean Xbox. Chan fhaighear na gleusan seo ach air seirbheisean Xbox agus dh’fhaoidte nach gabh an sìneadh gu ùrlaran is uidheaman eile.
- vi. Airgeadra geama no bathar mas-fhìor. Dh’fhaoidte gun gabh seirbheisean Xbox a-steach airgeadra geama biortail (can òr, buinn no puingean) as urrainn dhut ceannach o Microsoft no às a leth le innealan airgid dearbha ma tha thu nad inbheach laghail san dùthaich sa bheil thu a’ fuireach. Dh’fhaoidte gun gabh seirbheisean Xbox a-steach cuideachd rudan digiteach no bathar biortail (can òr, buinn no puingean) as urrainn dhuibh ceannach o Microsoft no às a leth le innealan airgid dearbha no le airgeadra a’ gheama. Cha ghabh airgeadra geama no bathar biortail a chur gu feum idir gus innealan airgid dearbha, bathar no rudan eile air a bheil luach airgid fhaighinn o Microsoft no pàrtaidh sam bith eile. Seach ceadachas cuingichte pearsanta a ghabhas cùl-ghairm agus nach gabh tar-chur no fho-cheadachas dheth a thoirt seachad gus airgeadra a’ gheama is bathar biortail a chleachdadh am broinn nan seirbheisean Xbox a-mhàin, chan eil còir no tiotal agaibh a thaobh airgeadra geama no bathar mas-fhìor sam bith co-cheangailte ri geama no aplacaid Xbox sam bith a nochdas ann no a thàinig à seirbheisean Xbox no a thaobh gleus sam bith eile co-cheangailte ri cleachdadh seirbheisean Xbox no a tha ga ghlèidheadh am broinn seirbheisean Xbox. Faodaidh Microsoft atharrachadh na thèid a thairgse a thaobh airgeadra geama no bathar biortail o àm gu àm.
- vii. Ùrachaidhean bathair-bhuig. Air uidheam sam bith le comas ceangail dha sheirbheisean Xbox, faodaidh sinn sùil a thoirt air an tionndadh dhe bhathar-bog a’ chonsail Xbox no na h-aplacaid Xbox agad agus ùrachaidhean air bathar-bog consoil Xbox no aplacaid Xbox no atharraichean air an rèiteachadh aca a luchdadh a-nuas gu fèin-obrachail, a’ gabhail a-steach feadhainn a bhacas tu o inntrigeadh nan seirbheisean Xbox, o chleachdadh gheamannan Xbox no aplacaidean Xbox gun ùghdarrachadh no o chleachdadh bathair-chruaidh aig uidheaman-taice gun ùghdarrachadh le consoil Xbox.
- viii. Bathar-bog cealgaireachd ’s fiolcadh. Air uidheam sam bith le comas ceangail dha sheirbheisean Xbox, faodaidh sinn sùil a thoirt air an uidheam agad gus faighinn a-mach a bheil bathar-cruaidh no bathar-bog aige a leigeas leat a bhith ri cealgaireachd no fiolcadh an aghaidh a’ chòd ghiùlain no nan teirmichean seo agus faodaidh sinn ùrachaidhean air bathar-bog aplacaid Xbox no atharraichean air an rèiteachadh aige a luchdadh a-nuas gu fèin-obrachail, a’ gabhail a-steach feadhainn a bhacas tu o inntrigeadh nan seirbheisean Xbox no o chleachdadh bathair-bhog a leigeas leat a bhith ri cealgaireachd no fiolcadh.
- ix. Teirmichean is cumhaichean a bharrachd an fho-sgrìobhaidh. Tha fo-sgrìobhaidhean aig seirbheisean Xbox fo bhuaidh teirmichean is cumhaichean a bharrachd a chithear ann an Teirmichean is cumhaichean fo-sgrìobhaidhean Xbox (https://www.xbox.com/legal/subscription-terms).
- x. Fo-sgrìobhaidhean neo-ghnìomhach aig seirbheis Xbox. Faodaidh Microsoft am bileachadh ath-chùrsach is na tàillean ath-chùrsach agad a chur dheth ann an dùthchannan àraidh mur an cleachd thu na seirbheisean Xbox agad rè ùine. Cuiridh Microsoft brath thugad mus cuir iad dheth am bileachadh ath-chùrsach agad. Airson barrachd fiosrachaidh, a’ gabhail a-staigh faid na h-ùine neo-ghnìomhachd iomchaidh, faic CÀBHA mun phoileasaidh neo-ghnìomhachd (https://support.xbox.com/help/subscriptions-billing/manage-subscriptions/xbox-subscription-inactivity-policy).
- xi. Aontan ceadachas a’ chleachdaiche dheireannaich a bharrachd is an còd-giùlain. Dh’fhaoidte gu bheil teirmichean cleachdaidh agus còdan-giùlain fa leth aig cuid a sheirbheisean Xbox.
Bùth
- b. Bùth. Nì “Bùth” iomradh air an t-seirbheis a leigeas leat aplacaidean (gabhaidh an abairt “aplacaid” geamannan a-steach) agus susbaint eile a rùrachadh, a luchdadh a-nuas a rangachadh is lèirmheas a dhèanamh orra. Còmhdaichidh na teirmichean seo do chleachdadh dhe Stores sònraichte a tha le Microsoft no gan ruith le Microsoft no a dhlùth-chompanaich (a’ gabhail a-staigh ach chan ann cuingichte gun Office Store, Microsoft Store air Windows agus Microsoft Store air Xbox). Is ciall dha Microsoft Store” bùth airson bathar Office is aplacaidean airson Office, Microsoft 365, SharePoint, Exchange, Access agus Project (tionndadh 2013 no nas ùire) no àrainneachd sam bith eile fo shuaicheantas Microsoft Store. Is ciall dha “Microsoft Store air Windows” bùth aig Microsoft agus ga ruith leis no le an cuid dlùth-chompanaich, airson uidheaman Windows mar fhòn, PC no tablaid no àrainneachd sam bith eile fo shuaicheantas Microsoft Store agus air am faighear greim air uidheaman Windows mar fhòn, PC no tablaid. Is ciall dha “Microsoft Store on Xbox” bùth a tha le Microsoft ’s ga ruith le Microsoft no a dhlùth-chompanaich ’s ri fhaighinn air consoilean Xbox no àrainneachd sam bith eile air a bheil brannd Microsoft Store ’s a tha ri fhaighinn air consoil Xbox.
- i. Teirmichean a’ cheadachais. Aithnichidh sinn foillsichear gach aplacaid a tha ri fhaighinn sa bhùth iomchaidh. Mur an deach teirmichean ceadachais eadar-dhealaichte a sholar leis an aplacaid, ’s e aonta eadar thu fhèin agus foillsichear na h-aplacaid a tha sna teirmichean ceadachas aplacaid stannardach (“TCAS”) air deireadh nan teirmichean seo a dh’innseas cò teirmichean a’ cheadachais a bhios an sàs ann an aplacaid a luchdaich thu a-nuas o bhùth sam bith aig Microsoft no ga ruith le Microsoft no an cuid dlùth-chompanaich (taobh a-muigh a’ Microsoft Store). Gus a dhèanamh soilleir, tha na teirmichean seo mu choinneamh cleachdadh seirbheisean Microsoft agus na seirbheisean a bheir iad seachad. Tha Earrann 5 de na teirmichean seo cuideachd an sàs air aplacaidean is seirbheisean treas-phàrtaidhean sam bith a fhuaireadh slighe an Store. Chan eil aplacaidean a chaidh a luchdadh a-nuas slighe Bùth Office fo bhuaidh TCAS agus tha teirmichean a’ cheadachais fa leth an sàs orra.
- ii. Ùrachaidhean. Bheir Microsoft sùil airson ùrachaidhean airson nan aplacaidean agaibh is thèid iad a luchdadh a-nuas gu fèin-obrachail fiù ’s mur eil sibh air clàradh a-steach don bhùth iomchaidh. ’S urrainn dhuibh roghainnean na bùtha no an t-siostaim agaibh atharrachadh mur eil sibh airson ùrachaidhean air aplacaidean bùtha fhaighinn gu fèin-obrachail. Co-dhiù no co-dheth, dh’fhaoidte gun tèid aplacaidean Bùth Office sònraichte a tha gan òstadh air loidhne gu tur no cuid dhiubh ùrachadh le luchd-leasachaidh na h-aplacaid agus dh’fhaoidte nach eil iad feumach air ur cead gus ùrachadh a dhèanamh.
- iii. Rangachaidhean is lèirmheasan. Ma chuireas tu a-null rangachadh no lèirmheas airson aplacaid no bathar digiteach eile sa bhùth, dh’fhaoidte gum faigh thu post-d o Microsoft sa bheil susbaint o fhoillsicheir na h-aplacaid no a’ bhathair dhigitich. ’S ann gun tig gach post-d dhen leithid o Microsoft fhèin; cha cho-roinn sinn am post-d agad le foillsichear aplacaidean no bhatharan digiteach eile a gheibh thu slighe a’ Bhùtha.
- iv. Rabhadh sàbhailteachd. A chum seachnadh leòn, mì-chofhurtachd no sgithear nan sùilean, bu chòir dhuibh stad de chleachdadh nan geamannan agus aplacaidean eile o àm gu àm, gu h-àraidh ma bhios sibh a’ faireachdainn pian no sgìths ri linn ur cleachdaidh. Ma tha mì-chofhurtachd a’ tighinn oirbh, gabhaibh fois. Faodaidh mì-chofhurtachd a’ gabhail a-steach òrrais, cur na mara, tuainealach, tuathalachd, ceann goirt, sgìths, sgithear nan sùilean no sùilean tiorma. Faodaidh cleachdadh aplacaidean ur n-aire a tharraing agus an fheadhainn tha timcheall oirbh a bhacadh. Seachnaichibh cnapan-starra a chuireadh air ur beul fodha sibh, staidhrichean, mullaich ìosal agus nithean luachmhor brisg a b’ urrainn sibh milleadh. Thig taom aig àireamh bheag a dhaoine nuair a choimheadas iad air dealbhan àraidh leithid solais a’ boillsgeadh no pàtrain a dh’fhaodadh a nochdadh ann an aplacaid. Dh’fhaoidte gum buail taom mar seo air daoine aig nach robh a leithid roimhe ma tha an tinneas seo orra gun fhiosta. Aithnichear e air gog-cheannachd, caochladh lèirsinn, snaoidheadh no crathadh nam ball, tuathalachd, breisleach, tuiteam ann an neul no braisean. Ma bhuaileas dad mar seo oirbh, sguiribh den chleachdadh sa bhad agus iarraibh comhairle dotair no iarraibh comhairle dotair mus cleachd sibh na h-aplacaidean ma bha dad mar seo oirbh roimhe. Bu chòir do phàrantan sùil a thoirt a-mach ach am mothaich iad comharradh air duilgheadas nuair a chleachdas an cuid cloinne aplacaidean.
Gleusan teaghlach Microsoft
- c. Gleusan aig teaghlach Microsoft. ’S urrainn do phàrantan is dhan chlann gleusan teaghlaich Microsoft, a’ gabhail a-staigh gleus sàbhailteachd teaghlach Microsoft, a chleachdadh ach am biodh earbsa aca a tha stèidhichte air co-thuigsinn dè an giùlan, na làraichean-lìn, na h-aplacaidean, na geamannan, na h-àiteachan far an tèid iad agus an cosg airgid a tha iomchaidh san teaghlach. ’S urrainn do phàrantan teaghlach a thogail ’s iad a’ tadhal air https://account.microsoft.com/family (no a’ leantainn air an stiùireadh air an uidheam Windows no air a’ chonsoil Xbox aca) agus a’ toirt cuireadh dhan chlann no pàrantan eile gus ballrachd fhaighinn. Tha iomadh gleus ri làimh bhall teaghlaich, mar sin thoir sùil gheur air an fhiosrachadh a gheibh thu nuair a dh’aontaicheas tu gun cruthaich tu teaghlach no gum faigh thu ballrachd ann agus nuair a cheannaicheas tu bathar digiteach a chùm inntrigeadh teaghlaich. Nuair a chruthaicheas tu no a gheibh thu ballrachd ann an teaghlach, aontaichidh tu gun cleachd thu an teaghlach mar as iomchaidh a-rèir adhbhair agus nach cleachd thu ann an dòigh nach eil ùghdarraichte e gus inntrigeadh mì-laghail fhaighinn air fiosrachadh daoine eile. Chan fhaighear gleusan teaghlach Microsoft ach air seirbheisean Microsoft agus dh’fhaoidte nach gabh an sìneadh gu ùrlaran eile. Mar eisimpleir, bidh roghainnean Family Safety a bhuineas dha Xbox gu sònraichte an sàs air consoilean Xbox, Xbox Cloud Gaming agus aplacaid Xbox air PC no uidheaman mobile ach dh’fhaoidte nach bi iad an sàs ann an geamannan no seirbheisean Xbox Game Studios a dh’inntrigeas no a chluicheas tu air uidheaman no ùrlaran eile. Airson àrainneachd geamaireachd nas sàbhailte dha do theaghlach, thoir sùil a bheil gleusan smachd do phàrantan air na h-ùrlaran is uidheaman ud.
Teachdaireachdan buidhinn
- d. Teachdaireachdan buidhinn. Leigidh iomadh seirbheis Microsoft leibh teachdaireachdan a chur do chàch slighe gutha no SMS (“teachdaireachdan”) agus/no le Microsoft agus dlùth-chompanaich fo smachd Microsoft gun cuir iad teachdaireachdan dhen leithid thugaibhse no gu cleachdaiche no cleachdaichean eile às ur leth. MA DH’IARRAS SIBH AIR MICROSOFT AGUS DLÙTH-CHOMPANAICH FO SMACHD MICROSOFT GUN CUIR IAD TEACHDAIREACHDAN DHEN LEITHID THUGAIBHSE NO GU CÀCH, THA SIBH A’ CUR AN CÈILL ’S A’ BARANTACHADH DHUINN GUN AONTAICH SIBH FHÈIN AGUS GACH UILE NEACH A DH’IARR SIBH OIRNN TEACHDAIREACHD A CHUR THUCA GUM FAIGH SIBH TEACHDAIREACHDAN DHEN LEITHID AGUS TEACHDAIREACHDAN TEACSA A CHUM RIANACHD SAM BITH CO-CHEANGAILTE RITHE O MICROSOFT AGUS DLÙTH-CHOMPANAICH FO SMACHD MICROSOFT. ’S e teachdaireachdan tar-ghnìomh o sheirbheis shònraichte Microsoft a tha sna “teachdaireachdan teacsa a chum rianachd”, a' gabhail a-steach ach gun chuingeachadh “teachdaireachd fàilteachaidh” no stiùireadh air mar a sguirear dhe theachdaireachdan fhaighinn. Mur eil sibh fèin no buill a’ bhuidhinn airson nan teachdaireachdan ud fhaighinn tuilleadh, ’s urrainn dhuibh iarraidh nach cuir Microsoft agus dlùth-chompanaich fo smachd Microsoft theachdaireachdan thugaibh tuilleadh uair sam bith agus sibh a’ leantainn ris an stiùireadh a tha ga sholar. Mur eil sibh airson teachdaireachdan dhen leithid fhaighinn no pàirt a ghabhail sa bhuidheann tuilleadh, aontaichidh sibh gun sguir sibh dheth slighe an stiùiridh a tha ga sholar leis a’ phrògram no seirbheis iomchaidh. Ma tha sibh dhen bheachd gu bheil ball sa bhuidheann nach eil airson teachdaireachdan dhen leithid fhaighinn no pàirt a ghabhail sa bhuidheann tuilleadh, aontaichidh sibh gun toir sibh air falbh on bhuidheann iad. Tha sibh a’ cur an cèill ’s a’ barantachadh dhuinn cuideachd gun tuig sibh fhèin agus gach neach a dh’iarr sibh oirnn teachdaireachd a chut thuca gu bheil gach ball a’ bhuidhinn fo dhleastanas a thaobh cosgaisean sam bith a dh’èireas ri linn nan teachdaireachdan a dh’iarras an giùlanair mobile aca orra, a’ gabhail a-steach tàillean airson teachdaireachdan eadar-nàiseanta a bhios an sàs air ma dh’fhaoidte nuair a thèid teachdaireachdan a chur o àireamhan a tha stèidhichte sna Stàitean Aonaichte.
Skype, Microsoft Teams agus GroupMe
- e. Skype, Microsoft Teams agus GroupMe.
- i. Seirbheisean èiginn. Tha diofaran cudromach eadar seirbheisean fòn mobile no fòn-talmhainn tradaiseanta agus Skype, Microsoft Teams is GroupMe. Fo riaghailtean, conn-riaghailtean no laghan ionadail no nàiseanta iomchaidh, feumaidh Microsoft cothrom a thoirt seachad gu ìre gu seirbheisean èiginn mar ghairmean èiginn 911 no 112 (“Seirbheisean èiginn”) slighe Skype, Microsoft Teams agus GroupMe.
- ii. Cha toir ach feadhainn dhen na tionndaidhean Skype to Phone aig Skype taic ri gairmean gu seirbheisean èiginn ann an àireamh bheag de dhùthchannan agus a’ crochadh air an ùrlar a tha ga chleachdadh. Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh air a bheil am feart seo ri làimh gus nach eil agus mar a rèiticheas sibh e an-seo: http://www.skype.com/en/legal/emergency-calling/. Ma chaidh a’ ghairm èiginn Skype to Phone agad a cheangal, feumaidh tu fiosrachadh a sholar air an àite far a bheil sibh ach an urrainn do na seirbheisean èiginn do fhreagairt. Cha toir Microsoft barantas gun tèid a’ ghairm èiginn agad a cheangal. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh air mar a chuireas tu fòn gu 112, an àireamh èiginn shònraichte airson Na Roinn-Eòrpa air www.skype.com/go/emergency.
- iii. Atharraichean air bathar Skype air airgead. Ma nì sinn atharrachadh air bathar Skype air airgead a dh’adhbharaicheas dolaidh dhut fhèin, cuiridh sinn brath thugad co-dhiù trithead latha ro làimh mun atharrachadh sin is mìnichidh sinn dhut gu bheil cead agad crìoch a chur air a’ bhathar fo bhuaidh mus tig an t-atharrachadh air. Mura cuir sibh crìoch air a’ bhathar mus bi na h-atharraichean an sàs, aontaichidh sibh ris na h-atharraichean. Innsidh sinn dhuibh mu dhèidhinn seo gu follaiseach nuair a chuireas sinn brath thugaibhn.
- iv. APIean no craoladh. Ma tha sibh airson Skype a chleachdadh co-cheangailte ri craoladh sam bith, feumaidh sibh gèilleadh ri “teirmichean a’ chleachdaidh a thaobh craolaidh" air https://www.skype.com/go/legal.broadcast. Ma tha thu airson eadar-aghaidh prògramachadh aplacaidean (“API”) sam bith a chleachdadh a chaidh fhoillseachadh no a chur ri làmh dhut le Microsoft, feumaidh tu gèilleadh ri teirmichean a’ cheadachais iomchaidh a gheibh thu air www.skype.com/go/legal.
- v. Poileasaidhean a’ cleachdaidh chothromaich. Dh’fhaoidte gum bi poileasaidhean a’ cleachdaidh chothromaich an sàs air do chleachdadh bathair-bhog ’s bhatharan Skype. Thoiribh sùil air na poileasaidhean sin a chaidh a dhealbhachadh a chum dìona an aghaidh foille is droch ghiùlain agus dh’fhaoidte gun cuir iad cuingeachadh air an t-seòrsa, fhaide no uiread de ghairmean no teachdaireachdan as urrainn dhuibh dèanamh. Chaidh na poileasaidhean sin a chur am broinn nan teirmichean seo slighe iomraidh. Gheibh sibh na poileasaidhean sin air https://www.skype.com/go/terms.fairusage.
- vi. Cleachdadh pearsanta/neo-choimeirsealta. Faodaidh tu bathar-bog is batharan Skype a chleachdadh gu pearsanta is neo-choimeirsealta. Faodaidh tu Skype a chleachdadh air an àite-obrach airson a’ chonaltradh gnìomhachais agad fhèin.
- vii. Àireamh Skype/Skype To Go. Ma bheir Microsoft àireamh Skype no Skype To Go dhut, aontaichidh tu nach ann leatsa a tha an àireamh is nach eil còir agad gus an àireamh sin a chumail gu buan. Ann an cuid a dhùthchannan, dh’fhaoidte gun tèid cothrom a thoirt dhut air àireamh le com-pàirtiche Microsoft seach Microsoft fhèin agus dh’fhaoidte gum feum thu aonta fa leth a dhèanamh le com-pàirtiche dhen leithid. Airson barrachd fiosrachaidh air Àireamh Skype, faic https://go.skype.com/home.skype-number.
- viii. Skype Manager. Bidh “chunntas rianaire aig Skype Manager” air a chruthachadh agus ga stiùireadh leat fhèin agus bidh thu ga stiùireadh gu pearsanta mar rianaire fa leth dhen bhuidheann Skype Manager agad seach nad eintiteas gnìomhachais. Faodaidh tu an cunntas Microsoft pearsanta agad a cheangal ri buidheann Skype Manager (“cunntas ceangailte”). Faodaidh tu barrachd rianairean a chur ris a’ Skype Manager agad ma ghabhas iad ris na teirmichean seo. Ma riaraicheas sibh àireamhan Skype do chunntas ceangailte, ’s ann agaibhse a tha an t-uallach gun gèillear ri riatanasan sam bith co-cheangailte ris an àite-fhuirich no àite-chòmhnaidh aig cleachdaichean a’ chunntais ceangailte agaibh. Ma chuireas tu romhad cunntas cheangailte a dhì-cheangal o bhuidheann Manager, dh’fhaoidte gun tèid gach fo-sgrìobhadh, creideas Skype no àireamh Skype a bha riaraichte dha air an call agus nach fhaigh thu cothrom air an t-susbaint no stuth agad a tha co-cheangailte ris a’ chunntas dì-cheangailte tuilleadh. Aontaichidh tu gun dèan thu pròiseasadh air fiosrachadh pearsanta sam bith aig luchd-chleachdaidh nan cunntasan ceangailte agad a-rèir gach lagha iomchaidh air dìon dàta. Dh’fhaoidte gun tèid Skype Manager a chur na dhàil mur an lean buill a’ bhuidhinn ris a’ chòd-ghiùlain a tha san MSA seo.
- ix. Tàillean is ath-dhìolaidhean Skype. Tha na tàillean ri am pàigheadh airson fòn a chur taobh a-muigh fo-sgrìobhadh nan tàille ceangail (ga h-iarraidh aon turas airson gach gairme) agus reat gach mionaid mar a mhìnicheas sinn air www.skype.com/go/allrates. Thèid tàillean gairme a thort air falbh on bhalans creideas Skype agad. Faodaidh Microsoft reataichean gairmean fòn, àireamhan reat premium is cinn-uidhe ghairmean nach eil nam pàirt de fho-sgrìobhadh atharrachadh. Ma tha na h-atharraichean mòr mì-chothromach dhut (can ma dh’àrdaicheas sinn na reataichean), innsidh sinn dhut mun dèidhinn air a’ phost-d no ann an dòigh iomchaidh eile co-dhiù trithead (30) latha ro làimh mus bi na h-atharraichean air na reataichean an sàs. Às dèidh trithead (30) latha, thèid na reataichean ùra a chur an sàs air an t-ath-thuras a chuireas sibh fòn. Chì sibh na reataichean làithreach air www.skype.com/go/allrates. Mura gabh sibh ris na reataichean ùra, cha bu chòir dhuibh fòn a chur. Thèid mionaidean bloigheach gairme is tàillean sgillinnean bhloighich airson gairme a chuairteachadh suas dhan ath-aonad shlàn. Gabhaidh a h-uile prìs airson bathar Skype air airgead a-steach na cìsean iomchaidh, a’ gabhail a-steach VAT ach mar tha an caochladh ga innse. Thèid VAT àireamhachadh stèidhichte air an t-seòladh bileachaidh a chaidh a thoirt seachad. Cuiridh tu gach còir airson ais-phàigheadh VAT o Microsoft dhan dàrna taobh nan robh a’ VAT iomlan a bhiodh aig an fhear eile ri pàigheadh gu ùghdarrasan nan cìsean nas lugha air adhbhar sam bith na a’ VAT iomlan a chaidh cruinneachadh uatsa. Chan eil bathar Skype air airgead ri fhaighinn don luchd-ceannachd ann am Mount Athos, sna h-Eileanan Canàrach, ann an roinnean thar lear na Frainge, sna h-Eileanan Àland, ann an Eileanan Caolas Shasainn, san Eilean Helgoland, ann an Ranntair Bhüsingen no ann an Ceuta, Melilla, Livigno, Campione d’Italia no ann an uisgeachan Eadailteach Loch Lugano. Ma tha sibh air bathar Skype air airgead a chleachdadh, cuiridh seo às dhen ùine chnuasachaidh agaibh agus chan urrainn dhuibh sgur dhen cheannach agaibh no ath-dhìoladh fhaighinn. Is ciall dha chosgadh creideas Skype, riarachadh àireamh Skype no cleachdadh fo-sgrìobhaidh gur e “lìbhrigeadh slàn” agus/no “cleachdadh” bathar Skype air airgead a th’ ann. Aonaichidh sibh gu follaiseach gun tèid àireamh Skype a riarachadh ro dheireadh na h-ùine cnuasachaidh ma dh’fhaoidte agus nach gabh ath-dhìoladh tuilleadh nuair a thèid a riarachadh. Taobh a-muigh na h-ùine cnuasachaidh, cha ghabh ach fo-sgrìobhaidhean Skype nach deach a chleachdadh no nach do dh’fhalbh an ùine orra ath-dhìoladh fo na teirmichean seo. Cha bhi ùine cnuasachaidh no ath-dhìolaidhean iomchaidh airson bathar Skype air airgead (i) a chaidh a cheannach slighe com-pàirtiche treas-phàrtaidh; (ii) a chaidh a phàigheadh le airgead ullamh slighe dòigh pàighidh treas-phàrtaidh (can le sporan pàighidh airgid); (iii) nach deach a cheannach air loidhne o Microsoft gu dìreach (can le eàrlas no cairt ro-phàighte); no (iv) a chaidh a riarachadh don chunntas agaibh le treas-phàrtaidh. A dh’aindeoin na thuirt sinn gu h-àrd, dh’fhaoidte gu bheil còir agad fo lagh iomchaidh gum faigh thu ath-dhìoladh nuair a dh’iarras tu e air balans fo-sgrìobhaidh ro-phàighte sam bith ma ghluaiseas tu an Àireamh Skype agad gu solaraiche eile.
- x. Creideas Skype. Cha toir Microsoft barantas gur urrainn dhut balans a’ chreideis Skype agad a cleachdadh gus bathar Skype air airgead sam bith a cheannach oir dh’fhaoidte gun tig atharrachadh orra o àm gu àm. Mura cleachd thu an creideas Skype agad fad 180 latha, bheir Microsoft staid neo-ghnìomhach air a’ chreideas Skype agad. ’S urrainn dhuibh an creideas Skype agaibh ath-ghnìomhachadh le leantainn air a’ cheangal ath-ghnìomhachaidh air https://www.skype.com/go/store.reactivate.credit. ’S urrainn dhuibh feart an lìonaidh fhèin-obrachail a chur an comas ma chuireas sibh cromag sa bhogsa iomchaidh nuair a cheannaicheas sibh creideas Skype. Ma tha seo an comas, thèid balans a’ chreideis Skype agad a lìonadh leis an aon suim agus leis an dòigh pàighidh a thagh thu gach turas a thèid am balans Skype agad fo stairsneach air a shuidheachadh le Skype o àm gu àm. Ma cheannaich sibh fo-sgrìobhadh le dòigh pàighidh seach cairt-chreideis, PayPal no Moneybookers (Skrill) agus ma chuir sibh an lìonadh fèin-obrachail an comas, thèid balans a’ chreideis Skype agaibh a lìonadh leis an t-suim a bhios a dhìth gus an ath fho-sgrìobhadh ath-chùrsach agaibh a cheannach. ’S urrainn dhut an lìonadh fèin-obrachail a chur à comas uair sam bith le thadhal air na roghainnean agad agus an atharrachadh ann am portal a’ chunntais agad ann an Skype. Dh’fhaoidte gun tig atharrachadh air na cinn-uidhe as urrainn dhut fòn a chur thuca o àm gu àm. Ma thèid an cunntas Microsoft agad a dhùnadh air adhbhar sam bith, caillidh tu gach creideas Skype a tha co-cheangailte ris a’ chunntas Microsoft agad agus chan fhaigh thu air ais e. Chan urrainnear creideas Skype a thoirt do dhaoine eile.
- xi. Pada àireamhan Skype. Gheibh thu cothrom air pada àireamhan Skype le fo-sgrìobhadh gnìomhach no creideas Skype an dèidh dhuinn aplacaid desktop is mobile Skype a chur air chluaineas. Tha pada àireamhan Skype na bhathar Skype air am faigh thu cothrom ann am Microsoft Teams no air an lìon.
- xii. Tàillean airson teachdaireachdan eadar-nàiseanta. Cleachdaidh GroupMe àireamhan a tha stèidhichte sna Stàitean Aonaichte airson gach buidheann a tèid a chruthachadh aig an àm seo. Bidh gach teachdaireachd teacsa a thèid a chur no fhaighinn o àireamh GroupMe na teachdaireachd teacsa eadar-nàiseanta a chaidh a chur gu no fhaighinn o na Stàitean Aonaichte. A-rèir càit a bheil thu, dh’fhaoidte gun cleachd Microsoft Teams àireamh fòn a tha ga làimhseachadh mar theachdaireachd teacsa eadar-nàiseanta. Faighibh fiosrachadh mu na tàillean eadar-nàiseanta a dh’èireas na lùib on t-solaraiche agaibh.
Bing agus MSN
- f. Bing agus MSN. Briog an-seo (https://go.microsoft.com/fwlink/?linkid=2300807) airson geàrr-chunntas air teirmichean Bing.
- i. Stuthan Bing agus MSN. Tha na h-artaigealan, an teacsa, na dealbhan, na mapaichean, na videothan, na cluicheadairean video agus stuth treas-phàrtaidhean ri fhaighinn air Bing agus MSN, a’ gabhail a-steach an fheadhainn slighe bot, aplacaid no prògram Microsoft, a chùm do chleachdaidh phearsanta neo-choimeirsealta a-mhàin. Chan eil cleachdadh eile mar luchdadh a-nuas, cruthachadh lethbhreacan no ath-sgaoileadh nan stuthan sin no chleachdadh nan stuthan no batharan sin gus na bhatharan agad fhèin a chruthachadh ceadaichte ach ma chaidh seo ùghdarrachadh gu sònraichte le Microsoft no sealbhadairean nan còraichean no ma tha seo ceadaichte fo lagh còrach-lethbhreac iomchaidh. Tha Microsoft agus sealbhadairean còrach eile a’ glèidheadh a h-uile còir airson nan stuthan nach deach a thoirt seachad gu follaiseach le Microsoft fo theirmichean a’ cheadachais.
- ii. Gleusan Bing a mholas rudan. Dh’fhaoidte gun cleachd Bing gleusan a tha na lùib a mholas fiosrachadh no bathar dhut. Airson fiosrachadh mar a sholaireas Bing fiosrachadh dhut, faic https://go.microsoft.com/fwlink/?linkid=2315939.
- iii. Mapaichean Bing. Chan fhaod thu ìomhaighean sealladh sùil an eòin o na Stàitean Aonaichte, Canada, Meagsago, Seallainn Nuadh, Astràilia no an t-Seapan a chleachdadh airson obair riaghaltais as aonais cead sgrìobhte uainn.
- iv. Bing Places. Ma bheir thu an dàta no an t-susbaint agad gu Bing Places, bheir thu ceadachas a tha saor o thàillean air feadh a t-saoghail dha Microsoft gus an dàta is an t-susbaint agad (a’ gabhail a-staigh còraichean seilbheachd innleachdail air an dàta agus an t-susbaint agad) a chleachdadh, ath-dhèanamh, a shàbhaladh, atharrachadh, a threudachadh, a bhrosnachadh, a thar-chur, a shealltainn agus a sgaoileadh agus fo-cheadachas airson gin dhe no a h-uile aon dhe na còraichean seo a thoirt do threas-phàrtaidhean.
Cortana
- g. Cortana.
- i. Cleachdadh pearsanta neo-choimeirsealta. ’S e seirbheis cuidiche pearsanta aig Microsoft a th’ ann an Cortana. Tha na gleusan, seirbheisean is an t-susbaint a sholaireas Cortana (“seirbheisean Cortana” còmhla) a chùm do chleachdaidh phearsanta is neo-choimeirsealta a-mhàin.
- ii. Gleusan agus susbaint. Bheir Cortana grunn ghleusan dhut agus bidh dreach pearsanta air cuid dhiubh. Faodaidh seirbheisean Cortana inntrigeadh dha sheirbheisean, fiosrachadh no gleusan a thoirt dhut a tha gan solar le seirbheisean Microsoft eile no aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean. Tha do cleachdadh de sheirbheisean Microsoft iomchaidh a dh’inntrigeas tu slighe sheirbheisean Cortana fo bhuidh nan teirmichean ann an earrann 13 a tha mu sheirbheisean sònraichte. Bheir Cortana fiosrachadh dhut a chùm do phlanaidh a-mhàin agus nuair a bheir thu sùil air, bu chòir dhut fhèin a mheas an cuir thu earbsa san fhiosrachadh seo gus nach cuir. Cha toir Microsoft barantas gu bheil an dreach pearsanta a tha ga sholar le Cortana earbsach, ri làimh no ri àm. Chan ann aig Microsoft a bhios an t-uallach ma chuireas gleus aig Cortana dàil air conaltradh no mura leig e leat sùil a thoirt air conaltradh no brath, fhaighinn no a chur no greim fhaighinn air seirbheis.
- iii. Aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean. Mar phàirt de lìbhrigeadh seirbheisean Cortana, dh’fhaoidte gum mol Cortana aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean (sgilean treas-phàrtaidh no seirbheisean co-cheangailte) dhut ’s gun cuidich i thu airson eadar-ghnìomh a dhèanamh leotha. Ma cheadaicheas tu seo, faodaidh Cortana fiosrachadh a co-roinneadh le aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean, can an còd-puist agad, agus fiosrachadh iarraidh o aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean gus na seirbheisean a dh’iarr thu fhaighinn. Faodaidh Cortana comas a thoirt dhut ach an ceannaich thu rudan le aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean, a’ cleachdadh roghainnean a’ chunntais a shuidhich thu am broinn nan aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean fhèin. ’S urrainn dhut an ceangal eadar an t-seirbheis Cortana agad agus aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean a sgaradh uair sam bith. Cleachdaidh tu seirbheisean Cortana airson ceangal ri aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean fo bhuaidh earrainn 5 dhe na teirmichean seo. Faodaidh foillsichearan de dh’aplacaidean is seirbheisean le treas-phàrtaidhean na gleusan no obrachadh nan aplacaidean is seirbheisean threas-phàrtaidhean aca atharrachadh no crìoch a chur orra no air an amalachadh ann an seirbheisean Cortana. Chan eil uallach no fiachanais air Microsoft a thaobh bathar-bog no bathar-an-sàs a fhuaras o shaothraichean.
- iv. Uidheaman le comas Cortana. Tha uidheaman a tha comasach air Cortana a ruith nam bathar no uidheaman a gheibh cothrom air seirbheisean Cortana no bathar is uidheaman a tha co-chòrdail le seirbheisean Cortana. Gabhaidh uidheaman le comas Cortana a-staigh uidheaman no batharan treas-phàrtaidhean nach eil le Microsoft agus nach dèan is nach leasaich Microsoft. Chan eil uallach no fiachanais air Microsoft a thaobh nan uidheaman no batharan threas-phàrtaidhean sin.
- v. Ùrachaidhean bathair-bhog. Faodaidh sinn sùil a thoirt gu fèin-obrachail air tionndadh bathar-bog seirbheisean Cortana agad air a bheil feum a chùm solar nan seirbheisean agus ùrachaidhean a’ bhathair-bhog a luchdadh a-nuas no an rèiteachadh atharrachadh gun a bhith ag iarraidh airgead ort a chùm ùrachadh, no sparradh air saothraichean (aig a bheil uidheaman le comas Cortana) bathar-bog seirbheisean Cortana ùrachadh.
Aplacaidean is seirbheisean Microsoft
- h. Aplacaidean is seirbheisean Microsoft 365.
- i. Teirmichean Cleachdaidh. ’S ann airson cleachdadh pearsanta agus neo-choimeirsealta a tha Microsoft 365 Family, Microsoft 365 Personal, Microsoft 365 Basic, Sway, OneNote.com agus aplacaid no seirbheis Microsoft 365 sam bith eile no seirbheis le suaicheantas Office mur eil còraichean cleachdaidh coimeirsealta agad fo aonta eile le Microsoft. Tha cleachdadh de dh’aplacaidean mar Word, Excel, PowerPoint, Outlook, OneDrive, Access agus Publisher ann am Microsoft 365 Family, Microsoft 365 Personal agus seirbheis aplacaid no fo-sgrìobhadh Microsoft 365 sam bith eile fo bhuaidh theirmichean cheadachasan a bharrachd a gheibhear aig https://aka.ms/useterms a bharrachd air na teirmichean seo fhèin.
- ii. Teirmichean Outlook a bharrachd. Tha Outlook a’ gabhail a-staigh cleachdadh Mapaichean Bing. Chan fhaod thu susbaint sam bith a tha ga sholar le Mapaichean Bing, a’ gabhail a-staigh geocodes, a chleachdadh ach leis a’ bhathar dhan a chaidh an t-susbaint a sholar. Tha do chleachdadh de Mhapaichean Bing fo bhuaidh Teirmichean a’ chleachdaiche dheireannaich Mhapaichean Bing a tha ri fhaighinn air go.microsoft.com/?linkid=9710837 agus fo bhuaidh Aithris prìobhaideachd Microsoft a tha ri fhaighinn air go.microsoft.com/fwlink/?LinkID=248686.
Botaichean slàinte
- i. Botaichean slàinte. Chan e innealan meadaigeach a tha anns na h-aplacaidean botaichean slàinte a dh’fhaodas gabhail a-staigh planaichean gnìomhachd, insights, cuimhneachan is gleusan eile, agus tha iad ann a chùm fitness agus wellness a-mhàin co-cheangailte ri prògram a tha ga sholar le solaraiche cùraim. Cha deach an dealbhachadh is chan eil fainear dhaibh gun rachadh an cleachdadh an àite comhairle meadaigich proifeiseanta no gus diagnos a dhèanamh air galar no trioblaidean slàinte eile no gus galar no trioblaidean slàinte eile a shlànachadh, a lùghdachadh, a leigheas no a chasg. ’S ann ortsa a bhios an t-uallach air an dòigh a chleachdas tu botaichean slàinte. Chan eil Microsoft fo dhleastanas a thaobh co-dhùnadh sam bith a nì thu a tha stèidhichte air fiosrachadh a gheibh thu o bhot slàinte. Bu chòir dhut bruidhinn ri dotair an còmhnaidh ma tha ceist sam bith agad a thaobh tinneis, daithead, fitness no prògram wellness mus cleachd thu botaichean slàinte. Na dèan dearmad air comhairle meadaigeach proifeiseanta agus na sir le dàil e ri linn fiosrachaidh a fhuair thu air no slighe nan seirbheisean. Mar a thachras le teicneolas sam bith, dh’fhaoidte nach obraich na botaichean slàinte mar an robhar an dùil ’s air grunn adhbharan, a’ gabhail a-staigh call cumhachd no comais-cheangail.
Bathar digiteach
- j. Bathar digiteach. Slighe Microsoft Groove, filmichean ⁊ TBh Microsoft, an Store, seirbheisean Xbox agus seirbheis sam bith eile a tha no a bhios co-cheangailte riutha, dh’fhaoidte gun toir Microsoft an cothrom dhuibh gum faigh sibh, èist sibh ri, coimhead sibh air, cluich sibh no leugh sibh (mar as iomchaidh) ceòl, dealbhan, videothan, teacsa, leabhraichean, geamannan no stuth eile (“bathar digiteach”) as urrainn dhuibh faighinn ann an cruth digiteach. Chan eil am bathar digiteach ann ach a chùm ur dibhearsain phearsanta neo-choimeirsealta. Aontaichidh sibh nach ath-sgaoil, craol, cluich gu poblach, taisbean gu poblach no tar-chuir sibh lethbhreac sam bith dhen bhathar dhigiteach. Faodaidh bathar digiteach a bhith fo shealbh Microsoft no treas-pàrtaidhean. Co-dhiù no co-dheth, sa h-uile dòigh, tuigidh agus aidichidh tu gu bheil na còirichean agad a thaobh a’ bhathair dhigitich cuingichte fo na teirmichean seo, fo lagh còrach-lethbhreac agus riaghailtean a’ chleachdaidh air https://go.microsoft.com/fwlink/p/?LinkId=723143. Aontaichidh sibh nach feuch sibh ri bathar digiteach sam bith a fhuair sibh slighe gin de na seirbheisean atharrachadh air adhbhar sam bith, a’ gabhail a-steach cur às aithne no atharrachadh aodhnaireachd no tùs a’ bhathair dhigitich. Faodaidh Microsoft no sealbhadairean a’ bhathair dhigitich bathar digiteach a thoirt air falbh o na seirbheisean gun rabhadh o àm tu àm.
Stòras Microsoft
- k. Stòras Microsoft.
- i. Riarachadh stòras OneDrive. Ma chaidh barrachd susbaint a stòradh air an OneDrive agad na chaidh a thoirt dhut fo theirmichean na seirbheise fo-sgrìobhaidh agad an-asgaidh no pàighte air stòras Microsoft agus mur freagair thu rabhadh o Microsoft a dh’iarras ort do chunntas a chàradh le toirt air falbh na susbainte a bharrachd no le gluasad gu plana fo-sgrìobhaidh ùr le barrachd stòrais na lùib am broinn 30 latha on a chuir sinn brath-naidheachd thugad (no ùine nas fhaide ma chaidh sin a shònrachadh sa bhrath-naidheachd), tha sinn a’ gleidheadh na còrach gun dùin sinn an cunntas agad agus gun dubh sinn às no gun cuir sinn às don chomas agad faighinn dhan t-susbaint agad air OneDrive. Tha barrachd fiosrachaidh mu na crìochan stòrais an-seo (https://prod.support.services.microsoft.com/office/how-does-microsoft-storage-work-2a261b34-421c-4a47-9901-74ef5bd0c426).
- ii. Dèanadas seirbheis OneDrive. A-rèir cùisean mar an uidheamachd agus an ceangal dhan eadar-lìon agaibh agus na h-oidhirpean na nì Microsoft gus an dèanadas is an treibhdhireas aig an t-seirbheis aca a ghlèidheadh, dh’fhaoidte gum fiosraich sibh dàil air luchdadh suas no sioncronachadh na susbainte air OneDrive o àm gu àm.
- iii. Rabhadh Dùnadh OneDrive. Gheibh thu rabhadh co-dhiù mìos ro làimh mus dùin sinn an cunntas OneDrive agad ri linn neo-ghnìomhachd a-rèir Earrainn 4.a.ii. Mas e fo-sgrìobhadh pàighte a th’ agad, cha dùin sinn an cunntas agad ri linn neo-ghnìomhachd rè na h-ùine a phàigh thu airson OneDrive a chleachdadh.
- iv. Atharraichean air seirbheisean. Cuiridh sinn brath thugad co-dhiù 30 latha ro làimh ma dh’adhbharaicheas atharrachadh sam bith anna n seirbheisean stòras an-asgaidh no pàighte Microsoft gun caill thu cothrom air an t-susbaint agad air OneDrive.
- v. Fo-sgrìobhaidhean air airgead. Ma lùghdaicheas sinn na th’ agad de stòras Microsoft no ma chuireas sinn crìoch air seirbheis OneDrive, faodaidh tu crìoch a chur air an fho-sgrìobhadh pàighte agad agus bheir sinn ath-dhìoladh pàirteach dhut a-rèir na th’ air fhàgail dhen fho-sgrìobhadh. Cuiridh sinn brath thugaibh 30 latha ro làimh air a char as anmoiche mu atharrachadh sam bith dhen leithid agus feumaidh sibh crìoch a chur air an fho-sgrìobhadh am broinn na h-ùine a chaidh a mhìneachadh sa bhrath.
- vi. Riarachadh stòras Outlook.com. Ma thèid thu seachad air a’ chrìoch stòrais agad sa bhogsa-phuist Outlook.com agad no air stòras Microsoft a fhuair thu an cois fo-sgrìobhaidh an-asgaidh no air airgead, chan urrainn dhut teachdaireachdan a chur no fhaighinn gus an toir thu air falbh còrrlach na susbainte no gus am faigh thu fo-sgrìobhadh ùr aig a bheil stòras gu leòr. Mur an toir thu air falbh còrrlach na susbainte no mur am faigh thu stòras a bharrachd gu leòr an dèidh Microsoft fios a chur thugad, tha sinn a’ glèidheadh na còrach an t-susbaint agad a sguabadh às no casg a chur air inntrigeadh dha. Tha barrachd fiosrachaidh mu na crìochan stòrais an-seo (https://prod.support.services.microsoft.com/office/how-does-microsoft-storage-work-2a261b34-421c-4a47-9901-74ef5bd0c426).
Microsoft Cashback
- l. Microsoft Cashback. Bheir prògram Microsoft Cashback (“cashback”) comas do chustamairean Microsoft cashback a chosnadh is iad a’ dèanamh seopadaireachd sna bùthan aig mion-reiceadairean a tha a’ gabhail pàirt san sgeama ’s iad a’ cleachdadh bathar is seirbheisean Microsoft àraidh mar Bing.com agus Microsoft Edge. Le bhith a’ rolachadh ann an cashback no a’ gnìomhachadh tairgse cashback, bidh tu a’ gabhail ri teirmichean ⁊ cumhaichean cashback (https://www.microsoft.com/bing/rebates-terms). Tha cuid a riaghailtean ann a thaobh ion-ròghnachd is grunn chuingeachaidhean air com-pàirteachas ann an cashback; airson barrachd fiosrachaidh faic CÀBHA cashback (https://www.bing.com/rebates/faq).
Microsoft Rewards
- m. Microsoft Rewards.
- i. Fiosrachadh coitcheann. Faodar a dhol an sàs Microsoft Rewards (am “prògram Rewards”) an-asgaidh agus bheir e comas dhut “puingean” a chosnadh airson gnìomhachdan àraidh agus airson cleachdadh pearsanta de chuid a bhathar agus seirbheisean Microsoft. Ma tha cunntas Microsoft agad agus ma tha thu ann an roinn-dùthcha a tha a’ gabhail pàirt sa phrògram (faic gu h-ìosal), bidh an cunntas agad air a rolachadh sa phrògram Rewards gu fèin-obrachail agus is urrainn dhut tòiseachadh air puingean a chosnadh sa bhad. ’S urrainn dhut crìoch a chur air do chom-pàirteachas sa phrògram Rewards uair sam bith is tu a’ leantainn an stiùiridh gu h-ìosal.
- ii. ’S urrainn dhut na puingean agad a chur gu feum air grunn dhòighean (“roghainnean cuir gu feum”), fiù cuid a bhathar is seirbheisean a chì thu air an duilleag airson puingean a chur gu feum aig https://aka.ms/redeemrewards (“Rewards”). Mus urrainn dhut na puingean agad a chur gu feum air dòigh sam bith, feum tu cunntas prògram nan Rewards a ghnìomhachadh an toiseach (“cunntas nan Rewards”) air deas-bhòrd nan Rewards aig https://rewards.microsoft.com/ no air làrach no duilleag iomchaidh eile aig Microsoft. Cha chosg e dad cunntas nan Rewards agad a ghnìomhachadh.
- iii. Tha cuid a chuingeachaidhean agus crìochan ann a thaobh cosnadh, cur gu feum agus cleachdadh eile nam puingean sa phrògram Rewards. Airson barrachd fiosrachaidh, faic earrann Rewards sna https://support.microsoft.com (“CÀBHA”).
- iv. Riatanasan. Feumaidh tu cunntas Microsoft dligheach agus feumaidh tu fuireach ann an aon dhe na roinnean-dùthcha a chì thu air liosta nan roinnean-dùthcha sna CÀBHA mus urrainn dhut an cunntas Rewards agad a ghnìomhachadh agus puingean a chosnadh, a chur gu feum no an cleachdadh air dòigh eile. Chan fhaod thu ach aon chunntas Rewards fhosgladh agus a chleachdadh, fiù ma tha barrachd air aon seòladh puist-d agad. Faodaidh suas ri sia cunntasan Rewards a bhith san aon teaghlach. ’S ann dìreach a-chùm cleachdaidh phearsanta is neo-choimeirsealta ’s a tha prògram Rewards. Ma chleachdas tu lìonra prìobhaideach biortail (VPN) no teicneolas no seirbheis eile a chuireas sgleò air d’ ionad san t-saoghal, dh’fhaoidte gun cuir sinn gu neoini an cunntas Rewards agad agus gun caill thu na puingean a choisinn thu gu ruige sin.
- v. A’ cosnadh puingean. Dh’fhaoidte gun tèid cothrom a thoirt dhut puingean a chosnadh airson gnìomhachdan iomchaidh àraidh (“tairgsean”), can rudan a lorg no a cheannach, bathar no seirbheisean Microsoft àraidh a chleachdadh no cothroman eile o Microsoft. Feumaidh cunntas Rewards gnìomhach a bhith agad mus urrainn dhut gabhail ri tairgse d’ a leithid. An dèidh dhut na riatanasan aig tairgsean àraidh a choileanadh, dh’fhaoidte gum bi agad ris na puingean a thagradh air deas-bhòrd nan Rewards mus bi na puingean agad buileach agus mus nochd iad sa chunntas Rewards agad. Mur an tagair thu na puingean ron cheann-là a thug Microsoft dhut, dh’fhaoidte gun caill thu na puingean. Chan fhaighear na h-aon tairgsean ann an diofar roinnean-dùthcha agus dh’fhaoidte nach fhaighear iad ach fad ùine àraidh no gum bi iad fo chuingeachadh eile. Feumaidh tu gèilleadh ri gach teirm is cumha aig tairgse àraidh mus fhaigh thu na puingean a thig an sàs na tairgse ud. Dh’fhaoidte gum faic thu na tairgsean air deas-bhòrd nan Rewards fhèin no nuair a chleachdas tu bathar is seirbheisean Microsoft àraidh. Dh’fhaoidte gun tairg no gun toirt Microsoft dhut puingean a bharrachd o àm gu àm, a-rèir a thoil fhèin, agus le no gun rabhadh ro làimh, a’ gabhail a-staigh duaisean airson rudan a tha nan luirg dheagh-rùn ann an sùilean Microsoft no airson eadar-ghabhail eile le seirbheisean Microsoft.
- vi. A thaobh prògram nan Rewards, tha “lorg” a’ ciallachadh gun cuir an cleachdaiche teacsa a-steach ann an deagh-rùn airson toraidhean luirg fhaighinn o Bing airson a’ chleachdaiche fhèin; chan eil “lorg” a’ gabhail a-staigh rudan nach eil nam fìor-luirg airson rannsachadh pearsanta no ceasnachan a rinneadh le bot, macro no dòigh fhèin-obrachail no fhoilleil eile de sheòrsa sam bith. A thaobh prògram nan Rewards, ’s e “faotainn” am pròiseas anns an ceannaichear no a luchdaichear a-nuas bathar agus anns am faighear ceadachas airson susbaint dhigiteach calg-dhìreach o Microsoft, ge be an-asgaidh no air airgead. Chan fhaighear puingean air gach rud a cheannaichear aig Microsoft agus dh’fhaoidte gum bi cuingeachaidhean an sàs.
- vii. Cuingeachaidhean is crìochan air puingean. Bheir Microsoft seachad puingean do chunntasan Rewards fa leth agus cha ghabh an tar-chur gu neach no eintiteas eile. Gidheadh, faodaidh gun toir Microsoft cead dhut o àm gu àm agus a rèir a thoil fhèin (i) puingean a cho-roinneadh am broinn do theaghlaich (dh’fhaoidte gum bi cuingeachadh an sàs), (ii) na puingean agad a thoirt do bhuidheann neo-phrothaideach is iad air liosta air an duilleag far an cuirear gu feum puingean no (iii) a rèir na roinn-dùthcha far a bheil thu agus fo bhuaidh theirmichean is chumhaichean eile, na puingean agad no cuid dhiubh a chur gu feum ann an duaisean no ann am prògraman dìlseachd eile, a’ gabhail a-staigh prògraman a tha Microsoft a’ ruith no feadhainn aig treas-phàrtaidhean le cead. ’S ann aig Microsoft a tha agus a bhios na puingean aig àm sam bith agus cha bhith iad agad mar shealbh pearsanta; chan eil luach airgid annta agus chan eil cead agad airgead sam bith fhaighinn orra. Bheirear seachad puingean mar dhuais ann an iomairtean a-mhàin. Chan urrainn dhut puingean a cheannach. Dh’fhaoidte gun cuingich Microsoft uiread nam puingean no Rewards a dh’fhaodar cosnadh no a dh’fhaodadh a bhith aig duine no teaghlach no ann an ùine shònraichte (m.e. san aon latha) ach ma chuireadh seo ana-chothrom ort a’ briseadh an deagh-rùin: thoir sùil air na CÀBHA airson na cuingeachaidhean a th’ ann aig an àm seo. Mur eil tairgse no roghainn airson an cur gu feum ag innse a chaochladh, cha bhi puingean a choisinn thu sa phrògram dligheach ann am prògram sam bith eile aig Microsoft no treas-phàrtaidh. Falbhaidh ùine air puingean sa chunntas Rewards agad nach do chuir thu gu feum mur an do choisinn no mur an do chuir thu gu feum puing sam bith sa chunntas Rewards agad fad 12 mìos an dèidh a chèile.
- viii. Cur gu feum. Chithear roghainnean airson puingean a chur gu feum air an duilleag far an cuirear gu feum iad agus air làraichean is duilleagan Microsoft àraidh eile. Feumaidh tu na puingean air fad air a bheil feum a chosnadh agus feumaidh iad a bhith deas ri do làimh sa chunntas Rewards agad mus urrainn dhut na puingean agad a chur gu feum airson roghainn àraidh a th’ ann. Dh’fhaoidte gum bi àireamh chuingichte de Rewards àraidh ri fhaighinn agus an neach as luaithe làmh, ’s e as fheàrr cuid. Dh’fhaoidte gum bi agad barrachd fiosrachaidh a thoirt seachad, mar an seòladh puist agad agus àireamh fòn (seach VOIP no àireamh shaor an-asgaidh) agus dh’fhaoidte gun iarrar ort còd a chur a-steach airson foill a bhacadh no d’ ainm a chur ri sgrìobhainnean laghail mus urrainn dhut puingean a chur gu feum airson roghainnean àraidh. Turas a chuir thu na puingean agad gu feum, chan urrainn dhut a chur gu neoini no na thagh thu air an son a thilleadh airson ath-dhìoladh de phuingean ach dìreach ma bhios am bathar lochdach no ma sparras na laghan iomchaidh seo oirnn. Ma thaghas tu roghainn airson an cur gu feum is mur eil stoc air fhàgail no nach eil ri fhaighinn air adhbhar eile, dh’fhaoidte gun toir sinn rud eile dhut na àite aig a bheil luach coltach ris no ma thogras sinn, gun till sinn na puingean dhut.
- ix. Faodaidh Microsoft roghainnean sònraichte airson puingean a chur gu feum ùrachadh no crìoch a chur orra uair sam bith air adhbhar sam bith. Dh’fhaoidte gum bi cuid a roghainnean airson puingean a chur gu feum a’ crochadh air aois no roinn-dùthcha àraidh no teirmichean no cumhaichean eile a thaobh mar an tèid an cur gu feum. Gheibhear fiosrachadh mu riatanasan no cumhaichean mar sin an cois na tairgse fhèin. ’S ann ort fhèin a bhios uallach a thaobh chìsean is chosgaisean sam bith eile a dh’èireas an cois cur gu feum nam puingean. Thèid Rewards a chur gun phost-d a tha co-cheangailte ris a’ chunntas Microsoft agad agus tha e cudromach gun cùm thu an seòladh puist-d agad ùraichte leis a sin. Mur a ghabh Reward a lìbhrigeadh, cha tèid a chur às ùr is caillear còir orra. Chan fhaodar Rewards ath-reic. Chan fhaod thu barrachd air 550,000 puing a chur gu feum sa phrògram Rewards san aon bhliadhna mhìosachain.
- x. A’ cur gu neoini a’ chunntais Rewards agad. Mur eil thu airson pàirt a ghabhail sa phrògram Rewards tuilleadh, lean ris an stiùireadh air an duilleag airson ro-aonta a thoirt air falbh (https://rewards.microsoft.com/optout) is cuir gu neoini an cunntas Rewards agad an-sin. Ma chuireas tu gu neoini an cunntas Rewards agad, caillidh tu na puingean a choisinn thu sa bhad agus chan urrainn dhut tuilleadh phuingean a chosnadh às a dhèidh sin. Airson puingean a chosnadh a-rithist, bidh agad ri cunntas Rewards ùr fhosgladh (ach chan aisig Microsoft puingean a chaill thu roimhe). Faodaidh sinn an cunntas Rewards agad a dhubhas às (agus na puingean a tha na bhroinn) mur an do chlàraich thu a-steach dhan chunntas Microsoft agad fad 12 mìos an dèidh a chèile.
- xi. Atharraichean air a’ phrògram no crìochnachadh. Tha Microsoft a’ glèidheadh na còrach prògram nan Rewards no pàirt dheth atharrachadh no crìoch a chur air uair sam bith, air a thoil fhèin agus gun rabhadh ro làimh. Ge-tà, ma thachras gun tèid crìoch a chur air prògram nan Rewards, nì sinn oidhirp reusanta fios a leigeil air a’ phost-d agus air deas-bhòrd nan Rewards agus co-dhiù 90 latha a thoirt dhut airson na puingean a th’ agad a chur gu feum ach ma tha sinn dhen bheachd gum feum sinn a chur gu neoini sa bhad air sgàth lagha no adhbhar tèarainteachd.
- xii. Teirmichean eile. Tha Microsoft a’ glèidheadh na còrach an cunntas Rewards agad a chur gu neoini sa bhad, casg a chur air com-pàirteachas ann am prògram nan Rewards san àm ri teachd, na puingean air fad a choisinn thu a chur gu neoini agus dad a fhuair thu air na puingean sa phrògram Rewards a chur gu neoini no na dhàil ma tha Microsoft dhen bheachd gun robh thu ri fiolcadh, mì-ghnàthachadh no foill sam bith ann am pàirt sam bith de phrògram nan Rewards no gun do bhris thu na teirmichean seo. Tha Microsoft cuideachd a’ glèidheadh na còrach dad a fhuair thu no a bha thu airson faighinn air na puingean sa phrògram Rewards a chur gu neoini no na dhàil ma tha Microsoft dhen bheachd nach eil cead agad na puingean a chur gu feum air an dòigh sin air sgàth adhbharan laghail (can laghan às-phortaidh). Ged a nì Microsoft a dhìcheall gun a bhith a’ dèanamh rudan air mhearachd, tachraidh feadhainn o àm gu àm. Ri linn sin, tha Microsoft a’ glèidheadh na còrach mearachdan mar sin a chur ceart uair sam bith, fiù ma bhios buaidh air tairgsean làithreach no puingean no Rewards a tha ri dhèiligeadh, puingean a choisinn thu no puingean a chuir thu gu feum. Ma bhios neo-chunbhalachd no diofar eadar teirmichean prògram nan Rewards no aithris eile a tha ann an stuthan no sanasachd cho-cheangailte, ’s ann aig na teirmichean seo a bhios làmh an uachdair.
Azure
- n. Azure. Tha cleachdadh na seirbheise Azure fo bhuaidh teirmichean is cumhaichean an aonta fa leth a fhuair thu na seirbheisean ud foidhe, mar a chaidh am mìneachadh air duilleag an fhiosrachaidh laghail aig Microsoft Azure aig https://aka.ms/AA7z67v.
Microsoft Soundscape
- o. Microsoft Soundscape. Tha thu ag aideachadh nach deach Microsoft Soundscape (1) a dhealbhadh mar ga chur ri làimh mar uidheam meadaigeach agus (2) nach deach a dhealbhadh mar uidheam an àite comhairle, diagnosachd, leigheasadh no breith mheadaigeach phroifeiseanta agus nach bu chòir do dhaoine a chleachdadh an àite comhairle, diagnosachd, leigheasadh no breith mheadaigeach phroifeiseanta.
Power Platform
- p. Power Platform. Tha cleachdadh na seirbheise Power Platform fo bhuaidh teirmichean is cumhaichean an aonta fa leth a fhuair thu na seirbheisean ud foidhe, mar a chaidh am mìneachadh air duilleag an fhiosrachaidh laghail aig Microsoft Power Platform aig Microsoft Power Platform (https://www.microsoft.com/en-us/power-platform/business-applications/legal).
Dynamics 365
- q. Dynamics 365. Tha cleachdadh na seirbheise Dynamics 365 fo bhuaidh teirmichean is cumhaichean an aonta fa leth a fhuair thu na seirbheisean, mar a chaidh am mìneachadh air duilleag an fhiosrachaidh laghail aig Dynamics 365 aig Microsoft Dynamics 365 (https://www.microsoft.com/en-us/dynamics-365/business-applications/legal).
Àrainneachdan Copilot AI
- r. Àrainneachdan AI Copilot AI. Cleachdaidh tu àrainneachdan Copilot AI (ach Copilot le dìon dàta coimeirsealta) fo bhuaidh nan teirmichean is cumhaichean a bharrachd a fhuair thu na seirbheisean seo fodhpa mar a chaidh a mhìneachadh ann an Copilot - Teirmichean a’ chleachdaidh (bing.com) (https://www.bing.com/new/termsofuse#content-policy) agus sna teirmichean seo. Mas e cleachdaiche Microsoft Copilot le dìon dàta coimeirsealta a th’ annad, tadhail air an duilleag seo ’s thoir sùil air na teirmichean cleachdaidh a tha buailteach dhut fhèin, còmhla ris na teirmichean seo: https://aka.ms/BCETermsOfUse.
Seirbheisean AI
- s. Seirbheisean AI. Tha na “seirbheisean AI” nan seirbheisean no gleusan a chleachdas teicneolas faisneise fuadain (AI), a’ gabhail a-staigh seirbheisean AI gineil.
- i. Chan e comhairle phroifeiseanta a th’ ann. Cha deach na seirbheisean AI a dhealbhadh airson àite comhairle phroifeiseanta a ghabhail.
- ii. Einnseanaireachd chontrarra. Chan fhaod thu na seirbheisean AI a chleachdadh airson co-phàirt sam bith dhe na modailean, algairimean is siostaman a rùrachadh. Mar eisimpleir, chan fhaod thu cudroman nam modailean fhiosrachadh no a thoirt air falbh no gin dhe na pàirtean aig an AI a tharraing às an uidheim agad.
- iii. Ag às-tharraing dàta. Mur eil cead follaiseach airson seo, chan fhaod thu dàta a tharraing às na seirbheisean AI slighe sgròbadh-lìn, buain-lìn no dòighean às-tharraing dàta-lìn.
- iv. Crìochan air cleachdadh an dàta o na seirbheisean AI. Chan fhaod thu na seirbheisean AI no dàta o na seirbheisean AI a chleachdadh airson teicneolas AI sam bith eile a chruthachadh, a thrèanadh no a leasachadh (air dòigh dhìreach no neo-dhìreach).
- v. Cleachdadh na susbainte agad. Mar phàirt de sholar nan seirbheisean AI, làimhsichidh agus stòraidh Microsoft na chuireas tu a-steach dhan t-seirbheis agus às-chur na seirbheise airson sùil a chumail airson agus casg a chur air mì-chleachdadh na seirbheise no às-chur cronail na seirbheise.
- vi. Seilbheadaireachd na susbainte. Chan eil Microsoft a’ tagradh seilbh air susbaint sam bith a bheir thu seachad, a phostas tu, a chuireas tu a-steach no a gheibh thu o na seirbheisean AI (a’ gabhail a-staigh beachdan is molaidhean). Feumaidh tu fhèin co-dhùnadh dè na còraichean inntleachdail a th’ agad a thaobh às-chur na susbainte agus mar is urrainn dhut a chleachdadh, a’ gabhail a-staigh, am measg rudan eile, na tha am beachd dhut dèanamh leis agus na laghan iomchaidh far a bheil thusa. Tha thu a’ toirt geall is aideachadh gur ann agad-sa a tha còraichean air an t-susbaint agad no fo do smachd mar a mhìnicheadh sna teirmichean, a’ gabhail a-staigh, gun chuingeachadh, na còraichean a dh’fheumas tu airson an t-susbaint a thoirt seachad, a phostadh, a luchdadh suas, a chuir a-steach no a chur a-null.
- vii. Teisteasan na susbainte Ma chleachdas tu seirbheisean AI airson susbaint a ghintinn, dh’fhaoidte gun glèidh Microsoft fiosrachadh mun t-susbaint a chruthaicheas tu is gun ceangail iad am fiosrachadh is an t-susbaint seo ri teisteas na susbainte. Chan fhaod thu na seirbheisean AI a chleachdadh no susbaint a chruthachadh airson teisteasan susbainte no dòighean eile a chomharraicheas an tùs a thoirt air falbh, atharrachadh no a chur am falach no na seirbheisean AI a chleachdadh air dòigh sam bith eile airson susbaint a ghintinn a chuireas an sùilean dhaoine eile nach deach a ghintinn leis na seirbheisean AI.
- viii. Tagraidhean le treas-phàrtaidhean. ’S ann ort fhèin a tha uallach freagairt ri tagradh le treas-phàrtaidh sam bith a thaobh mar a chleachd thu na seirbheisean AI fo na laghan iomchaidh (a’ gabhail a-staigh ach chan ann a-mhàin a thaobh briseadh a-steach air còir-lethbhreac no tagraidhean eile co-cheangailte ri às-chur susbainte a fhuair thu aig na seirbheisean AI).
- ix. Cuingeachaidhean cleachdaidh. A bharrachd air gèilleadh ris a’ chòd-ghiùlain gu h-àrd, tha thu ag aontachadh nach cleachd thu na seirbheisean AI, a’ gabhail a-staigh feadhainn a nì co-dhùnaidhean no a nì gnìomhan, leotha fhèin no le ìre de dh’eadraiginn dhaonna:
- 1. Airson co-dhùnaidhean no gnìomhan a dhèanamh gun mharasgladh daonna iomchaidh ma bhios buaidh nach beag aca air inbhe laghail no ionmhasail aig neach sam bith, na cothroman fastaidh no còraichean daonna aca no a dh’adhbharaicheas, ma dh’fhaoidte, cron fiosaigeach no saidhg-eòlach do neach no buidheann de dhaoine;
- 2. Airson mealladh no droch-fhiosrachadh a dh’aona-ghnothaich (m.e. sanasachd mheallta) no airson uilt-obrach fho-limineil (m.e. comharran lèirsinneach, fuaimneil no rud eile a tha seachad air ceudfathan dhaoine) airson giùlan cuideigin a stiùireadh no a chur claon air dòigh a bheir cron orra;
- 3. Airson neach sam bith a dhubh-shaothrachadh is iad so-leònta air sgàth aois, ciorraim no suidheachaidh shòiseo-eaconomaich àraidh airson buaidh a thoirt air giùlan an neach ud no a’ bhuidhinn de dhaoine ud air dòigh a dh’adhbharaicheas cron nach beag air an neach ud no neach eile no a tha buailteach adhbharachadh;
- 4. Airson sgòradh sòisealta no pròifileadh ro-innseach a dh’adhbharaicheas làimhseachadh mì-chothromach, millteach, neo-fhàbharrach no cronail de dhaoine no buidhnean de dhaoine àraidh;
- 5. Airson measadh a dhèanamh air cunnart eucoireachd de dhaoine nàdarra dìreach air sgàth pròifileadh de neach nàdarra no air sgàth anailis air an cuid nàdar is dualan. Cha bhi an toirmeasg seo an sàs ann an seirbheisean AI a chumas taic ri daoine a tha airson measadh air a’ chom-pàirteachas aig neach ann an gnìomhachd eucoireach a tha stèidhichte air mu thràth air fiosrachadh cuspaireach is so-dhearbhadh aig a bheil co-cheangal dìreach ri gnìomhachd eucoireach;
- 6. Stèidhichte air an dàta bheò-meatrach aca, daoine a sheòrsachadh no tomhas a dhèanamh air an cinneadh, beachdan poilitigeach, ballrachd ann an aonadh ciùird, creideamh no feallsanachd, gnàthasan feiseil no aidmheil fheiseil ach a-mhàin airson leubaileadh no criathradh de sheataichean dàta beò-meatrach a fhuaradh air dòigh laghail, can dealbhan stèidhichte air dàta beò-meatrach no seòrsachadh de dhàta beò-meatrach le seirbheisean co-èigneachadh an lagha;
- 7. Airson stòir-dhàta aithneachadh aodainnean a chruthachadh no a leudachadh tro sgròbadh neo-thargaidichte de dhealbhan aodainn on eadar-lìon no CCTV;
- 8. Airson teicneolas aithneachadh aodainnean fìor-amail aig camarathan mobile a chleachdas seirbheisean co-èigneachadh an lagha air feadh an t-saoghail airson daoine fa leth aithneachadh gun rian, “a-muigh an-sin”, a’ gabhail a-staigh (gun chuingeachadh) oifigearan poilis air freiceadan le camara air an cuid bodhaig no air deas-bhòrd carbaid a chleachdas teicneolas aithneachadh aodainnean airson daoine fa leth aithneachadh ann an stòr-dàta de dhaoine fo amharas no a bh’ anns a’ phrìosan roimhe; no
- 9. Airson tomhas a dhèanamh air staid fhaireachail cuideigin stèidhichte air na dualan fiosaigeach, beò-eòlach no giùlanach aca (m.e. fiamhan an aodainn, gluasadh an aodainn no pàtranan cainnte), a’ gabhail a-staigh tomhas air faireachdainnean mar fhearg, sgreamh, toileachas, bròn, iongnadh, eagal no briathran eile a mhìnicheas staid fhaireachail neach a ghnàth.
Achd na So-ruigsinneachd Eòrpach (EAA) / Steòrnadh (AE) 2019/882
- t. Achd na So-ruigsinneachd Eòrpach (EAA) / Steòrnadh (AE) 2019/882. Chaidh seirbheisean a tha fo bhuaidh EAA an dealbhadh airson ’s gun gèill iad ri stannard na so-ruigsinneachd ETSI EN 301 549. Cuiridh Microsoft na seirbheisean a tha fo bhuaidh a dhèanamh cinnteach gun gèill iad ris an stannard. Gheibhear tuairisgeul air na seirbheisean fa leth agus mar a chleachdar iad aig https://support.microsoft.com, air làrach-lìn na seirbheise no am broinn na seirbheise fhèin.
Seirbheisean conaltraidh
- u. Seirbheisean conaltraidh. Tha seirbheisean a bheir seachad comas conaltraidh eadar daoine, a’ gabhail a-staigh ach chan iad a-mhàin, Skype, Teams, Outlook agus GroupMe fo bhuaidh teirmichean cleachdaidh a bharrachda gheibhear aig https://aka.ms/useterms còmhla ris na teirmichean seo fhèin.
Measgaichte
14. Measgaichte. Mairidh an earrann seo agus earrannan 1, 9 (a thaobh suimean airgid a dh’èirich ro dheireadh nan teirmichean seo), 10, 11, 12, 16 agus an fheadhainn a bhios an sàs an dèidh an crìoch a-rèir an teirmichean fhèin beò tro chrìochnachadh no sgur sam bith de na teirmichean seo. Faodaidh gum builich no tar-chuir no toir sinn seachad ar còraichean is uallaichean fo na teirmichean seo, gu tur no gu ìre, aig àm sam bith agus gun fhiosta fhad ’s nach èirich dolaidh dhuibh ri linn buileachaidh, tar-chuir no toirt seachad den leithid. Chan fhaod sibh na teirmichean seo no còraichean sam bith gus na seirbheisean seo a chleachdadh a buileachadh, a thar-chur no a thoirt seachad ann an dòigh sam bith eile. Mas ann sa Ghearmailt a bhios tu a’ fuireach, chan eil casg ort ro bhith ag ath-iomruineadh tagradh ionmhasail an aghaidh Microsoft, Seo an t-aonta gu lèir eadar sibh fhèin agus Microsoft a thaobh ur cleachdadh nan seirbheisean. Tha e a’ tighinn an àite seann aonta sam bith eadar sibh fhèin agus Microsoft a thaobh ur cleachdadh nan seirbheisean. Bidh a h-uile pàirt de na teirmichean seo an sàs chun na h-ìre as motha a cheadaicheas lagha iomchaidh. Ma chumas cùirt no neach-breithneachaidh ris nach urrainn dhuinn pàirt de na teirmichean seo èigneachadh mar a chaidh an sgrìobhadh, bithear a’ meas gun deach teirmichean coltach riutha a chur nan àite air an ìre as motha a ghabhas seo èigneachadh fo lagha iomchaidh ach chan atharraich an corr de na teirmichean seo. Is ann air do shon-sa agus air ar son-ne a-mhàin a tha sna teirmichean seo. Chan ann airson neach sam bith eile a tha e ach a-mhàin co-arban is iomruinichean Microsoft. Chan eil ceann-sgrìobhaidhean nan earrannan ach a chum iomraidh a-mhàin.
15. Cur gu neoini laghan dìona a’ chustamair dheireannaich. Ma tha thu nad mheanbh-ghnìomhachas, gnìomhachas beag no buidheann neo-phrothaideach, aontaichidh tu gun cuir thu gu neoini gach làn-chòir a bhiodh agad fon European Electronic Communications Code (Directive 2018/1972) earrannan 1, 3 agus 5 dhen Alt 102; earrann 1 dhen Alt 105; agus earrannan 1 agus 3 dhen Alt 107.
16. Laghan às-phortaidh. Feumaidh tu gèilleadh ri lagh os conn-riaghailt nàiseanta is eadar-nàiseanta sam bith a thaobh às-phortadh a’ bhathair-bhog agus/no nan seirbheisean agus faodaidh seo a ghabhail a-steach cuingeachadh a thaobh cinn-uidhe, cleachdaichean deireannach is cleachdadh deireannach. Airson barrachd fiosrachaidh a thaobh cuingeachaidhean cruinn-eòlais is às-phortadh, tadhail air https://www.microsoft.com/exporting.
17. Glèidheadh nan còraichean agus beachdan thugainn. Seach ma chaidh seo a sholar gu follaiseach fo na teirmichean seo, cha toir Microsoft Ceadachas no còir sam bith eile de sheòrsa sam bith dhut fo pheutant, ealantas, còraichean-lethbhreac, rùn malairt, comharra-malairt no sealbh inntleachdail sam bith eile a tha fo shealbh no smachd Microsoft no eintiteis co-cheangailte rinn, a’ gabhail a-steach ach gun chuingeachadh ainm, deise-malairt, suaicheantas no an co-leithid. Ma bheir thu beachd-smuain, tairgse, moladh no beachd dha Microsoft, a’ gabhail a-steach gun chuingeachadh beachdan ùra air batharan, teicneolasan, iomairtean no ainmean bathair agus do bheachd air bathair no air leasachadh bathair (“beachd thugainn”), bheir thu dha Microsoft còir gun tàille airgid, dligheachdan no dleastanas sam bith eile dhut, gus obraichean a tha stèidhichte air a dhèanamh san àm a dh’fhalbh agus ri teachd agus gus do bheachdan a chleachdadh, a cho-roinneadh agus airgead a dhèanamh asta air dòigh no adhbhar sam bith. Cha toir thu seachad beachdan a bhios a’ crochadh ri ceadachas a sparradh air Microsoft am bathar-bog, teicneolasan no docamaideadh aige a thoirt seachad fo cheadachas do threas-phàrtaidh sam bith air sgàth ’s gu bheil do bheachdan ann.
BRATHAN
Brathan agus dòighean gus tairgsean a chur a thaobh briseadh a-steach air còraichean seilbh innleachdail. Tha spèis aig Microsoft do còraichean seilbh innleachdail aig treas-phàrtaidhean. Ma tha tagradh agaibh a thaobh briseadh seilbh innleachdail, a’ gabhail a-steach briseach còrach-lethbhreac, bu chòir dhuibh a leithid a bhrath a chur don riochdaire shònraichte aig Microsoft. Airson mion-fhiosrachaidh is fiosrachadh conaltraidh, thoir sùil air Brath is modh-obrach gus tagraidhean a chur mu bhriseadh a-steach air còir-lethbhreac (https://www.microsoft.com/legal/intellectualproperty/infringement), a tha na phàirt dhe na teirmichean seo.
Tha Microsoft a’ leantainn nam pròiseasan a chithear ann an Title 17, United States Code, Section 512 agus, far a bheil sin iomchaidh, Chapter III of Regulation (EU) 2022/2065, airson freagairt a thoirt do bhrathan a thaobh briseadh de chòraichean-lethbhreac. Ma bhios sin iomchaidh, faodaidh gun cuir Microsoft cunntasan aig luchd-cleachdaidh sheirbheisean Microsoft à comas no gun cuir iad crìoch orra ma nithear briseadh is ath-bhriseadh a-steach air còraichean. A bharrachd air sin, ma bhios sin iomchaidh, dh’fhaoidte gun sguir Microsoft dhen a bhith a’ phròiseasadh nam brathan o dhaoine no buidhnean a chuireas brath gun stàth gu tric. Gheibhear mìneachadh a bharrachd air na modhan-obrach iomchaidh airson seirbheis a th’ ann, a’ gabhail a-staigh cothrom ath-dhìolaidh airson co-dhùnaidhean a rinn Microsoft mar phàirt dhe na modhan-obrach seo aig Brathan air briseadh a-steach (https://www.microsoft.com/legal/intellectualproperty/infringement).
Sanasan is modhan-obrach a taobh dragh mu shealbh innleachdail ann an sanasachd. Thoir sùil air na riaghailtean mu shealbh innleachdail (https://go.microsoft.com/fwlink/?LinkId=243207) againn a thaobh dragh mu shealbh innleachdail air an lìonra sanasachd againn.
Sanasan còrach-lethbhreac is chomharran-malairt. Tha na seirbheisean fo chòir-lethbhreac © Microsoft Corporation agus/no a chuid luchd-solair, One Microsoft Way, Redmond, WA 98052, SAA. Gach còir glèidhte. Tha na teirmichean a’ gabhail a-staigh stiùireadh Microsoft a thaobh comharran-malairt ⁊ suaicheantas (https://www.microsoft.com/en-us/legal/intellectualproperty/trademarks) (air an tig atharrachadh o àm gu àm). Dh’fhaoidte gum bi Microsoft agus ainmean, suaicheantasan is ìomhaigheagan de bhathar, bathar-bog is seirbheis Microsoft nan comharran-malairt clàraichte no neo-chlàraichte aig buidheann chompanaidhean Microsoft anns na Stàitean Aonaichte agus/no dùthchannan eile. Gheibhear liosta neo-iomlan de chomharran-malairt Microsoft aig https://cdn-dynmedia-1.microsoft.com/is/content/microsoftcorp/microsoft/mscle/documents/presentations/TrademarksListFY25Q3.pdf. Dh’fhaodte gu bheil na h-ainmean aig companaidhean is bathar nan comharran-malairt aig an luchd-seilbh aca. Tha gach còir nach eil ga thoirt seachad a gu follaiseach san aonta seo air a ghlèidheadh. Tha cuid a bhathar-bog a chleachdar air cuid a dh’fhrithealaichean làraichean-lìn Microsoft stèidhichte gu ìre air obair Independent JPEG Group. Còir-lethbhreac © 1991-1996 Thomas G. Lane. Gach còir glèidhte. Tha bathar-bog "gnuplot" a tha ga chleachdadh air grunn frithealaichean làraichean-lìn àraidh aig Microsoft fo chòir-lethbhreac © 1986-1993 Thomas Williams, Colin Kelley. Gach còir glèidhte.
Brath meadaigeach. Cha toir Microsoft seachad comhairle meadaigeach no comhairle cùraim shlàinte, breith no leigheas sam bith eile. Bu chòir dhut bruidhinn ris an dotair agad no solaraiche cùraim shlàinte teisteanaichte eile ma tha ceist sam bith agad a thaobh tinneis, biathadh, cor no prògram slàinte. Na dèan dearmad air comhairle meadaigeach proifeiseanta agus na iarr le dàil e ri linn fiosrachaidh a fhuair thu air no slighe nan seirbheisean.
Luaidhean stoca is dàta inneacsan (a’ gabhail a-steach luachan inneics). Tha am fiosrachadh pearsanta a thèid a sholar dhut leis na seirbheisean a chum do chleachdadh pearsanta, neo-choimeirsealta a-mhàin. Chan fhaod thu gin dhen dàta ionmhasail no de na comharran luchd-gabhail ceadachais treas-phàrtaidh a chleachdadh co-cheangailte ri foillseachadh, cruthachadh, sponsaireachd, malairt, margaideachd no sanasachd de dh’inneal ionmhais no bathar seilbheachd sam bith (mar eisimpleir derivatives, bathar structaraichte, ionmhas seilbheachd, ionmhas a tha ga mhalairt ann an taigh-mhalairt, pasgain seilbheachdan is msaa; far a bheil prìs, buannachd agus/no dèanadas an inneil no bathair tasgaidh stèidhichte no co-cheangailte ri no ag amas air gin dhen dàta ionmhasail a thracadh) gun aonta sgrìobhte fa leth leis an luchd-gabhail cead treas-phàrtaidh.
Sanas ionmhasail. Chan e bròcair/neach-reic no comhairliche sheilbheachdan clàraichte fo lagh feadaraileach nan tèarainteachdan sna Stàitean Aonaichte no ann an uachdranas lagha sam bith eile a tha ann am Microsoft agus cha toir sinn seachad comhairle do dhaoine ach am bu chòir dhaibh tèarainteachd no bathar no seirbheis ionmhais eile a cheannach, a reic no seilbh a chur annta. Chan eil dad a tha sna seirbheisean na thairgse no brosnachadh gus tèarainteachd sam bith a cheannach no a reic. Chan eil Microsoft no an luchd-gabhail cead aige de dhàta stocaichean no dàta inneics a’ cur taic ri no a’ moladh bathar no seirbheis ionmhais sònraichte sam bith. Chan eil dad san t-seirbheis a tha nar fàire mar chomhairle phroifeiseanta, a’ gabhail a-steach gun chuingeachadh seilbheachdan is comhairle chìsean.
Brath mu inbhean bhideo H.264/AVC agus VC-1. Faodaidh gu bheil teicneolas codec H.264/AVC agus/no VC-1 sa bhathar-bhog a tha fo cheadachas MPEG LA, L.L.C. Is e teicneolas airson dùmhlachadh dàta bhideo a tha ann. Feumaidh MPEG LA, L.L.C. am brath seo:
THA AM BATHAR SEO FO CHEADACHAS DO CHEADACHASAN PASGAN PEUTAINT H.264/AVC AGUS VC-1 A CHUM CLEACHDAIDH PHEARSANTA IS NEO-CHOIMEARSALTA LE NEACH-CAITHEIMH GUS (A) BHIDEO A CHÒDACHADH A-RÈIR NAN INBHEAN (“INBHEAN BHIDEO”) AGUS/NO (B) BHIDEO H.264/AVC, AGUS VC-1 A DHÌ-CHÒDACHADH A CHAIDH A CHÒDACHADH LE NEACH-CLEACHDAIDH A THA AN SÀS GNÌOMHA PEARSANTA IS NEO-CHOIMEARSALTA AGUS/NO A FHUARADH O SHOLARAICHE BHIDEO AIG A BHEIL CEADACHAS A LEITHID A BHIDEO A SHOLAR. CHAN EIL CEADACHAS GA THOIRT SEACHAD NO GA FHILLEADH A-STEACH A CHÙM CLEACHDAIDH SAM BITH EILE. GHEIBHEAR FIOSRACHADH A BHARRACHD O MPEG LA, L.L.C. FAIC LÀRACH-LÌN MPEG LA (https://www.mpegla.com).
Dìreach a chùm soilleireachaidh, chan eil am brath seo a’ cuingeachadh no a’ bacadh cleachdadh a’ bhathair-bhog fo sholar nan teirmichean seo a chùm cleachdadh àbhaisteach le gnothachas a tha pearsanta don ghnothachas is nach eil a’ gabhail a-steach (i) ath-sgaoileadh a’ bhathair-bhog do threas-phàrtaidhean no (ii) cruthachadh de stuthan le teicneolasan co-chòrdail le INBHEAN BHIDEO a chùm sgaoileadh do threas-phàrtaidhean.
Brath mu inbhean bhideo H.265/HEVC. Dh’fhaoidte gum bi teicneolas còdachadh H.265/HEVC am broinn a’ bhathair-bhog. Tha Access Advance LLC a’ sparradh oirnn am brath seo a chur ann:
MA BHIOS E NA BHROINN, THA AN TEICNEOLAS H.265/HEVC SA BHATHAR-BHOG SEO FO BHUAIDH CO-DHIÙ AON TAGRADH SNA PEUTANTAN HEVC A CHITHEAR AIG. PATENTLIST.ACCESSADVANCE.COM. A-RÈIR MAR A FHUAIR THU AM BATHAR-BOG, DH’FHAOIDTE GUM BI AM BATHAR SEO FO CHEADACHAS HEVC ADVANCE PATENT PORTFOLIO.
Ma chaidh am bathar-bog seo a stàladh air uidheam Microsoft, gheibhear barrachd fiosrachaidh mun cheadachas an-seo: aka.ms/HEVCVirtualPatentMarking.
TEIRMICHEAN CEADACHAS APLACAID STANNARDACH
TEIRMICHEAN CEADACHAS APLACAID STANNARDACH
AIRSON APLACAIDEAN GAN SOLAR ANN AN RAON EACONAMACH NA h-EÒRPA
MICROSOFT STORE, MICROSOFT STORE AIR WINDOWS AGUS MICROSOFT STORE AIR XBOX
Tha teirmichean a’ cheadachais seo na aonta eadar thu fhèin agus foillsichear na h-aplacaid. Feuchaibh is leughaibh iad. Tha na h-aplacaidean bathair-bhog a luchdaicheas tu a-nuas on Microsoft Store, on Microsoft Store air Windows no o Microsoft Store air Xbox buailteach dhaibh (’s e an “Store” a tha orra uile sa cheadachas seo), a’ gabhail a-steach ùrachadh no iar-leasachan sam bith aige ach ma thig teirmichean sònraichte ri linn na h-aplacaid. Ma thig, ’s iad an fheadhainn ud a bhios an sàs.
MURA GABH THU RIS NA TEIRMICHEAN SEO, CHA BHI CEAD AGAD AN APLACAID A LUCHDADH A-NUAS NO A CHLEACHDADH.
’S e an t-eintiteas a bheir dhut an aplacaid air ceadachas a tha ann am foillsichear na h-aplacaid mar a chithear san Store.
Ma ghèilleas tu ri teirmichean a’ cheadachais seo, bidh na còraichean a leanas agad.
- 1. CÒRAICHEAN STÀLAIDH IS CLEACHDAIDH. Faodaidh tu an aplacaid a stàladh ’s a chleachdadh air uidheaman Windows no consoilean Xbox mar a tha ga mhìneachadh ann an riaghailtean a’ chleachdaidh Microsoft (https://go.microsoft.com/fwlink/p/?LinkId=723143). Tha Microsoft a’ glèidheadh na còrach gun atharraicheamaid riaghailtean a’ chleachdaidh (https://go.microsoft.com/fwlink/p/?LinkId=723143) Microsoft uair sam bith.
- 2. SEIRBHEISEAN STÈIDHICHTE AIR AN EADAR-LÌON.
- a. Aonta airson seirbheisean a tha stèidhichte air an eadar-lìon no uèirleas. Ma nì an aplacaid ceangal ri siostaman coimpiutair slighe an eadar-lìn a dh’fhaodas gabhail a-steach lìonra uèirleas agus ma chleachdas tu an aplacaid, tuigear dheth gu bheil thu ag aontachadh ri tar-chur fiosrachaidh àbhaistich mun uidheam agad (a’ gabhail a-steach ach chan ann a-mhàin fiosrachadh teicnigeach mun uidheam, siostam is bathar-bog na h-aplacaid agad is uidheaman-taice) airson seirbheisean uèirleas no feadhainn a tha stèidhichte air an eadar-lìon. Ma thèid teirmichean eile a thoirt dhuibh a tha co-cheangailte ri ur cleachdadh nan seirbheisean nuair a nì sibh inntrigeadh dhaibh leis an aplacaid, bidh na teirmichean sin an sàs cuideachd.
- b. Mì-fheum de na seirbhisean stèidhichte air an eadar-lìon. Chan fhaod sibh seirbheis-lìn sam bith a chleachdadh air dòigh a nì cron no bacadh a dh’aona-ghnothach air daoine eile a chleachdas an lìonra uèirleas. Chan fhaod thu an t-seirbheis a chleachdadh gus cothrom gun ùghdarrachadh fhaighinn air seirbheis, dàta, cunntas no lìonra sam bith air dòigh sam bith.
- 3. SGÒP A’ CHEADACHAIS. Thathar a’ toirt seachad na h-aplacaid seo air ceadachas agus chan eilear ga reic. Cha toir an t-aonta seo dhuibh ach cuid a chòraichean cleachdaidh air an aplacaid. Ma bheir Microsoft an cothrom air falbh gun cleachd sibh na h-aplacaidean air na h-uidheaman agaibh ri linn nan teirmichean seo, thig crìoch air gach còir cleachdaidh cho-cheangailte. Tha foillsichear na h-aplacaid a’ glèidheadh gach còrach eile. Mur eil lagh iomchaidh ann a bheir barrachd chòraichean dhuibh a dh’aindeoin a’ chuingeachaidh seo, chan fhaod sibh an aplacaid a chleachdadh ach mar a thathar a’ mìneachadh san aonta seo. Nuair a chleachdas sibh e, feumaidh sibh gèilleadh ri cuingeachadh teicnigeach sam bith a tha san aplacaid agus nach leig leibh a chleachdadh ach air dòighean àraidh. Chan fhaod sibh:
- a. Gabhail thairis air cuingeachadh teicnigeach san aplacaid.
- b. Einnseanaireachd chontrarra a dhèanamh air an aplacaid, a dhì-thrusadh no a dhì-thional thairis air na tha ceadaichte dhuibh gu follaiseach fo lagh còrach-lethbhreac iomchaidh a thaobh prògraman coimpiutair a dh’aindeoin a’ chuingeachaidh seo.
- c. Barrachd lethbhreacan dhen aplacaid seo a dhèanamh thairis air na tha ceadaichte san aonta seo no fo na laghan iomchaidh a dh’aindeoin a’ chuingeachaidh seo.
- d. An aplacaid fhoillseachadh no lethbhreacan dheth a chur ri làimh dhaoine eile air dòigh sam bith eile.
- e. An aplacaid a thoirt seachad air mhàl, lìos no iasad.
- f. An aplacaid no an t-aonta seo a shìneadh air adhart gu treas-phàrtaidh sam bith.
- 4. DOCAMAIDEADH. Ma tha docamaideadh ga thoirt seachad an cois na h-aplacaid, ’s urrainn dhuibh lethbhreacan a dhèanamh dhen docamaideadh agus a chleachdadh mar ghoireas fiosrachaidh dhuibh fhèin.
- 5. CUINGEACHADH TEICNEOLAIS IS ÀS-MHALAIRT. Dh’fhaoidte gu bheil an aplacaid seo fo bhuaidh laghan nan Stàitean Aonaichte no feadhainn eadar-nàiseanta a thaobh smachdadh teicneolais no laghan is conn-riaghailtean às-phortaidh. Feumaidh sibh gèilleadh ris na laghan is conn-riaghailtean ionadail is eadar-nàiseanta a thaobh às-phortaidh an teicneolais a chleachdas an aplacaid no a tha e a’ cur taic ris. Tha na laghan seo a’ gabhail a-steach cuingeachaidhean air cinn-uidhe, cleachdaichean deireannach agus cleachdadh deireannach. Airson barrachd fiosrachaidh mu bhathar le comharra-malairt Microsoft, tadhailibh air an làrach-lìn mu às-phortadh aig Microsoft (https://go.microsoft.com/fwlink/?linkid=868967).
- 6. SEIRBHEISEAN TAICE. Cuiribh fios gu foillsichear na h-aplacaid airson faighinn a-mach a bheil seirbheisean taice sam bith ri am faighinn. Chan eil uallach air Microsoft, saothraiche a’ bhathar-chruaidh no a’ ghiùlanair uèirleas agaibh (ach nuair as e foillsichear na h-aplacaid a th’ ann an aonan dhiubh) airson seirbheisean-taice sam bith mu choinneamh na h-aplacaid.
- 7. AN t-AONTA SLÀN. ’S e an t-aonta seo, poileasaidh prìobhaideachd iomchaidh sam bith, teirmichean a bharrachd sam bith a thig an cois na h-aplacaid agus teirmichean nan iar-leasachan is ùrachaidhean an t-aonta ceadachais slàn eadar thu fhèin agus foillsichear na h-aplacaid.
- 8. AN LAGH IOMCHAIDH.
- a. Na Stàitean Aonaichte is Canada. Ma fhuair thu an aplacaid sna Stàitean Aonaichte no Canada, bidh tuigsinn nan teirmichean seo, tagraidhean gun deach am briseadh is tagraidhean sam bith eile (a’ gabhail a-steach dìon luchd-caitheimh, co-fharpais neo-chothromach is tagraidhean torta) fo bhuaidh lagha na stàite no mòr-roinne far a bheil thu a’ fuireach (no, ma tha thu nad ghnìomhachas, far a bheil a’ chiad ionad gnìomhachais agaibh) a dh’aindeoin còmhstri eadar prionnsabalan lagha.
- b. Taobh a-muigh nan Stàitean Aonaichte is Canada. Ma cheannaich sibh an aplacaid ann an dùthaich sam bith eile, ’s e laghan na dùthcha sin a bhios iomchaidh.
- 9. BUIL LAGHAIL. Tha an t-aonta seo a’ mìneachadh cuid a chòraichean laghail. Faodaidh gum bi còraichean eile agaibh fo laghan ur dùthcha no stàite. Chan atharraich an t-aonta seo na còraichean a tha agaibh fo laghan ur stàite no dùthcha mur eil na laghan sin ga cheadachadh.
- 10. AITHRIS-ÀICHIDH NAM BARANTASAN. Tha an aplacaid fo cheadachas “mar a tha e”, “le gach lochd na bhroinn” agus “mar a gheibhear i”. Chan eil foillsichear na h-aplacaid, às a leth fhèin no às leth Microsoft (mur e Microsoft foillsichear na h-aplacaid), giùlanairean uèirleas a thèid an lìonra aca a chleachdadh gus an aplacaid a sholar agus gach aon dhe na dlùth-chompanaich, reiceadairean, àidseantan is solaraichean againn (“pàrtaidhean fo bhuaidh”) a’ toirt barantas no cumha cumhnaint sam bith eile a thaobh na h-aplacaid. Tha gach barantas riatanach agad mar a dh’iarras an lagh ach chan eil sinne a’ toirt barantasan a bharrachd. Chun a h-ìre a cheadaicheas na laghan ionadail, tha na pàrtaidhean fo bhuaidh a’ dùnadh a-mach barantas riatanach fillte sam bith, a’ gabhail a-steach feadhainn a thaobh so-mharsantachd, ion-fhreagarrachd a chùm amais shònraichte, sàbhailteachd, cofhurtachd agus neo-bhriseadh a-steach.
- 11. CRÌOCHAN AIR FUASGLAIDHEAN AGUS AIRGEAD-DÌOLAIDH.
- a. Cha bhi fiachanais air foillsichear na h-aplacaid airson susbaint chleachdaichean no stuthan treas-phàrtaidhean sam bith eile, a’ gabhail a-steach ceanglaichean gu làraichean-lìn aig treas-phàrtaidhean agus gnìomhan a tha an luchd-cleachdaidh a’ solar. Chan urrainnear susbaint no gnìomhan mar sin a chur as leth foillsichear na h-aplacaid agus chan eil iad a’ riochdachadh beachdan foillsichear na h-aplacaid.
- b. Cha bhi fiachanais air foillsichear na h-aplacaid ach ma chaidh uallaichean cudromach nan teirmichean ceadachais seo a bhriseadh.
- c. Cha bhi foillsichear na h-aplacaid, na h-àidseantan ionadaich aige agus/no an luchd-ionaid laghail aige buailteach do chron nach gabh a ro-aithneachadh, cron neo-àbhaisteach agus/no call ionmhais a thaibh cron neo-dhìreach, a’ gabhail a-steach call prothaid, ach ma bha foillsichear na h-aplacaid, na h-àidseantan ionadaich aige agus/no an luchd-ionaid laghail aige ri mòr-dhearmad no droch-ghiùlan a dh’aona-ghnothach.
- d. Cha bhi buaidh aig crìochan an fhiachanais air fiachanas achdail gun-lochd aig foillsichear aplacaid, a’ gabhail a-steach, gun chuingeachadh, fiachanas fo achd fiachanas bathair agus fiachanas achdail a thaobh briseadh barantais. Bidh an dearbh rud fìor mu fhiachanas foillsichear aplacaid, nan àidseantan ionadaich aige agus/no an neach-ionaid laghail aige ma bha iad ri foill no dearmad a dh’adhbharaich leòn pearsanta no bàs.
- e. Chan fhaod tagraidhean cùmhnaint no laghail a bharrachd air an fheadhainn a tha sna fo-earrannan (a) gu (e) dhen earrann 11 seo èirigh o na teirmichean ceadachas aplacaid seo agus/no cleachdadh na h-aplacaid no nan seirbheisean a tha gan solar slighe na h-aplacaid.
Na seirbheisean air a bhios seo an sàs
Tha na batharan, aplacaidean is seirbheisean a leanas fo bhuaidh aonta seirbheisean Microsoft ach dh’fhaoidte nach bidh iad ri am faighinn sa mhargadh agaibh.
- Account.microsoft.com
- Aimsir MSN
- Airgead MSN
- Am Bùth
- An tionndadh an-asgaidh dhe Microsoft 365
- Aplacaid Device Health
- Aplacaid luirg Bing
- Aplacaid nam mapaichean
- Aplacaid SMS Organizer
- Aplacaidean Bing
- Aplacaidean is seirbheisean a tha gan gabhail a-staigh ann am fo-sgrìobhaidhean Microsoft 365 Consumer
- Aplacaidean is seirbheisean a tha gan gabhail a-staigh ann am Microsoft 365 Basic
- Aplacaidean is seirbheisean a tha gan gabhail a-staigh ann am Microsoft 365 Family
- Aplacaidean is seirbheisean a tha gan gabhail a-staigh ann am Microsoft 365 Personal
- Biadh ⁊ Deochan MSN
- Bing Dictionary
- Bing Image and News (iOS)
- Bing Search APIs/SDKs
- Bing Translator
- Bing Webmaster
- Bing.com
- Bingplaces.com
- Bùth Office
- Bùth Windows
- ceangal ri Windows
- ceangal ris an fhòn
- Clipchamp
- Cortana skills by Microsoft
- Cortana
- Cruinneachaidhean Microsoft
- Cruinneachaidhean
- Cruthadair nan dealbhan o dhealbhaiche Microsoft
- Cuidiche aiseag is taic Office 365 aig Microsoft
- Cunntas Microsoft
- Default Homepage and New Tab Page on Microsoft Edge
- Dev Center App
- Dictate
- Duilleagan Bing
- education.minecraft.net
- Face Swap
- Feedback Intake Tool for Azure Maps (aka “Azure Maps Feedback”)
- Filmichean ⁊ TBh Microsoft
- Forms.microsoft.com
- forzamotorsport.net
- Fuasglair matamataig Microsoft
- Geamannan Minecraft
- Geamannan, aplacaidean is làraichean-lìn Windows a dh’fhoillsich Microsoft
- Geamannan, aplacaidean ’s làraichean-lìn Xbox Game Studios
- Groove Music Pass
- Groove
- GroupMe
- LineBack
- Lorg Microsoft air Bing
- Mapaichean Bing
- Microsoft 365 airson an lìn
- Microsoft 365 airson àrainneachdan ceangailte roghainneil
- Microsoft 365 Business Standard, Microsoft 365 Business Basic, Microsoft 365 Apps, Microsoft 365 app, Microsoft 365 Copilot, Microsoft 365 Copilot app, and Microsoft 365 Copilot Chat*
- *Until a commercial domain is established for use of these services, at which time separate Microsoft commercial terms will govern instead.
- Microsoft 365 Consumer
- Microsoft 365 Family
- Microsoft 365 Personal
- Microsoft Academic
- Microsoft Add-Ins for Skype
- Microsoft Bots
- Microsoft Copilot
- Microsoft Defender do dhaoine fa leth
- Microsoft Educator Community
- Microsoft Health
- Microsoft Launcher
- Microsoft Loop
- Microsoft Pay
- Microsoft Pix
- Microsoft Reading Coach
- Microsoft Research Interactive Science
- Microsoft Research Open Data
- Microsoft Rewards
- Microsoft Soundscape
- Microsoft Sway
- Microsoft Teams
- Microsoft Translator
- Microsoft Wallpaper
- MileIQ
- Minecraft Realms Plus and Minecraft Realms
- Mixer
- MSN (air an robh Microsoft Start roimhe seo)
- MSN Dial Up
- MSN Explorer
- MSN Premium
- MSN.com
- Naidheachdan MSN
- Next Lock Screen
- OneDrive.com
- OneDrive
- OneNote.com
- Outlook.com
- Paint 3D
- Presentation Translator
- rise4fun
- Seeing AI
- Send
- Siubhal MSN
- Skype in the Classroom
- Skype Manager
- Skype.com
- Skype
- Slàinte ⁊ Fitness MSN
- Smart Search
- Snip Insights
- Spreadsheet Keyboard
- Spòrs MSN
- Sway.com
- Taic Microsoft (luchd-caitheimh)
- Teaghlach Microsoft
- to-do.microsoft.com
- Translator for Microsoft Edge
- Translator Live
- Universal Human Relevance System (UHRS)
- UrWeather
- ux.microsoft.com
- Video Breakdown
- Visio Online
- Web Translator
- whiteboard.office.com
- Windows Live Mail
- Windows Live Writer
- Windows Movie Maker
- Windows Photo Gallery
- Xbox Cloud Gaming
- Xbox Game Pass
- Xbox Live Gold
- Xbox Live
- Xbox Music
- Xbox Store
- Ìsleachaidhean Bing
Eintiteasan cùmhnantach dhlùth-chompanach (airson seirbheisean air airgead fon earrann 10(b))
Chan eil eintiteasan cùmhnantach dhlùth-chompanach ann aig an àm seo. ’S e Microsoft Ireland Operations Limited an t-eintiteas cùmhnantach agad.