TEIRMICHEAN CEADACHAIS ÀBHAISTEACH AIRSON APLACAID
MICROSOFT STORE, WINDOWS STORE AGUS BÙTH XBOX
Air ùrachadh Dàmhair 2017

Tha teirmichean a’ cheadachais seo na aonta eadar thu fhèin agus foillsichear na h-aplacaid. Feuch is leugh iad gu cùramach. Tha na h-aplacaidean bathair-bhog a luchdaicheas tu a-nuas on Microsoft Store, on Windows Store no o Bhùth Xbox buailteach dhaibh (’s e an “Store” a tha orra uile sa cheadachas seo), a’ gabhail a-steach ùrachadh no iar-leasachan sam bith aige ach ma thig teirmichean sònraichte ri linn na h-aplacaid. Ma thig, ’s iad an fheadhainn ud a bhios an sàs.

MA LUCHDAICHEAS TU A-NUAS AN APLACAID NO MA CHLEACHDAS TU E NO MA DH’FHEUCHAS TU RIS, BIDH THU AG AONTACHADH RIS NA TEIRMICHEAN SEO: MURA GABH THU RIUTHA, CHA BHI CEAD AGAD AN APLACAID A LUCHDADH A-NUAS NO A CHLEACHDADH.

’S e an t-eintiteas a bheir dhut an aplacaid air ceadachas a tha ann am foillsichear na h-aplacaid mar a chithear san Store.

Ma ghèilleas tu ri teirmichean a’ cheadachais seo, bidh na còraichean a leanas agad.
1. CÒRAICHEAN STÀLAIDH IS CLEACHDAIDH; FALBH NA h-ÙINE. Faodaidh tu an aplacaid a stàladh ’s a chleachdadh air uidheaman Windows no consoilean Xbox mar a tha ga mhìneachadh ann an riaghailtean a’ chleachdaidh againn. Tha Microsoft a’ glèidheadh na còrach gun atharraicheamaid riaghailtean a’ chleachdaidh againn uair sam bith.
2. SEIRBHEISEAN STÈIDHICHTE AIR AN EADAR-LÌON.

a. Aonta airson seirbheisean a tha stèidhichte air an eadar-lìon no uèirleas. Ma nì an aplacaid ceangal ri siostaman coimpiutair slighe an eadar-lìn a dh’fhaodas gabhail a-steach lìonra uèirleas agus ma chleachdas tu an aplacaid, tuigear dheth gu bheil thu ag aontachadh ri tar-chur fiosrachaidh àbhaistich mun uidheam agad (a’ gabhail a-steach ach chan ann a-mhàin fiosrachadh teicnigeach mun uidheam, siostam is bathar-bog na h-aplacaid agad is uidheaman-taice) airson seirbheisean uèirleas no feadhainn a tha stèidhichte air an eadar-lìon. Ma thèid teirmichean eile a thoirt dhut a tha co-cheangailte ri cleachdadh nan seirbheisean leat nuair a nì thu inntrigeadh dhaibh leis an aplacaid, bidh na teirmichean sin an sàs cuideachd.

b. Mì-fheum de na seirbhisean stèidhichte air an eadar-lìon. Chan fhaod thu seirbheis-lìn sam bith a chleachdadh air dòigh a nì cron no bacadh air daoine eile a chleachdas an lìonra uèirleas. Chan fhaod thu an t-seirbheis a chleachdadh gus cothrom mì-laghail fhaighinn air seirbheis, dàta, cunntas no lìonra sam bith air dòigh sam bith.

3. SGÒP A’ CHEADACHAIS. Thathar a’ toirt seachad na h-aplacaid seo air ceadachas agus chan eilear ga reic. Cha toir an t-aonta seo dhut ach cuid a chòraichean cleachdaidh air an aplacaid. Ma bheir Microsoft an cothrom air falbh gun cleachd sibh na h-aplacaidean air na h-uidheaman agaibh ri linn nan teirmichean seo, thig crìoch air gach còir cleachdaidh cho-cheangailte. Tha foillsichear na h-aplacaid a’ glèidheadh gach còrach eile. Mur eil lagh iomchaidh ann a bheir barrachd chòraichean dhut a dh’aindeoin a’ chuingeachaidh seo, chan fhaod thu an aplacaid a chleachdadh ach mar a thathar a’ mìneachadh san aonta seo. Nuair a chleachdas tu e, feumaidh tu gèilleadh ri cuingeachadh teicnigeach sam bith a tha san aplacaid agus nach leig leat a chleachdadh ach air dòighean àraidh. Chan fhaod thu:

a. Gabhail thairis air cuingeachadh teicnigeach san aplacaid.

b. Einnseanaireachd chontrarra a dhèanamh air an aplacaid, a dhì-thrusadh no a dhì-thional thairis air na tha ceadaichte dhut fo na laghan iomchaidh a dh’aindeoin a’ chuingeachaidh seo.

c. Barrachd lethbhreacan dhen aplacaid seo a dhèanamh thairis air na tha ceadaichte san aonta seo no fo na laghan iomchaidh a dh’aindeoin a’ chuingeachaidh seo.

d. An aplacaid fhoillseachadh no lethbhreacan dheth a chur ri làimh dhaoine eile air dòigh sam bith eile.

e. An aplacaid a thoirt seachad air mhàl, lìos no iasad.

f. An aplacaid no an t-aonta seo a shìneadh air adhart gu treas-phàrtaidh sam bith.
4. DOCAMAIDEADH. Ma tha docamaideadh ga thoirt seachad an cois na h-aplacaid, ’s urrainn dhut lethbhreacan a dhèanamh dhen docamaideadh agus a chleachdadh mar ghoireas fiosrachaidh dhut fhèin.
5. CUINGEACHADH TEICNEOLAIS IS ÀS-MHALAIRT. Dh’fhaoidte gu bheil an aplacaid seo fo bhuaidh laghan nan Stàitean Aonaichte no feadhainn eadar-nàiseanta a thaobh smachdadh teicneolais no laghan is conn-riaghailtean às-phortaidh. Feumaidh tu gèilleadh ris na laghan is conn-riaghailtean ionadail is eadar-nàiseanta a thaobh às-phortaidh an teicneolais a chleachdas an aplacaid no a tha e a’ cur taic ris. Tha na laghan seo a’ gabhail a-steach cuingeachaidhean air cinn-uidhe, cleachdaichean deireannach agus cleachdadh deireannach. Airson barrachd fiosrachaidh mu bhathar le comharra-malairt Microsoft, tadhail air an làrach-lìn mu às-phortadh aig Microsoft (http://go.microsoft.com/fwlink/?LinkId=242130).
6. SEIRBHEISEAN TAICE. Cuir fios gu foillsichear na h-aplacaid airson faighinn a-mach a bheil seirbheisean taice sam bith ri am faighinn. Chan eil uallach air Microsoft, saothraiche a’ bhathar-chruaidh no a’ ghiùlanair uèirleas agad (ach nuair as e foillsichear na h-aplacaid a tha ann an aonan dhiubh) airson seirbheisean-taice sam bith mu choinneamh na h-aplacaid.
7. AN t-AONTA SLÀN. ’S e an t-aonta seo, poileasaidh prìobhaideachd iomchaidh sam bith, teirmichean a bharrachd sam bith a thig an cois na h-aplacaid agus teirmichean nan iar-leasachan is ùrachaidhean an t-aonta ceadachais slàn eadar thu fhèin agus foillsichear na h-aplacaid.
8. AN LAGH IOMCHAIDH.

a. Na Stàitean Aonaichte is Canada. Ma fhuair thu an aplacaid sna Stàitean Aonaichte no Canada, bidh tuigsinn nan teirmichean seo, tagraidhean gun deach am briseadh is tagraidhean sam bith eile (a’ gabhail a-steach dìon luchd-caitheimh, co-fharpais neo-chothromach is tagraidhean torta) fo bhuaidh lagha na stàite no mòr-roinne far a bheil thu a’ fuireach (no, ma tha thu nad ghnìomhachas, far a bheil a’ chiad ionad gnìomhachais agaibh) a dh’aindeoin còmhstri eadar prionnsabalan lagha.

b. Taobh a-muigh nan Stàitean Aonaichte is Canada. Ma cheannaich thu an aplacaid ann an dùthaich sam bith eile, ’s e laghan na dùthcha sin a bhios iomchaidh.
9. ÈIFEACHD LAGHAIL. Tha an t-aonta seo a' mìneachadh cuid a chòraichean laghail. Faodaidh gum bi còraichean eile agad fo laghan ur dùthcha no stàite. Chan atharraich an t-aonta seo na còraichean a tha agad fo laghan ur stàite no dùthcha mur eil na laghan sin ga cheadachadh.
10. AITHRIS-ÀICHIDH NAM BARANTASAN. Tha an aplacaid fo cheadachas “mar a tha e”, “le gach lochd na bhroinn” agus “mar a gheibhear i”. Tha thu ga chleachdadh air do chunnart fhèin. Chan eil foillsichear na h-aplacaid, às a leth fhèin no às leth Microsoft (mur e Microsoft foillsichear na h-aplacaid), giùlanairean uèirleas a thèid an lìonra aca a chleachdadh gus an aplacaid a sholar is gach aon dhe na dlùth-chompanaich, reiceadairean, àidseantan is solaraichean againn (“pàrtaidhean fo bhuaidh”) a’ toirt barantas no cumha sam bith eile a thaobh na h-aplacaid. ’S ann ort fhèin a tha an cunnart air fad a thaobh càileachd, sàbhailteachd, cofhurtachd is dèanadas na h-aplacaid. Ma thachras gum bi an aplacaid lochdach, ’s ann ort-sa a bhios uallach a thaobh cosgaisean obair chàraidh no seirbheise sam bith. Dh’fhaoidte gum bith còraichean luchd-caitheimh eile agad a-rèir nan laghan far a bheil ’s nach urrainn dhan aonta seo atharrachadh. Chun a h-ìre a cheadaicheas na laghan ionadail agad, tha na pàrtaidhean fo bhuaidh a’ dùnadh a-mach barantas no cumha fillte sam bith, a’ gabhail a-steach feadhainn a thaobh so-mharsantachd, ion-fhreagarrachd a chum amais shònraichte, sàbhailteachd, cofhurtachd agus neo-bhriseadh a-steach.
11. CRÌOCHAN AGUS ÀS-DÙNADH FHUASGLAIDHEAN AGUS AIRGEAD-DÌOLAIDH. Chun na h-ìre nach eil toirmisgte fon lagh, ma tha adhbhar iomchaidh agad airson ath-dhìoladh a thagradh, chan urrainn dhut fhaighinn air ais o fhoillsichear na h-aplacaid ach damaistean dìreach suas chun na suime a phàigh thu airson na h-aplacaid no US$1.00, ge be dè an t-suim a tha nas motha. Cha sir thu damaiste sam bith eile agus tha thu a’ diùltadh cead sam bith orra, a’ gabhail a-steach prothaid a chailleadh ri linn no damaistean sònraichte, neo-dhìreach no co-thuiteamach o fhoillsichear na h-aplacaid. Ma tha na laghan ionadail agad a’ sparradh barantas no cumha ort fiù mur eil na teirmichean seo a’ dèanamh sin, mairidh sin suas ri 90 latha on latha a luchdaich thu a-nuas an aplacaid air a’ char as fhaide.

Tha na leanas buailteach dhan chuingeachadh seo:
Rud sam bith a tha co-cheangailte ris an aplacaid no seirbheisean a gheibhear tron aplacaid; agus
Tagraidhean airson briseadh cùmhnaint, barantais no cumha; buailteachd daingeann, dearmad no tort eile; briseadh de reachdas no conn-riaghladh; beartachadh mì-chothromach; no fo theòirig sam bith eile; iad uile chun na h-ìre as fhaide a tha ceadaichte fon lagh iomchaidh.

Bidh e an sàs fiù:
Mur an toirt am fuasgladh seo làn ath-dhìoladh dhut air call sam bith; no
Ma bha fhios aig an fhoillsichear no nam bu chòir fios a bhith aige mu na damaistean a dh’fhaodadh èirigh.