This is the Trace Id: 8db6f5e74514f0bb8083c72e47a283e4

Geàrr-chunntas air na h-atharraichean air aonta seirbheisean Microsoft – 30mh dhen t-Sultain 2025

Tha sinn ag ùrachadh aonta seirbheisean Microsoft a tha a’ riaghladh mar a chleachdas tu seirbheisean is batharan luchd-caitheimh air loidhne Microsoft. Tha an duilleag seo a’ toirt dhut geàrr-chunntas air cuid dhe na h-atharraichean as cudromaiche air aonta seirbheisean Microsoft.

Gus a h-uile atharrachadh fhaicinn, mholamaid gun leugh thu aonta seirbheisean Microsoft gu slàn an-seo.

  1. ’S e an 30mh dhen Iuchair 2025 an ceann-là foillseachaidh sa bhann-chinn a-nis agus e ann an èifeachd on 30mh dhen t-Sultain 2025.
  2. San earrann “An t-susbaint agad”, tha earrann ùr a-nis “c.” a tha a’ buntainn ri dàta a ghabhas às-phòrtadh.
  3. San earrann “Taic” am broinn na h-earrainn “Cleachdadh nan seirbheisean ⁊ na taice”, thug sinn air falbh ceanglaichean-lìn a bha ceàrr is rinn sinn soilleir gum bi cuid a sheirbheisean, ma dh’fhaoidte, a’ tairgsinn taic fa leth no a bharrachd agus gum bi taic mar sin fo bhuaidh teirmichean taobh a-muigh aonta seirbheisean Microsoft ma dh’fhaoidte.
  4. San earrann “Tairgsean le ùine triail” am broinn na h-earrainn “Teirmichean pàighidh”, rinn sinn nas soilleire gum feum thu an t-ath-nuadhachadh fèin-obrachail a chur air mus fhaigh thu cuid a thairgsean le ùine triail.
  5. San earrann mu na “Teirmichean a-rèir seirbheise”, dh’atharraich sinn na leanas:
    • San earrann “Seirbheisean Xbox” am broinn na h-earrainn “Xbox”, rinn sinn nas soilleire gum bi thu fo bhuaidh còraichean cleachdadh Microsoft a tha gam mìneachadh san earrann ud ma chlàraicheas tu a-steach gu uidheam no ùrlar leis a’ chunntas Microsoft agad no ma cheanglas tu an cunntas Microsoft agad ri uidheam no ùrlar mar sin airson cothrom fhaighinn air seirbheis nach ann le Microsoft. A bharrachd air sin, rinn sinn nas soilleire nach bi, ma dh’fhaoidte, roghainnean Family Safety a bhuineas dìreach ri Xbox an gnìomh ma nithear inntrigeadh do gheamannan no seirbheisean Xbox Game Studios tro uidheam no ùrlar aig treas-phàrtaidh.
    • A rèir nan atharraichean san earrann “Seirbheisean Xbox”, leudaich sinn an earrann “Gleusan teaghlach Microsoft” fon earrann “Xbox” a thaobh roghainnean Family Safety a bhuineas ri Xbox fhèin agus nach bi an comas, ma dh’fhaoidte, ma nithear inntrigeadh do gheamannan no seirbheisean Xbox Game Studios tro uidheaman no ùrlaran le treas-phàrtaidh.
    • Chuir sinn air gleus an earrann mu “Skype, Microsoft Teams agus GroupMe” a chionn ’s gu bheil sinn a’ cur Skype air chluaineas.
    • Chaidh an earrann “Cuingeachaidhean ⁊ crìochan air puingean” fon earrann “Microsoft Rewards” a chur air gleus is tha e a’ mìneachadh a-nis gum falbh an ùine air puingean nach deach an cur gu feum mur an do choisinn no mur an do chuir thu gu feum puingean fad 12 mhìos an dèidh a chèile.
    • Chaidh an earrann “A’ cur gu neoini a’ chunntais Rewards agad” fon earrann “Microsoft Rewards” a chur air gleus is tha e a’ mìneachadh a-nis gun urrainn dhuinn cunntas Rewards a chur gu neoini mur am bi thu air clàradh a-steach fad 12 mhìos an dèidh a chèile.
    • Chaidh earrann ùr mu chuingeachadh cleachdaidh a chur ris an earrann “Seirbheisean AI”.
    • Chaidh earrann ùr mu na “Seirbheisean conaltraidh” a chur ris a tha ag innse gu bheil seirbheisean a bheir comas conaltraidh eadar daoine dhut, mar Skype, Teams is Outlook, fo bhuaidh theirmichean cleachdaidh a bharrachd. Tha reifreans air na teirmichean ud is tha ceanglaichean ann riutha san earrann seo.
  6. Air feadh nan teirmichean, dh’atharraich sinn grunn rudan ach am bi iad nas soilleire agus gus an gràmar, mearachdan litreachaidh is cùisean eile d’ an leithid a chàradh. Dh’ùraich sinn ainmean is ceanglaichean-lìn cuideachd.